
13/07/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 419
Duration: 05:42
Litir 419: Eilean Mhanainn
Uaireannan bidh luchd-ionnsachaidh a’ faighneachd dhìom, “Carson a tha Gàidhlig na h-Èireann is Gàidhlig na h-Alba air an sgrìobhadh an ìre mhath air an aon dòigh, ach gu bheil Gàidhlig Eilean Mhanainn a’ coimhead cho eadar-dhealaichte?” Uill, ’s e an fhreagairt shìmplidh gun robh a’ Ghàidhlig ann an Alba is Èirinn air a sgrìobhadh o chionn fhad an t-saoghail. Aig an àm bha iad co-ionann. Chruthaich manaich siostam sgrìobhaidh dhi, stèidhichte air Laideann. ’S ann anns na beagan cheudan a dh’fhalbh a nochd Gàidhlig Eilean Mhanainn ann an clò – agus chaidh siostam eile a chleachdadh air a son.
Chan eil mi buileach cinnteach an e sin an stòiridh gu lèir. Tha e doirbh a chreidsinn nach do nochd a’ Ghàidhlig Mhanainneach ann an cruth sgrìobhte uair no uaireigin ann an eachdraidh fhada an eilein. Ach – a thaobh riaghladh – ’s dòcha gun robh mòran dheth sin air a dhèanamh ann an Lochlannais agus – às dèidh nan Lochlannach – ann am Beurla nan Sasannach.
Thairis air na ceudan, cha robh e gu diofar cò bha a’ riaghladh nam Manainneach – Lochlannaich no luchd na Beurla – ’s e Gàidhlig a bh’ aig na daoine cumanta. Anns an t-seachdamh linn deug, sgrìobh grunnan a chaidh don eilean gur e Beurla an cànan a b’ fheàrr leis na h-uaislean ach gur e Gàidhlig a bh’ aig càch. Bha muinntir na h-eaglaise mothachail gun robh stuth leughaidh a dhìth air an t-sluagh – ann an cànan a thuigeadh iad.
Rinn Easbaig Mhanainn – Cuimreach air an robh John Phillips – eadar-theangachadh de leabhar ùrnaighean tràth san t-seachdamh linn deug. Chruthaich e siostam litreachaidh airson sin nach robh stèidhichte air Gàidhlig na h-Èireann no Gàidhlig na h-Alba. Ach cha do nochd sin ann an clò aig an àm. Ann an seachd ceud deug ’s a seachd (1707), nochd a’ chiad leabhar ann an clò – Prionnsabalan is Dleastanasan Crìosdachd. ’S e an t-Easbaig Tòmas Wilson a bh’ air cùl sin. Agus thòisich esan pròiseact mòr – eadar-theangachadh a’ Bhìobaill.
Nochd am Bìoball Manainneach ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a còig (1775) – agus bha an siostam sgrìobhaidh aca stèidhichte an uair sin. Ach cha b’ ann gun strì a nochd am Bìoball. Nuair a bha mi anns an eilean, chaidh innse dhomh mu chlèireach a bha a’ siubhal ann am bàta leis an sgrìobhainn gu lèir airson a’ Bhìobaill. Bha e air an t-slighe chun a’ chlò-bhualadair. Chaidh am bàta air na sgeirean. Ach fhuair an clèireach gu sàbhailte don chladach, agus e a’ cumail na sgrìobhainn tioram os a chionn!
Mar a bha na Gàidheil ann an Alba is Èirinn, bha na Manainnich uabhasach dèidheil air ceòl. B’ e an fhidheall an ionnstramaid a bu chumanta a bh’ aca. Ann am meadhan a’ gheamhraidh – eadar an t-aonamh latha fichead dhen Dùbhlachd agus an siathamh latha dhen Fhaoilleach – bhiodh cèilidhean is dannsaidhean ann a h-uile oidhche. B’ e sin Yn Kegeesh Ommidjagh – an Ceala-deug Amaideach!
Ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a còig (1765), chaidh uachdranachd an eilein a thoirt air falbh bho Dhiùc Athall gu Crùn Bhreatainn. Agus, às dèidh sin, thug na h-ùghdarrasan Breatannach smachd air a’ chùiltearachd a bha stèidhichte anns an eilean. Chaidh marsantaich Shasannach a dh’fhuireach ann. Ach bha crìonadh san eaconamaidh. Agus dh’fhalbh mòran dhen t-sluagh a-null thairis. Rinn an dà rud sin cron mòr air a’ chànan.
Ach cha robh i deiseil airson leigeil suas an deò. Agus, gu dearbh, tha i a’ dol am meud a-rithist san latha an-diugh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.