
29/06/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 417
Duration: 05:05
Litir 417: Eilean Mhanainn
Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn na bu tràithe dhen bhliadhna sa, ’s iomadh duine a thuirt rium, “Cuin a tha na h-eileanan agaibh – eileanan taobh siar na h-Alba – a’ dol a thighinn for smachd a-rithist?” Bha ball na pàrlamaid aca am measg na thuirt sin rium. Chan eil mi eadhon cinnteach an robh e fhèin is càch ri fealla-dhà. Tha mòran anns an eilean – co-dhiù an fheadhainn aig a bheil ùidh ann an eachdraidh is dualchas – a’ toirt spèis do na seann cheanglaichean eadar an dà rìoghachd.
Ged a tha ceanglaichean do dh’Èirinn cuideachd – agus do Shasainn ’s a’ Chuimrigh – thàinig e a-steach orm gur ann le Alba a tha na seann cheanglaichean as làidire. Chan e a-mhàin na cànanan a tha gar toirt dlùth ri chèile, ach cuideachd na ceanglaichean a chaidh a thogail ri linn nan Lochlannach.
Thathar a’ smaoineachadh gun do nochd a’ Ghàidhlig – no Gaelg – ann an Eilean Mhanainn anns a’ chòigeamh linn no mar sin. Bha an cànan is cultar làidir gu leòr airson seasamh an aghaidh buaidh nan Lochlannach – a ràinig an t-eilean aig toiseach an naoidheamh linn. Thàinig Gàidheal is Gall còmhla agus thathar a’ smaoineachadh gun robh na h-uaislean dà-chànanach airson ùine mhòr. Cha robh ach Gàidhlig, ge-tà, aig na daoine bochda.
Thug na Lochlannaich buaidh mhòr air siostam poilitigeach an eilein, ach cha tug iad uiread buaidh air a’ chànan. Tha nas lugha fhaclan-iasaid Lochlannach ann an Gàidhlig Eilean Mhanainn na tha sa Ghàidhlig againn fhèin. Tha grunn ainmean-àite Lochlannach ann, ge-tà. Tha ainm baile Laxey, mar eisimpleir, a’ tighinn bhon aon fhreumh ri Lacasaigh ann an Leòdhas – a’ ciallachadh “abhainn a’ bhradain”.
Tha baile gu tuath air Laxey air a bheil Ramsey – àite eile le ainm Lochlannach. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil e co-cheangailte ris an lus ris an canar creamh ann an Gàidhlig na h-Alba – wild garlic. Nise, ann am Beurla, ’s e aon ainm air an lus seo – ramsons – agus bha ainm car coltach ri sin aig na seann Lochlannaich.
Uill, cha bhiodh sin ro choltach mar mhìneachadh air Ramsey – ach a-mhàin airson aon rud. Tha allt ann am meadhan a’ bhaile – a tha a-nise a’ sruthadh fon talamh – air a bheil ann an Gàidhlig an eilein – Strooan ny Craue – sin sruthan no allt a’ chreamha. ’S dòcha gun do dh’eadar-theangaich na Lochlannaich ainm an uillt don chànan aca fhèin agus gur ann à sin a thàinig an t-ainm Ramsey.
Tha an t-uabhas de dh’ainmean cinnidh ann an Eilean Mhanainn a’ tighinn bhon Ghàidhlig, ged nach eil sin follaiseach do dh’Albannach anns a’ chiad dol a-mach. Dh’atharraich Mac anns na h-ainmean gu tric gu dìreach C – no san latha an-diugh C, K agus
Q. Mar eisimpleir, thàinig Kermode bho MacDhiarmaid, Quarry bho MacGuaire agus Kissack bho MacÌosaig.
Anns an aonamh linn deug, bha Eilean Mhanainn aig ceann rìoghachd air an robh Rìoghachd Mhanainn is nan Eilean. B’ iad na h-eileanan sin – an fheadhainn far chosta siar na h-Alba. Ged a bha ceudan de dh’eileanan ann, bhathar a’ tomhas – airson adhbharan rianachd – gun robh trithead ’s a dhà ann, le Eilean Mhanainn aig cridhe poilitigeach na rìoghachd.
B’ e pàrlamaid nan eilean Tinvaal – no Tynwald – facal a tha a’ ciallachadh “pàrlamaid” ann an Lochlannais. ’S ann às a sin a thàinig an t-ainm-àite Beurla a th’ air Inbhir Pheofharain – Dingwall. Tha Tinvaal fhathast a’ dol – agus tha na Manainnich ag ràdh le moit gur e a th’ innte a’ phàrlamaid as fhaide a mhair – gun bhriseadh sam bith – air an t-saoghal.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.