
20/07/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 420
Duration: 05:04
Litir 420: Eilean Mhanainn
Càite an robh na coimhearsnachdan mu dheireadh far an robh Gàidhlig Eilean Mhanainn air a cleachdadh ann an nòs traidiseanta mar chainnt an t-sluaigh? Ceann a deas an eilein? Ceann a tuath an eilein? Uill, dh’fhaodadh nach ann an Eilean Mhanainn idir a bha iad. Dh’fhàg mòran Mhanainneach an t-eilean anns an naoidheamh linn deug. Cha robh e beartach an uair sin mar a tha e an-diugh.
Chaidh mòran dhiubh gu ruige Ohio agus Pennsylvania anns na Stàitean Aonaichte. Bha an cànan beò ann am Pennsylvania aig toiseach an fhicheadamh linn. Agus bha i air a cleachdadh gu cunbhalach ann an grunn bhailtean ann an Ohio – a’ gabhail a-steach Cleveland fhèin. Thathar a’ tomhas gu bheil tùsan Manainneach aig trithead mìle duine ann an Cleveland. Chan eil ach ochdad mìle ann an Eilean Mhanainn fhèin.
Ach – dìreach mar a tha ann an Alba an-diugh – ’s ann san t-seann dachaigh aice a mhaireas an cànan beò no a gheibh i bàs. Mar a chì sinn tha barrachd dòchais aig muinntir Eilean Mhanainn an-diugh gum mair i na bh’ aca airson ùine.
Gu mì-fhortanach, ge-tà, anns an naoidheamh linn deug bha mòran – gu h-àraidh ann an ùghdarrasan riaghlaidh an eilein – a’ guidhe bàs dhi. Ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a h-aon (1871), bha i fhathast aig fichead ’s a còig às a’ cheud dhen t-sluagh – còrr is trì mìle deug duine. Aig toiseach an fhicheadamh linn bha sin air tuiteam gu beagan is ceithir mìle. Agus ann an naoi ceud deug fichead ’s a h-aon (1921), bha na bu lugha na mìle air fhàgail. Ceathrad bliadhna às dèidh sin bha dìreach dithis ann – Sage Kinvig, a chaochail bliadhna às dèidh sin, agus Ned Maddrell a chaochail ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a ceithir (1974).
Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn chaidh mi a Chreneash. ’S e sin am baile anns an deach am film Waking Ned a dhèanamh. Chan eil fhios a’m am faca sibh am film ach tha e glè shnog. Tha e stèidhichte air coimhearsnachd iomallach ann an Èirinn far a bheil bodach a tha seo – air a bheil Ned – a’ buannachadh a’ chrannchair nàiseanta. Tha uiread de ghrad-iongantas a’ tighinn air nuair a gheibh e an naidheachd, ’s gu bheil e a’ faighinn bàs sa spot. Tha a’ choimhearsnachd an uair sin a’ cur duine eile na àite gus am faigh iad an duais.
Co-dhiù, chaidh am filmeadh gu lèir a dhèanamh ann an Eilean Mhanainn, agus ’s e Creneash a sheas mar am baile Èireannach. ’S e baile sean-fhasanta a th’ ann anns a bheil mullaichean tughaidh air cuid de na seann taighean fhathast. Agus tha am bogsa-fòn anns a’ bhaile fhathast uaine oir chaidh a pheantadh airson a film. ’S e bogsaichean dearga a th’ aca ann an Eilean Mhanainn – an aon rud ri Breatainn.
Ann an dòigh tha e car iongantach gur e Ned an t-ainm a bh’ air a’ bhodach Èireannach, agus Waking Ned a bh’ air a film, oir tha ceangal làidir eadar an t-ainm agus Creneash. Oir ’s e sin am baile far an robh Ned Maddrell a’ fuireach – am fear mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Eilean Mhanainn mar chiad chànan. Agus roimhe sin bha fear eile ann an Creneash a bha gu math ainmeil. B’ esan Edward Faragher. Ach bha daoine eòlach air mar Neddy Beg Hom Ruy. Bha e na iasgair, sgrìobhadair, sgeulaiche is bàrd. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.