
08/12/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 388
Duration: 05:24
Litir 388: Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Bha mi ann an àite an latha eile – ann an Alba – a thug toileachas mòr dhomh. Àite spaideil far an robh coltas ann gu robh clann a’ faighinn deagh oideachadh. Bhruidhinn mi dà chànan fhad ’s a bha mi ann, agus cha robh Beurla nam measg. Bhruidhinn mi Gàidhlig agus Fraingis. Bha mi ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Thug e ùine, ach tha àrd-sgoil fa leth againn a-nise far a bheil na sgoilearan a’ faighinn mòran dhen teagasg tro Ghàidhlig. ’S e Gàidhlig prìomh chànan na sgoile. Nuair a thàinig clann do dh’oifis na sgoile fhad ’s a bha mi ann, ’s e Gàidhlig a bha iad a’ bruidhinn gu siùbhlach ri muinntir na h-oifis. ’S ann mar sin a bu chòir cùisean a bhith ann am mòran sgoiltean ann an Alba.
Tha seo a’ tachairt ann am baile mòr air a’ Ghalltachd an àite air a’ Ghàidhealtachd. Tha Comhairle Baile Ghlaschu air a bhith deònach an ceum sin a ghabhail, agus mìle meal an naidheachd orra. Bu chòir do chomhairlean eile ann an Alba, gu seachd àraidh anns na h-Eileanan Siar, an eisimpleir a leantainn.
Ach a bheil e annasach gu bheil an leasachadh seo a’ dol air adhart ann am baile mòr? ’S dòcha nach eil e annasach idir. ’S dòcha gu bheil sinn a’ faicinn atharrachadh a’ tighinn air suidheachadh na Gàidhlig a-rithist, agus an cànan a’ dèanamh adhartas anns na bailtean mòra, fhad ’s a tha i a’ crìonadh air an dùthaich. Agus bu chòir dhuinn cuimhneachadh gu bheil na mìltean de luchd na Gàidhlig air a bhith ann an Glaschu bho chionn fhada.
Chan eil Glaschu leis fhèin anns an dòigh sin ann an saoghal farsaing nan Gàidheal. Bha mi a’ leughadh leabhar mu eachdraidh Gàidhlig na h-Èireann ann am Beal Feirste o chionn ghoirid. Bha e inntinneach dhomh gu robh coimhearsnachd de luchd-labhairt a’ chànain anns a’ bhaile sin anns an naoidheamh linn deug. Agus ’s e an aon dualchainnt a bh’ aca.
’S e na Fadgies a chainte riutha. Thàinig am facal sin bho Pháidí – an t-ainm Paddy anns an tuiseal ghairmeach. Bhuineadh na Gàidheil sin do bhaile beag air bruach Loch Cairlinn, loch mara gu deas air Beal Feirste. ’S e Ó Méith an t-ainm air a’ bhaile. Chaidh mòran dhiubh a Bheal Feirste a dh’fhuireach anns na seachdadan is ochdadan dhen naoidheamh linn deug. ’S e luchd-malairt a bh’ annta. Bhiodh iad a’ reic èisg is glasraich is mòran rudan eile. Bha iad a’ fuireach anns an aon sgìre dhen bhaile agus is iongantach mura robh iad a’ labhairt ri chèile ann an Gàidhlig na h-Èireann a’ chuid a bu mhotha dhen ùine.
Chan e mhàin gun robh Gaeilge aca a bha cudromach, ach gu robh an dualchas co-cheangailte ris a’ chànan anns an dùthaich dham buineadh iad gu math làidir. Dh’ionnsaich Seán Mac Maoláin mòran de a chuid Gaeilge bhuapa, agus rinn esan tòrr airson a’ chànain ann am Beal Feirste aig toiseach an fhicheadamh linn.
Chaidh coimhearsnachd nam Fadgies a chur ma sgaoil anns na naochadan dhen naoidheamh linn deug, nuair a chaidh Oifis Mhòr a’ Phuist a thogail far an robh iad a’ fuireach. Agus an-diugh, fhad ’s a tha Gàidhlig na h-Èireann a’ fàs nas làidire ann am Beal Feirste, tha i an ìre mhath air a dhol a bìth anns a’ bhaile bheag on tàinig iad – Ó Méith. Tha mi an dòchas nach bi cuideigin, an ceann leth-cheud bliadhna, a’ sgrìobhadh an dearbh rud mu Ghlaschu agus na h-Eileanan Siar.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.