
23/02/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 399
Duration: 05:34
Litir 399: Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe – Gun Chomas Èirigh no Laighe
Tha seann sgeulachd agam dhuibh an t-seachdain seo. ’S e an t-ainm a th’ oirre Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe – Gun Chomas Èirigh no Laighe. Tha an sgeulachd seo am measg feadhainn a chaidh a chruinneachadh ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889) agus ochd ceud deug is naochad (1990) bho fhear ann an Àird nam Murchan. B’ esan Alasdair Camshron. Bha e an uair sin ag obair air an rathad eadar Dùror agus Baile a’ Chaolais. Dh’ionnsaich e a chuid sgeulachdan bho sheann daoine anns an sgìre.
Tha mi air an sgeulachd a dhèanamh beagan na bu shìmplidh’ is na bu ghiorra. Ach feuchaidh mi ri beagan dhen Ghàidhlig bhrèagha aig Alasdair Camshron a chumail innte. Co-dhiù, seo an sgeulachd – Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe – Gun Chomas Èiridh no Laighe.
Latha a bha Fionn agus a dhaoin’ anns a’ bheinn-sheilg, rinn iad mòran siubhail mun d’ amais iad air na fèidh. Ach mun tàinig deireadh an latha, mharbh iad dòrlach math dhiubh. Shuidh iad an sin sìos a’ cur seachad an sgìths.
Thug Fionn sùil sìos an gleann a bha fodhpa, agus chunnaic e coltas laoich neartmhoir a’ dèanamh dìreach orra. Thuirt e, “Tha coltas coigrich a’ tighinn oirnn.” Fhreagair Conan, “Ma tha e a’ tighinn gun ghnothach, chan fhalbh e gun ghnothach.” Ach mun d’ fhuair iad mòran tuillidh còmhraidh a dhèanamh, bha an laoch òg na sheasamh mun coinneimh. Chuir e fàilt’ an latha air Fionn, agus chuir Fionn fàilt’ air gu h-aoigheil.
Thuirt am fear òg gur e gille a bh’ ann a bha ag iarraidh maighstir. “Mata,” arsa Fionn, “tha gille a dhìth ormsa.” Dh’aontaich e an gille fhastadh. “Cha b’ e sin mo chomhairle dhut,” thuirt Conan ri Fionn. “Shaoil mi gun d’ fhuair thu do leòr de na gillean fuadain sin cheana.” Chuir sin dragh air a’ ghille.
“Coma leat,” arsa Fionn ris, “oir nì do choltas an gnothach dhut. Dè do dhuais gu ceann latha is bliadhna?”
“Gun tèid thu fhèin agus a h-uile duine a th’ agad air chuireadh gu cuirm, is gum faigh sibh cuid oidhche còmhla rium nuair a bhios m’ ùine a-mach,” ars’ an gille.” Thuirt Fionn ris a’ ghille gum faigheadh e a dhuais.
Nuair a bha an ùine aige seachad, bha Fionn agus a dhaoine a’ bruidhinn air cò rachadh às dèidh a’ ghille oir bha coltas luath air. Thuirt Fionn, “Leigidh sinn Caoilte às a dhèidh agus cha chreid mi nach cùm e sealladh air. Thèid Cuchuilinn an dèidh Chaoilte, agus leanaidh sinn iadsan.”
Dh’fhalbh an gille mòr, agus e ceannruisgte is casruisgte, o bhealach gu mullach agus o mhullach gu gleann, agus o ghleann gu srath. Dh’fhalbh Caoilte às a dhèidh. Nuair a bhiodh an gille mòr a’ dol às an fhradharc air a’ chiad bhealach, bhiodh Caoilte a’ tighinn anns an fhradharc air an ath bhearradh. Bha Cuchuilinn mar sin do Chaoilte agus na daoine uile mar sin do Chuchuilinn. Chùm iad anns an òrdugh sin gus an do ràinig iad am Blàr Buidhe.
Nuair a bha iad uile ann, chaidh an gille mòr a-null gu taigh mòr brèagha. Chaidh iad uile a-steach agus fhuair iad àiteachan suidhe ri taobhan a’ bhalla – ach Conan. Cha robh rùm aigesan agus shuidh e air leac an teine. Ach cha robh sgeul air a’ chuirm. Dh’iarr Fionn air fear aca dhol a-mach, feuch am faiceadh e duine sam bith a’ tighinn dhan ionnsaigh le biadh. Is chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach: Nuair a bhiodh an gille mòr a’ dol às an fhradharc air a’ chiad bhealach: when the big lad went [would go] out of sight on the first pass.
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.