
26/01/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 395
Duration: 05:42
Litir 395: Heisgeir
Bha sinn ann an Heisgeir an t-seachdain sa chaidh – eileanan beaga gu siar air Uibhist a Tuath. Tha na h-eileanan sin ainmeil an-diugh airson fiadh-bheathaichean – gu seachd àraidh ròin. Bidh timcheall air deich mìle ròn a’ dol air tìr ann an Heisgeir gach bliadhna airson breith an cuileanan. Ach do dhaoine, chan e àite furasta a th’ ann faighinn air tìr, gu h-àraidh ann an droch shìde.
A dh’aindeoin sin, ge-tà, bha sluagh ann uaireigin. Tha na h-eileanan machaireach agus torrach. Tha iad ceangailte ri chèile le fadhlaichean. Agus, a rèir beul-aithris, bha fadhail gan ceangal ri tìr-mòr Uibhist a Tuath. Ach, anns an t-siathamh linn deug, bha stoirm mhòr ann a sguabaich a’ ghainmheach air falbh.
Ma choimheadas sibh air a’ mhap, chì sibh gu bheil dà ainm air na h-eileanan seo – Heisker or Monach Islands. ’S ann bho na Lochlannaich a thàinig an t-ainm Heisgeir. Tha Monach a’ tighinn bhon Ghàidhlig Manach oir bha manaich a’ fuireach ann. Bha manachainn air an eilean as fhaide siar dhiubh – Siolaigh.
Bha mnathan-cràbhaidh ann uaireigin cuideachd. Sin nuns – mnathan-cràbhaidh. ’S e cailleach-dhubh a chanadh daoine ri nun anns an t-seann aimsir. Cailleach-dhubh – air sgath an cuid aodaich. Bha iadsan a’ fuireach air an eilean as fhaide sear – ris an canar an Ceann an Ear an-diugh. Anns an t-seann aimsir, ’s e Heisgeir nan Cailleach a chanadh daoine ris an eilean sin. ’S e sin an t-ainm a thug Dòmhnall Rothach, Deadhan nan Eilean, air ann am meadhan an t-siathamh linn deug – Heisgeir nan Cailleach.
Mun àm sin, thathar ag ràdh gum b’ urrainn do na h-eileanan sin fichead duine a thoirt seachad airson seirbheis anns an arm. Thathar a’ smaoineachadh, airson sin, gun robh mu cheud duine a’ fuireach ann. Tràth san naoidheamh linn deug, dh’fhalbh a’ chuid a bu mhotha de na daoine. Tha feadhainn dhen bheachd gun robh cus bheathaichean ag ionaltradh ann, agus gun do rinn stoirm milleadh mòr. Ach, mean air mhean, thill sluagh agus aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha còrr is ceud is trithead (130) duine ann.
Am measg sin bha an fheadhainn a bha ag obair anns an taigh-sholais. Chaidh an taigh-solais a thogail ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Bha dragh ann mu cho cunnartach ’s a bha a’ mhuir gu siar air Uibhist. Tha tòrr sgeirean is oitirean ann.
Bha an taigh-solais air a thogail ann am meadhan Siolaigh. Bha e ceud, trithead ’s a trì (133) troighean a dh’àirde. Bha e air a thogail leis na bràithrean ainmeil Stevenson – Daibhidh agus Tòmas. Ged a tha solas anns an eilean an-diugh, ’s e fear beag a th’ ann. Chan eil an taigh-solais mòr ag obair tuilleadh, ged a tha an togalach ann. Chaidh a dhùnadh anns an Dàrna Cogadh.
Beagan bhliadhnaichean mus do dhùin e, thachair tubaist ann. Chan e call bàta a bh’ ann, ach call dithis dhen triùir a bha ag obair ann. Air a’ chòigeamh latha deug (15mh) dhen t-Samhain, naoi ceud deug, trithead ’s a sia (1936), dh’fhalbh an dithis don Cheann an Ear airson bathair fhaighinn. Dh’èirich a’ ghaoth, agus b’ fheudar dhaibh iomradh air ais a Shiolaigh ann an droch mhuir.
Anns an taigh-sholais, chunnaic an t-oifigear eile iad. Bha an eathar aca bun-os-cionn sa mhuir. Bha an dithis air a dhol air sgeir. Sguabaich tonn mòr far na sgeire iad. Chaidh na cuirp aca a lorg anns an Dùbhlachd air cladach Heisgeir fhèin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.