
15/03/2015
Anns an litir, cluinnidh sinn mar a dh'ionnaich Sandy, an cù aig Ùisdean a bhith dol leis fhèin dhan bhùth son tombac a cheannach dha mhaighstear. The week's letter for learners.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 513
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 817
Duration: 04:59
Ùisdean ’s an Tombaca - Pàirt 2
Chaidh Sandaidh an cù a dh’Inbhir Pheofharain latha a bha seo. Bha a mhaighstir, Ùisdean, gann de thombaca. Chuir Ùisdean leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich a’ choin agus dh’iarr e air a dhol gu bùth an tombaca.
Ràinig Sandaidh a’ bhùth. Dh’fhuasgail fear na bùtha an nèapraigear, thug e an t-airgead a-mach agus chuir e tombaca luach leth-chrùin ann na àite, le pìos pàipeir timcheall air. Cheangail e an nèapraigear a-rithist ri amhaich a’ choin. Thug e briosgaid don chù mar dhuais agus dh’iarr e air a dhol dhachaigh.
Nuair a ràinig Sandaidh an taigh, bha Ùisdean aig an doras mhòr. Dh’fhuasgail e an nèapraigear agus fhuair e a thombaca. ’S e a bha toilichte le Sandaidh! Bha an tombaca taobh a-staigh pìos pàipeir agus chunnaic Ùisdean gun robh rudeigin sgrìobhte air ann am peansail. Bho fhear na bùtha a bha e. ‘Ma dh’obraicheas seo,’ bha sgrìobhte air, ‘cuir an cù thugam a h-uile Dihaoine. Bidh an tombaca as fheàrr leat an-còmhnaidh agam Dihaoine.’
Agus ’s e sin a thachair. A h-uile Dihaoine, bhiodh Sandaidh a’ falbh a dh’Inbhir Pheofharain, agus a’ togail an tombaca.
Latha a bha seo, ge-tà, bha fear eile anns a’ bhùth, nuair a ràinig Sandaidh i. ’S e fear àrd, maol, leth-shùileach a bh’ ann. Bha ‘Padaidh Cam’ air mar fhrìth-ainm. Bha taigh aige trì mìle a-mach à Inbhir Pheofharain air an aon rathad a bha a’ dol a dh’ionnsaigh croit Ùisdein.
Chunnaic Padaidh an gnothach leis a’ chù, agus leis an airgead, agus thòisich e air meòrachadh air. ‘Annasach,’ thuirt e ri fear na bùtha. ‘An cù sin a’ dèanamh toil a mhaighstir mar sin.’
‘Aidh, tha e dìleas agus comasach,’ thuirt fear na bùtha. ‘Bidh e a’ tighinn a h-uile Dihaoine, agus ruigidh e a’ bhùth aig cairteal gu meadhan-latha, a h-uile turas.’
Dh’fhalbh Sandaidh leis an tombaca anns an nèapraigear timcheall amhaich. Dh’fhalbh Padaidh mun aon àm agus lean e air a’ chù cho math ’s a b’ urrainn dha. Chunnaic e gun robh e a’ gabhail an aon rathaid ris fhèin.
An ath Dhihaoine, bha Padaidh a’ feitheamh air an rathad a dh’Inbhir Pheofharain faisg air an taigh aige. Cha robh e ann fada nuair a chunnaic e Sandaidh a’ tighinn. Bha nèapraigear timcheall amhaich.
‘Trobhad seo,’ thuirt Padaidh ris a’ chù. Bha briosgaid aige na làimh. ‘Seo dhut. Gabh seo.’ Ghabh an cù a’ bhriosgaid agus leig e le Padaidh an nèapraigear fhuasgladh. Thug Padaidh an t-airgead a-mach agus chuir e na phòcaid e. Cheangail e an nèapraigear a-rithist, agus dh’iarr e air a’ chù falbh don bhùth.
‘Sin thu, a Shandaidh, tha thu ann,’ thuirt fear na bùtha. ‘Còig mionaidean air dheireadh an-diugh.’ Bha a shùilean air a’ chloc. Deich mionaidean gu meadhan-latha.
Dh’fhuasgail fear na bùtha an nèapraigear agus ghabh e iongnadh nach robh an t-airgead ann. Cha robh fios aige dè dhèanadh e. Mu dheireadh, chuir e luach leth-chrùin de thombaca san nèapraigear, le bileag pàipeir, a’ mìneachadh nach robh airgead ann agus ag iarraidh air Ùisdean crùn a chur thuige an ath sheachdain. Agus chì sinn dè thachair nuair a ràinig an cù a dhachaigh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Bho fhear na bùtha a bha e: it was from the shopkeeper. There is an implied ’s ann at the start of the sentence, ie it should really read ’S ann bho fhear na bùtha a bha e. But sometimes, particularly in informal speech, we do not include the ’s ann – it is understood, but not said. Keep your ears open for other examples in the community or on radio or television.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Sin thu, a Shandaidh, tha thu ann: there you are, Sandy, you’re there. An informal greeting.
Broadcasts
- Sun 15 Mar 2015 22:01BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 18 Mar 2015 22:30BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.