Main content

Gheibh sinn a-mach mun a' bhàrd agus an t-sealgair, Uilleam Righnaoigh. Another story.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 8 Jun 2016 23:00

Clip

Litir 811: Uilleam Ruighe ’n Uidhe

An cuala sibh riamh mun bhàrd Ghàidhlig Uilleam Ruighe ’n Uidhe? William Gow ann am Beurla. Bha e beò aig deireadh an ochdamh linn deug. Bhuineadh e do Ruighe ’n Uidhe ann an Srath Spè – seann bhaile-fearainn eadar An Gleann Mòr agus Obar Neithich. Bha e gu math ainmeil ri a linn, gu h-àraidh anns an sgìre far am biodh e a’ sealg – Am Monadh Ruadh. Leis gun robh e na bhàrd agus na shealgair, gu tric bhiodh e a’ sgrìobhadh bàrdachd mu shealg.

            Uaireannan, bhiodh e ri sealg le cead an uachdarain, gu h-àraidh air taobh an iar-thuath a’ Mhonaidh Ruaidh, ann an Rat Mhurchais is àiteachan mar sin. Ach bhiodh e ri poidseadh cuideachd, gu h-àraidh air taobh eile a’ mhonaidh ann am Màrr agus Doire. Bhiodh e a’ togail bothain shìmplidh dha fhèin a-muigh sa mhonadh.

            Tha mi a’ dol a leughadh pìosan à dàn a sgrìobh Uilleam mu dheidhinn sealg nam fiadh anns a’ Mhonadh Ruadh:

Och, gur mi tha muladach                      

Sa mhonadh, ’s mi leam fhèin,

’S mi bhi ’tàmh an cròdhan beag

Bothain ’thog mi ’m fheum;

Cha robh spaid no tuagh agam,

No ball mun cuairt dom làimh,

Ach a’ bhiodag làidir bharra-chaol

’S ann leatha bhuain mi ’m fàl.

            Anns an dàrna rann, tha Uilleam ag ainmeachadh ‘a’ Bhan-Ghranndach’ – ‘the Grant maiden’. Tha e a’ ciallachadh a ghunna. ’S e an cleachdadh a bh’ aig na Gàidheil o shean a bhith a’ cur ainm boireann air gunna. Chì sibh anns an rann seo gun robh pùdar – no fùdar – a’ ghunna feumail airson teine a chur thuige, agus gun robh i gu math fuar shuas sa mhonadh:

Tha na h-osanan air reothadh orm,

Mun tèid a’ cheòthag suas,

Tha gaoth is cur is cathadh ann,

’S e gabhail domh sa chluais;

Ach glacaidh mis’ Bhan-Ghranndach seo,

A tha nam làimh san uair,

Is fadaidh is’ an teine dhomh,

Le fùdar sgeireach cruaidh.

Nise, tha fios againn bho dhàn ainmeil eile – ‘Allt an Lochain Uaine’ – gun do thog Uilleam bothan ri taobh an uillt sin – ann an ceann shuas Gleann Doire. Mu choinneimh sin, air taobh an ear a’ ghlinne, tha an Glas-allt. Ma leanas tu an Glas-allt suas, ruigidh tu mòinteach àrd. Air an taobh eile dhen mhòintich tha an Dubh-ghleann no Dubh-ghleannan, far a bheil coille-ghiuthais nàdarrach fhathast. Tha Uilleam ag ainmeachadh nan àiteachan sin anns a’ cheathramh rann. Mar sin, tha fios againn cà’ robh e a’ sealg:

’S  mur faigh anns a’ Ghlas-allt,

Na fir aigeannach tha bhuam,

Ma ruigeas mi an Dùbh-ghleannan,

Is bràigh nan stùc tha shuas;

Siridh mi gu cothromach

Gach coire dhiubh is bruthach,

’S cha chuir mi às a h-aon dhiubh,

Ma dh’fhaodas le gaoth-chuairt.

Bha e a’ poidseadh air fearann a bhuineadh don Mhorair FìobhaLord Fife, a tha e ag ainmeachadh san dàn. Bha e ann cho tric, ’s gun robh botal de dh’uisge-beatha aige ‘fo shop aig bun bruthaich’. Bhiodh e ga lorg gu furasta oir bha e mion-eòlach air na beanntan sin. Seo an rann mu dheireadh:

’S nuair shuidheas mi air socair,

’S gun dosgainn bhith ri luaidh,

Bheir mi làmh air botal

Tha fon t-sop am bun na bruthaich;

’S ma thachras do na companaich

Bhith làimh rium anns an uair,

“Lord Fife is damh na cròice” –

An deoch-slàinte thèid mun cuairt.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Ruighe ’n Uidhe: Rynuie; Am Monadh Ruadh: The Cairngorms; Rat Mhurchais: Rothiemurchus; muladach: sad; ceòthag: small smoke; Gleann Doire: Glen Derry; deoch-slàinte: toast (drink).  

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: deireadh an ochdamh linn deug: the end of the 18th Century; seann bhaile-fearainn eadar An Gleann Mòr agus Obar Neithich: an old farm between Glenmore and Abernethy; gun robh e na bhàrd agus na shealgair: that he was a poet and hunter; cead an uachdarain: the landlord’s permission; bhiodh e ri poidseadh: he would go poaching; sa mhonadh, ’s mi leam fhèin: on the mountain by myself; [a’] tàmh an cròdhan beag, bothain ’thog mi ’m fheum: dwelling in a little pen of a bothy I built in my need; ball mun cuairt dom làimh: a tool around to my hand; a’ bhiodag làidir bharra-chaol: the strong, narrow-pointed dirk; bhuain mi ’m fàl: I cut the turf; a bhith a’ cur ainm boireann air gunna: to give a gun a feminine name; airson teine a chur thuige: to light a fire; tha na h-osanan air reothadh orm: the hose have frozen on me; tha cur is cathadh ann: it is snowing and blizzarding; [a’] gabhail d[h]omh sa chluais: assailing me in the ear; fadaidh is’ an teine dhomh, le fùdar sgeireach cruaidh: she will kindle the fire for me, with gritty hard powder; na fir aigeannach tha bhuam: the lively ones I want; bràigh nan stùc tha shuas: the upland of the jutting peaks to the west; cha chuir mi às a h-aon dhiubh, ma dh’fhaodas le gaoth-chuairt: I won’t kill [only] one of them if I might with an eddying wind; fo shop aig bun bruthaich: under a wisp [of grass] at the bottom of a slope; gun dosgainn bhith ri luaidh: without recounting a misfortune; Lord Fife is damh na cròice: [a toast to] Lord Fife and the antlered stag.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: fearann a bhuineadh don Mhorair Fìobha: land that belonged to Lord Fife. The lords of Fife were important in medieval Scotland and the title (Earl of Fife) was revived in the 18th Century. Their name appears to be preserved in a very important landmark in the Cairngorms – but not as Fìobh or Fife. Their family name was Duff or MacDuibh and it is likely that Scotland’s second highest mountain, Beinn MacDuibh, commemorates the clan.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bhith làimh rium anns an uair: to be near to me at that time.

Broadcasts

  • Sun 5 Jun 2016 22:30
  • Wed 8 Jun 2016 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast