Main content

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

5 minutes

Clip

Litir 427: Duanaire na Sracaire

Ann an Litir dà cheud, seasgad ’s a h-aon (261), thug mi an seanfhacal dhuibh “Is math an còcaire an t-acras”. Ma tha an t-acras ort, bidh blas math air biadh sam bith, cha mhòr.

Co-dhiù, bha mi a’ leughadh leabhar fìor mhath an latha eile. ’S e leabhar a mholainn do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an dualchas nan Gàidheal. ’S e an t-ainm a th’ air Duanaire na Sracaire agus ’s e cruinneachadh de sheann bhàrdachd Ghàidhlig a th’ ann – bàrdachd a tha a’ buntainn ris a’ mhìle bliadhna suas gu sia ceud deug (1600). Chaidh a dheasachadh le Wilson MacLeòid agus Meg Bateman, agus chaidh fhoillseachadh le Birlinn.

Am measg nan dàn anns an leabhar tha fear air a bheil ’S Maith an Còcaire an t-Ocras. Chaidh a sgrìobhadh anns a’ chòigeamh linn deug. An-diugh sgrìobhamaid ’S Math an Còcaire an t-Acras. Nise ’s e a’ cheist a th’ agam – dè thàinig an toiseach – an seanfhacal no an dàn? An do stèidhich am bàrd dàn air seanfhacal a bh’ aig na Gàidheil roimhe, no an do chruthaich e an seanfhacal le bhith a’ sgrìobhadh an dàin? ’S dòcha gu bheil sgoilear Gàidhlig a-muigh sin – ma tha a leithid ag èisteachd ri Litir do Luchd-ionnsachaidh – a chuireas ceart mi air a’ cheist sin.

Tha amharas agam gun robh an seanfhacal ann roimhe – ann an cànanan eile, mura robh ann an Gàidhlig. A rèir Alasdair MhicNeacail, a chuir an leabhar Gaelic Proverbs ri chèile, canaidh na Gearmailtich Hunger is der beste Koch, canaidh na Sasannaich Hunger is the best sauce – agus tha abairtean car coltach ann an cànanan Eòrpach eile, Gàidhlig na h-Èireann nam measg.

Air ais don dàn. Thathar ag ràdh gur e Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr, a rinn an dàn – anns a’ bhliadhna ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431), às dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh. Bha e air an taobh a chaill sa bhatail agus bha e a’ teicheadh bhon bhlàr. Seo mar a tha an dàn a’ dol. Chan eil ann ach dà rainn:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Oidhche dhomh bhith ann ad theach

Air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich;

Fhuaras sàth mòr de dh’fheòil air droch bhruich

O Ó Birein sa Bhreugaich

’S dòcha gum bu chòir dhomh facal no dhà a mhìneachadh. ’S e fuarag eòrna “barley brose” –min eòrna air a mheasgachadh le uisge fuar. ’S e teach – taigh – canaidh iad sin ann an Èirinn, agus tha e againn fhathast ann an “a-steach”, anns an teach. Tha eudaich a’ ciallachadh “aodaich”, agus ’s e Ó Birein fear Èireannach, no fear le ainm Èireannach, a bha a’ fuireach sa Bhreugaich no sa Bhriagaich anns a’ Ghleann Ruaidh, faisg air Inbhir Lòchaidh.

Tha mòran a bharrachd agam ri innse dhut mun dàn ach feumaidh sin feitheamh chun an ath thurais. Ach mus fhalbh mi, seo e a-rithist:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Oidhche dhomh bhith ann ad theach

Air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich;

Fhuaras sàth mòr de dh’fheòil air droch bhruich

O Ó Birein sa Bhreugaich

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: dàn: poem; Iarla Mhàrr: The Earl of Mar; Blàr Inbhir Lòchaidh: The Battle of Inverlochy; teicheadh: fleeing; Gleann Ruaidh: Glen Roy.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: bidh blas math air biadh sam bith, cha mhòr: almost any sort of food will taste good; ’s e leabhar a mholainn: it’s a book I’d recommend; bàrdachd a tha a’ buntainn ris a’ mhìle bliadhna: poetry which belongs to the thousand years; chaidh fhoillseachadh: it was published; tha amharas agam gun robh an seanfhacal ann roimhe: I expect the proverb was pre-existent; ’s mairg a nì tarcais air biadh: woe to him who disdains food; à sàil mo bhròige: from the heel of my shoe; biadh as fheàrr a fhuair mi riamh: the best food I ever got; oidhche dhomh bhith ann ad theach: one night [when] I was in your house; air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich: on plenty food and little clothing; fhuaras sàth mòr de dh’fheòil air droch bhruich: a fill was got of badly cooked meat; tha mòran a bharrachd agam ri innse dhut: I have much more to tell you; mus fhalbh mi: before I leave.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: “a-steach”, anns an teach: in the text I said that a-steach is derived from anns an teach. To be slightly more accurate, MacBain in his Etymological Dictionary of the Gaelic Language tells us that it developed, at a much earlier stage of the language, known as Early Irish, from in-san-teach, “into the house”. A-staigh – using, taigh, a form of teach, developed similarly. In some parts of the Gàidhealtachd a-staigh is used to convey movement into a house, as well as the state of being inside eg “thig a-staigh” (come inside) rather than (the more common) “thig a-steach.” Next week I’ll tell you where a-mach/a-muigh came from!

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Is math an còcaire an t-acras: hunger is a good cook (see also Litir 216).

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast