
29/12/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 391
Duration: 05:40
Litir 391: Tuiltean
Tha sinn cleachdte ri tuiltean anns na h-aibhnichean againn, nach eil? Tha mòran dhen bheachd gur e Blàthachadh na Cruinne as coireach ris an uiread de thuiltean a tha sinn a’ faighinn. Ach fada mus robh guth air a leithid, bha tuiltean fìor dhona ann. Am measg an fheadhainn a bu mhiosa a chaidh a chlàradh a-riamh bha na tuiltean mòra ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829).
Mar a chunnaic sinn an t-seachdain sa chaidh, bha iad dona gu leòr ann an Siorrachd Rois. Bha iad dona cuideachd ann an Cataibh, Gallaibh agus Arcaibh. Ach ’s e Moireibh an t-àite a bu mhotha a dh’fhuiling. Bha dìle uabhasach anns a’ Mhonadh Ruadh agus anns a’ Mhonadh Liath. Agus chaidh uisge mòr a-steach gu trì aibhnichean gu h-àraidh – Uisge Losaidh, Uisge Èireann agus Uisge Narann. Bha lighe mhòr anns na trì.
Thòisich e air sileadh feasgar na Sàbaid, an dàrna latha dhen Lùnastal. Ann an Hunndaidh eadar còig uairean sa mhadainn air an treas latha agus còig uairean sa mhadainn air a’ cheathramh latha dhen mhìos, thuit trì òirlich de dh’uisge. Bha sin co-ionann ris an t-siathamh pàirt de na bhiodh an t-àite sin a’ faighinn ann am bliadhna. Tha Hunndaidh pìos mòr air falbh bho na beanntan. Is cinnteach gun robh fad a bharrachd na trì òirlich air talamh àrd a’ Mhonaidh Lèith.
Rinn an tuil sgrios air mòran drochaidean. Bha muileann fùcaidh, no muileann luadhaidh, ann am Fàilleadh ann an Srath Narann. Bha uidheamachd ann a bhathar a’ cleachdadh airson clò a luadhadh. Bha an uidheamachd trom. Ach, a dh’aindeoin sin, chaidh a sguabadh air falbh leis an t-sruth. Agus stad i mu dheireadh naoi mìle nas fhaide sìos an abhainn.
Aig Clàbha, ann an Srath Narann, tha seann bharpaichean ainmeil. Sin àiteachan, air an dèanamh de chloich, far an deach daoine a thiodhlacadh anns an t-seann aimsir. Tha na barpaichean air a bhith ann bho Linn an Umha. Gu fortanach sheas iad an aghaidh na tuile. Sheas, agus clach mhòr mhòr a bha aithnichte do mhuinntir an àite mar Clach Mhòr a’ Chruaidh-ghoirtein. Ach cha robh Muileann Chlàbha cho fortanach. Chaidh a sguabadh air falbh.
Bha an aon stòiridh aig na daoine a bha a’ fuireach faisg air na trì aibhnichean. Chaidh sgrios a dhèanamh air Cala Inbhir Narann. Chaidh an drochaid air rathad mòr an Righ, thairis air Uisge Èireann, a leagail. Chaill daoine taighean, bàrr is stoc.
Agus cha robh an gnothach seachad. Dìreach trì seachdainean às dèidh sin – air an t-seachdamh latha fichead dhen Lùnastal – bha dìle bhàthte ann a-rithist. Agus thachair an aon seòrsa sgrios a-rithist. Bha uidheamachd muileann luadhaidh Fàillidh air ais ann am Fàilleadh. Ach chaidh a sguabadh air falbh a-rithist. Bha Muileann Chlàbha air a thogail as ùr. Chaidh a sgrios a-rithist leis an dàrna tuil. Chaidh tuilleadh millidh a dhèanamh air Cala Inbhir Narann is mòran àiteachan eile.
Bha dithis uaislean ann an Caisteal Chaladair airson sealg. Dh’fhalbh fear de luchd-obrach a’ chaisteil ann an cairt airson na màileidean aca a thoirt a dh’Inbhir Nis. Dh’fheuch e ri faighinn tarsainn na h-aibhne ach chaidh a sguabadh air falbh leis an t-sruth. Chuir e seachad seachd uairean a thìde ann am meadhan na h-aibhne – air an oidhche – mus d’ fhuair e a-mach gu sàbhailteachd. Sin mar a bha cùisean ann an Tuil Mhòr Mhoireibh ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.