
01/02/2015
Tha toimhseachan a thaobh na sìde aig Ruaraidh san litir aige do luchd-ionnsachaidh. Week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 507
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 811
Duration: 04:59
Litir 811: Aimsir a’ Gheamhraidh
Air an latha mu dheireadh dhen Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis an-uiridh, chuala mi beagan fealla-dhà a chòrd rium. Bha cuideigin a’ bruidhinn mun Òban, far am bi am Mòd am-bliadhna. Bha e ag ràdh gun robh fras no dhà ann fhad ’s a bha am Mòd ann an Inbhir Nis, ged a bha an aimsir an ìre mhath tioram. Nam biodh daoine a’ coimhead airson a leithid de dh’aimsir – fras no dhà – anns an Òban, bha deagh theans ann gum faigheadh iad i.
Dh’inns e naidheachd mu fhear Ameireaganach a bh’ anns an Òban airson ceala-deug. Cha mhòr nach robh an t-uisge ann fad na h-ùine. Bha am fear air an t-sràid agus chunnaic e balach òg a bhuineadh don bhaile. ‘Nach bi an turadh ann an seo uair sam bith?’ dh’fhaighnich e dhen ghille.
‘Ciamar a bhiodh fios agamsa?’ fhreagair an gille. ‘Chan eil mi ach còig bliadhna a dh’aois!’
Tha e a’ cur nam chuimhne ro-shealladh na h-aimsir a chuala mi airson a’ Ghearasdain. ‘Coimhead a-mach air an uinneig,’ chaidh innse dhomh. ‘Mura faic thu Beinn Nibheis, tha an t-uisge ann. Ma chì thu a’ bheinn, tha an t-uisge gu bhith ann!’ Tha mi an dòchas gun gabh muinntir a’ Ghearasdain mo leisgeul airson sin!
Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh an aimsir, mar as trice, fuar. Ach an coimeas, can, ris na dùthchannan Lochlannach no Canada no an Ruis, chan eil Alba cho fuar sin. Faodaidh aiteamh a bhith ann uair sam bith anns a’ gheamhradh.
A bheil sibh eòlach air an fhacal sin – aiteamh ‘thaw’? Bidh sinn ag ràdh ‘tha an latha ris an aiteamh’ no ‘tha i ag aiteamh’. Uill, seo agaibh dà sheanfhacal co-cheangailte ris:
Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas ‘no thaw lasts except one from the north, and no snowfall lasts except one from the south’. Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas. Tha e a’ ciallachadh gum mair blàths anns a’ gheamhradh airson ùine a-mhàin nuair a tha a’ ghaoth a’ tighinn bhon àird a tuath. Ma thig àiteamh bhon deas, ’s dòcha gun tig reothadh a-rithist cho luath ’s a dh’atharraicheas a’ ghaoth gu bhith a’ tighinn bhon àird-a-tuath.
Seo seanfhacal eile a tha gu math eadar-dhealaichte. Aiteamh na gaoithe tuath air an t-sneachd – tuilleadh a chur na cheann ‘the north wind's way of thawing the snow is to add more to it’. Nise, tha mi an dùil gu bheil am fear seo a-mach air daoine, seach air an aimsir. Tha e a’ buntainn ri feadhainn a bhios a’ feuchainn ri rudan a dhèanamh nas fheàrr, ach a nì nas miosa e. Aiteamh na gaoithe tuath air an t-sneachd – tuilleadh a chur na cheann.
Airson crìoch a chur air an Litir, tha mi a’ dol a thoirt tòimhseachan dhuibh. Bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain. Tha e co-cheangailte ris a’ gheamhradh:
Cailleach bheag a’ chòta bhàin,
Mar as tighe thig i bhàn,
’S ann as fheàrr a laigheas i.
Tha [a]-bhàn a’ ciallachadh ‘sìos’. Tha an abairt nas cumanta air dualchainntean tìr-mòr, seach anns na h-eileanan. Tha an tòimhseachan furasta gu leòr, nach eil? Cailleach bheag a’ chòta bhàin, mar as tighe thig i bhàn, ’s ann as fheàrr a laigheas i. Dè tha anns a’ chaillich? Beannachd leibh.Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: an-uiridh: last year; fras: shower; ceala-deug: a fortnight; reothadh: frost, freeze; tòimhseachan: puzzle.
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: Ma chì thu a’ bheinn, tha an t-uisge gu bhith ann: if you can see the mountain, it’s about to rain. Gu bhith is a useful phrase that can sometimes stand for ‘almost’. Tha mi gu bhith deiseil ‘I’m almost ready’. Dialectically it can be gus a bhith – tha mi gus a bhith deiseil.
Seanfhaclan na Litreach
Seanfhaclan na Litreach: Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas ‘no thaw lasts except one from the north, and no snowfall lasts except one from the south’. Aiteamh na gaoithe tuath air an t-sneachd – tuilleadh a chur na cheann ‘the north wind's way of thawing the snow is to add more to it’. : I bade farewell to.
Broadcasts
- Sun 1 Feb 2015 22:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 Feb 2015 22:30BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.