
16/02/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 398
Duration: 05:10
Litir 398: Luchan
A bheil sibh measail air luchan? Is toigh leam fhìn iad. Bha tè aig mo nighinn mar pheata nuair a bha i òg. Bha i snog is glan – an luch a tha mi a’ ciallachadh – ged a bha mo nighean snog is glan cuideachd – uill, a’ chuid a bu mhotha dhen ùine.
’S iomadh seanfhacal a th’ againn ann an Gàidhlig co-cheangailte ri luchan. Mar eisimpleir, is bean-taighe an luchag na taigh fhèin – the little mouse is mistress in her own house. Is bean-taighe an luchag na taigh fhèin. Agus cha mhurtar an luchag fon chruaich-fheòir. Ged a tha cruach-fheòir mòr is trom, agus luch a’ fuireach foidhpe, cha dèan cuideam na cruaiche cron air an luch. Is dòcha gu bheil dòighean againn airson a bhith beò eadhon ged a tha gnothaichean an t-saoghail a’ bualadh oirnn gu trom. Cha mhurtar an luchag fon chruaich-fheòir.
Agus tha claisneachd mhath aig luchan. Canaidh daoine – an rud a bhios sàmhach, cha chluinn na luchan e. An rud a bhios sàmhach, cha chluinn na luchan e.
Bidh luchan a’ nochdadh ann an samhlaidhean cuideachd. Mar eisimpleir, cho umhal ri luch fo spòg a’ chait. As humble as a mouse beneath the cat’s paw. Chì sibh nuair a bhiodh abairt mar sin feumail ann a bhith a’ bruidhinn air daoine. Cho umhal ri luch fo spòg a’ chait.
Cuideachd, thathar a’ dèanamh dheth gum bi an luch ri mèirle – gum bi i bradach. Uill, dh’fhaodadh sin a bhith fìor, ceart gu leòr. Agus tha an abairt seo ann: tha thu cho breugach ’s a tha an luch cho bradach. Tha thu cho breugach ’s a tha an luch cho bradach.
Agus seo agaibh rann do chloinn anns a bheil luch an sàs – agus cat a bhios a’ sealg nan luchan. Seo mar a tha an rann a’ dol:
Thuirt an luch bheag, ’s i san toll,
Dè am fonn a th’ air a’ chat ghlas?
Fonn math is deagh shaod
Gum faodadh tusa tighinn a-mach.
Is mòr m’ eagal ron dubhan chrom
A th’ agad ann am bonn do chas,
Mharbh thu mo phiuthar an-dè
’S fhuair mi fhìn air èiginn às
An do ghreimich sibh air na faclan gu lèir? Seo an rann a-rithist. Tha an luch bheag agus an cat glas a’ bruidhinn ri chèile.
Thuirt an luch bheag, ’s i san toll,
Dè am fonn a th’ air a’ chat ghlas?
Fonn math is deagh shaod
Gum faodadh tusa tighinn a-mach.
Is mòr m’ eagal ron dubhan chrom
A th’ agad ann am bonn do chas,
Mharbh thu mo phiuthar an-dè
’S fhuair mi fhìn air èiginn às
Uill, bha freagairt aig a’ chat don ghearan sin. Mar a chanadh iad ann am Beurla Lunnainn, “it weren’t me, gov!” Seo na thuirt an cat:
Cha mhis’ a bha sin ach cat Iain Ruaidh
A b’ àbhaist a bhith a’ ruagadh chearc,
Ghoid i an càis’ a bha sa chliabh
’S dh’ith i ’n t-iasg a bha sa phreas.
Seo an rann bheag sin a-rithist.
Cha mhis’ a bha sin ach cat Iain Ruaidh
A b’ àbhaist a bhith a’ ruagadh chearc,
Ghoid i an càis’ a bha sa chliabh
’S dh’ith i ’n t-iasg a bha sa phreas.
Saoil an do ghabh an luch ris na thuirt an cat? Canaidh daoine – tha fios aig an luch nach eil an cat a-staigh. Tha fios aig an luch nach eil an cat a-staigh. Ach a bheil fios aice nuair a tha cat ag innse breug? Chan eil mi cho cinnteach mu dheidhinn sin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Seanfhaclan na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.