
15/12/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 389
Duration: 05:37
Litir 389: Earra-Ghàidheal
O chionn mòran bhliadhnaichean a-nise, rinn mi sreath phrògraman rèidio air eileanan beaga ann an Earra-Ghàidheal. Thadhail mi air Giogha, Ulbha, na h-Eileanan Treisnis, Colasa agus Lios Mòr. Chòrd iad uile rium. Gu dearbh, cha chreid mi gu robh mi riamh ann an àite sam bith air a’ Ghàidhealtachd, co-dhiù air eileanan beaga na Gàidhealtachd, nach do chòrd rium.
Ach tha Lios Mòr a’ stobadh a-mach bhon chòrr nam chuimhne. ’S iad dà rud as coireach ri sin, chanainn – neart na Gàidhlig anns an eilean, agus fear a bha mion-eòlach air eachdraidh is dualchas an àite agus a thug taic mhòr dhomh. B’ esan Dòmhnall MacIlleDhuibh. ’S e sàr Ghàidheal is duine gasta a th’ ann.
Tha Dòmhnall còir air leabhar a thoirt a-mach o chionn ghoirid – mu dheidhinn Lios Mòr. Tha an leabhar dà-chànanach agus tha na pìosan Gàidhlig sgrìobhte ann an dualchainnt an eilein. ’S e an t-ainm a th’ air an leabhar Sgeul no Dhà às an Lios/A Tale or Two from Lismore.
Nuair a bha mi san eilean, dh’innis Dòmhnall dhomh mu Mholuag, agus tha earrann anns an leabhar mu dheidhinn. Bha an Naomh Moluag gu math cudromach ann an eachdraidh na h-Alba. Thathar a’ smaoineachadh gur e Cruithneach à Èirinn a bh’ ann. Bha e beò aig an aon àm ri Calum Cille. Seo na chanas Dòmhnall anns an leabhar:
Innsidh beul-aithris mun labhairt a bha eadar an dithis Naomh nuair a bha Moluag a’ toirt Chaluim Chille air cuairt tro Lios Mòr:
Calum Cille: “An e seo an Gàrradh Mòr?”
Moluag: “’S e Lios torrach a tha an seo.”
Bha Moluag na anam-charaid do Lios Mòr. Ainm-charaid – a “soul friend”. Fhuair e foghlam ann am Manachainn Bheanachair ann an ceann a tuath na h-Èireann. Tha Dòmhnall ag innse dhuinn gun robh Moluag anns a’ mhanachainn aig an aon àm ri Briannan am Maraiche. Seo earrann eile aig Dòmhnall:
Còmhla ris bhiodh dà Abstalach dheug. Thàinig iad gu cladach air taobh an ear an eilein. Bràigh Port Moluag, agus ri taobh an uillt bha craobhan feàrn a’ cinntinn – craobhan a tha a’ cinntinn gus an là an-diugh ri taobh a’ cheart uillt: cuimhneachan maireannach den Naomh Moluag, a rinn siubhal fada ’s farsaing air feadh na h-Alba a’ sgaoileadh an t-Soisgeil. Bho Lios Mòr chaidh e air cuairt suas Gleann Mòr na h-Alba gu ruig an t-Eilean Dubh, far an do stèidhich e Manachainn an Ros Mhaircnidh, agus cuideachd aig Morthlach, dlùth air far a bheil baile Eilginn a-nis. Anns na h-àiteachan sin bha na manaich a’ teagasg na h-òigridh mar ann an oilthighean. A bharrachd air sgrìobhadh is cunntas, bha iad a’ teagasg sgrìobhadh le dealbhan dathach. Chaidh àiteachan Crìosdail a stèidheachadh ann an ainm Mholuag ann am Muile, Tiriodh, Ratharsair agus an t-Eilean Sgitheanach. Chaidh an Teampall mòr a thogail ann an ainm Mholuag ann an ceann a tuath Leòdhais. Sheòl e cho fada tuath ri Innis Tìle ....
Chaochail Moluag anns a’ bhliadhna còig ceud, naochad ’s a dhà (592). Tha Dòmhnall ag innse dhuinn gun robh e air a thiodhlacadh ann an Àird Chlach faisg air Eilginn agus gun do “dh’fhalbh ceithir air fhichead de ghillean làidir Liosach agus ghiùlain iad a dhuslach a h-uile ceum air ais don Lios. Chaidh a thiodhlacadh a-rithist far an deachaidh Àrd-eaglais Earra-Ghàidheal a thogail ann an sia ceud bliadhna ri teachd.”
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.