31/05/2015
Ann an litir na seachdain-sa, tha Ruairidh ag innse dhuinn mun bhargan a rinn an gobha leis an 'droch fhear'.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 524
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 828
Duration: 05:00
Litir do Luchd-ionnsachaidh 828
Rinn an gobha bochd bargan leis an Droch Fhear. Bha tòrr airgid aige. Ach bhiodh aige ri falbh còmhla ris an Droch Fhear an ceann latha is bliadhna. Ciamar a bha e a’ dol a mhìneachadh sin do a bhean? Dh’fhan e gus an robh a’ chlann air a dhol a laighe. Chan e an fhìrinn ghlan a dh’inns e.
‘Bha mi ag obair anns a’ cheàrdaich,’ thuirt an gobha ri a bhean, ‘nuair a thàinig duine àrd a-steach. Bha sinn a’ còmhradh mun bhochdainn anns an rìoghachd – agus nar dachaigh fhèin. Dh’inns an coigreach dhomh gun robh pailteas òir is airgid air a thiodhlacadh fo ùrlar na ceàrdaich. ‘Cladhaich fon innean,’ thuirt e, ‘agus gheibh thu pailteas. A h-uile uair a bhios èis ort, thoir leat dhachaigh làn do phòcaidean de dh’òr is de dh’airgead.’
Mar dhearbhadh gu robh e ag innse na fìrinn, thug an gobha làn a dhà chròige dhen òr ’s dhen airgead às a phòcaidean, agus thug e do a bhean e. Cha robh fios aig a bhean gu dè chanadh i. Chan fhaca i uibhir de dh’òr ’s de dh’airgead mu choinneimh a dà shùl riamh roimhe.
Thog an gobha taighean ùra. Bha crodh is eich is caoraich aige. Bha airgead pailt na phòcaid. Ach cha b’ urrainn duine beò a dhèanamh a mach ciamar a bha e a’ tighinn cho math air adhart. Bha an sluagh ag ràdh gun robh an gobha ann an co-bhuinn ris an Droch Fhear.
Bha an gobha gu nàdarra na dhuine fialaidh. Latha a bha seo, bha e a’ tighinn dhachaigh bho cheann eile na dùthcha. Faisg air an taigh aige, thachair seann duine liath ris. Chuir an gobha fàilte chridheil air an t-seann duine, agus dh’iarr e air a dhol chun an taighe maille ris. Thug an gobha agus a bhean cuid na h-oidhche dha.
An làrna-mhàireach, nuair a bha an seann duine a’ falbh, chaidh an gobha maille ris gus a chur thairis air an allt faisg air an taigh. Nuair a bha an gobha a’ dealachadh ris, thuirt an seann duine, ‘Airson cho coibhneil ’s a bha thu rium, bheir mi dhut trì nithean sam bith a dh’iarras tu.’
‘ ’S e mo chiad iarrtas,’ ars an gobha, ‘gun lean làmhan fir sam bith a bheireas air an òrd mhòr ri cas an ùird, gun lean an t-òrd ris an innean agus gun lean an t-innean ris an ùrlar. ’S e mo dhàrna iarrtas gun lean fear sam bith a shuidheas air a’ chathair anns an t-seòmar ris a’ chathair, agus gun lean a’ chathair ris an ùrlar. Agus ’s e mo threas iarrtas, bonn airgid sam bith a chuireas mi dham sporan, nach tig e às gu bràth gus an toir mi fhèin às le mo làimh fhèin e.’
‘Ud, ud,’ ars an seann duine, ‘is bochd mar a dh’iarr thu. Carson nach do dh’iarr thu nèamh?’ Ghabh an seann duine roimhe air a thuras agus thill an gobha dhachaigh.
Nuair a bha an latha is bliadhna seachad, thàinig an Droch Fhear. Bha an gobha anns a’ cheàrdaich.
‘Ceart, ma-thà,’ ars an Droch Fhear, ‘dèan deiseil ’s falbh còmhla rium.’ Agus chì sinn dè rinn an gobha an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Sun 31 May 2015 22:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Jun 2015 23:00BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.