
17/08/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 424
Duration: 04:57
Litir 424: Cuchulainn
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu chrios Chuchulainn, an lus air a bheil meadowsweet ann am Beurla. A bheil sibh eòlach air Cuchulainn? Tha e mar phàirt de dhualchas Gàidhealach na h-Èireann ’s na h-Alba. A rèir beul-aithris bha ceangal aige don Eilean Sgitheanach. ’S e gaisgeach a bh’ ann.
Tha e a’ nochdadh ann am beul-aithris na h-Alba anns a’ chruinneachadh aig Iain Òg Ìle – Popular Tales of the West Highlands. Tha an stòiridh a’ mìneachadh mar a fhuair e ainm. Bha uaireigin ann an Alba rìgh air an robh Cumhal mar ainm. Bha cù mòr aige a bhiodh a’ cumail sùil air a chrodh. Nuair a bha an crodh air an cur air feurachadh, ’s e an cù a bhiodh gan treòrachadh. Chumadh an cù sùil air a’ chrodh tron latha. Agus air an fheasgar bheireadh e an crodh dhachaigh.
Bha daoine a’ fuireach faisg air taigh an rìgh agus bha mac aca. Bhiodh iad a’ cur am mic gu taigh an rìgh air gnothaichean a h-uile feasgar. Co-dhiù, feasgar brèagha a bha seo, bha an gille a’ dol gu taigh an rìgh air gnothach. Bha caman is ball aige agus bha e a’ cluich leotha air an rathad. Thachair cù an rìgh ris agus thòisich e air cluich leis a’ bhall. Thog e am ball na bheul agus ruith e air falbh leis.
Chaidh an gille an tòir air a’ chù. Bhuail e am ball le a chaman fhad ’s a bha am ball ann am beul a’ choin. Phut e sìos a sgòrnan e le cas a’ chamain. Thachd e an cù. Leis gun robh e air an cù a mharbhadh, b’ fheudar dha fhèin sùil a chumail air crodh an rìgh, an àite a’ choin. Bhiodh e a’ cur a’ chruidh air feurachadh gach madainn. Bhiodh e gan iomain a-mach, a’ dèanamh cinnteach nach robh iad air an goid, is gan iomain dhachaigh aig deireadh an latha.
Bidh cuimhne agaibh gur e Cumhal ainm an rìgh. Leis gun do mharbh an gille an cù, agus leis gun robh e fhèin air a dhol an àite a’ choin, ’s e Cù Chumhail a bha daoine a’ gabhail air. Chaidh sin atharrachadh aig a’ cheann thall gu Cuchulainn.
Uill, sin an stòiridh le dreach Albannach air, agus dreach an naoidheamh linn deug cuideachd. Ach tha e a’ tighinn a-steach orm gu bheil athair Fhinn – an seann ghaisgeach Gàidhealach – agus fear eile air a dhol an lùib a chèile an seo. B’ e ainm slàn Fhinn – Fionn MacCumhail – oir b’ e Cumhal athair. Ach ann an Èirinn chan e athair Fhinn a tha an sàs anns an sgeulachd seo, ach fear Culann.
’S e Setanta an t-ainm-baistidh a bh’ air Cuchulainn. Fhuair e an t-ainm ùr aige nuair a mharbh e an cù-faire fiadhaich aig Culann. Leis nach robh cù aig Culann tuilleadh, ghabh Setanta àite a’ choin. Bha e fhèin an uair sin mar chù-faire dha – “Cù Chulainn”.
Co-dhiù, ’s e fìor sheann ghaisgeach a bh’ ann an Cuchulainn. Tha e a’ nochdadh anns an sgeulachd as sìne a th’ againn a bhuineas do na Gàidheil – Táin Bó Cuailnge. Bha e làidir is brèagha agus, a rèir cuid, bha seachd corragan aige air gach làimh, seachd òrdagan air gach cois agus seachd clachan-sùla anns gach sùil. Nuair a bha e a’ sabaid bhiodh e a’ dol às a rian agus cha robh duine ann a bha comasach air a’ chùis a dhèanamh air. Sin Cuchulainn, agus chan eil sinn ullamh leis fhathast...
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.