
03/10/2014
Tha an litir do luchd-ionnsachaidh a' coimhead air bàrdachd dhrabasta Alasdair Mhic Mhaighsteir Alasdair. The week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 794
Duration: 05:00
Litir 794: Mì-mhodh ann an Gàidhlig - Pàirt 2
Goirid às dèidh dhomh ‘Litir do Luchd-ionnsachaidh’ a thòiseachadh – còrr is còig bliadhn’ deug air ais – sgrìobh boireannach thugam aig a’ BhBC. Bha an litir ann am Beurla agus na cois bha duilleag bhàn. Bha i ag iarraidh orm an duilleag a lìonadh le droch chainnt – mionnachadh ’s a leithid – ann an Gàidhlig. Sgrìobh mi air ais thuice – ‘A bhana-charaid chòir, ’s dòcha gun dèan mi a leithid dhuibh nuair a tha sibh fileanta gu leòr gus litir a sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Ach, leis an fhìrinn innse, ’s e glè bheag de dh’eòlas a th’ agam air cainnt mar sin co-dhiù.’ Cha chuala mi a-rithist bhuaipe.
Saoilidh mi gu bheil a’ Bheurla Shasannach – no a’ Bheurla Anglo-Shagsannach – mòran nas fheàrr na Gàidhlig nuair a thig e gu droch chainnt. Chan eil facal coltach ris an f-word againn. Chan eil no aig na Cuimrich. Chuala mi fìor dhroch chainnt ann an Cuimris aon oidhche. Bha i làn dhen f-word a bhuineas don t-seann Bheurla.
Ach chan eil sin a’ ciallachadh nach eil droch fhaclan againn ann an Gàidhlig. Tha iad ann, agus tha leabhar-iùil beag air tighinn a-mach anns a bheil a leithid air a taisbeanadh. A bharrachd air mionnachadh, tha caibideilean ann mu mhallachadh, cleachdadh tombaca, òl is feise. Chan e leabhar ‘àbhaisteach’ a th’ ann, tuigidh sibh.
’S e an t-ainm a th’ air The Naughty Little Book of Gaelic: All the Scottish Gaelic You Need to Curse, Swear, Drink, Smoke and Fool Around. ’S e an t-ùghdar, no am fear-cruinneachaidh, Mìcheal Newton agus chaidh an leabhar fhoillseachadh le Foillsichearan Oilthigh Cheap Bhreatainn ann an Alba Nuaidh.
’S e acadamaigeach a th’ ann am Mìcheal Newton, agus chan eil e a’ brosnachadh droch chainnt no droch ghiùlan ann an saoghal na Gàidhlig – no saoghal an luchd-ionnsachaidh! Ach tha e dhen bheachd, mura h-eil daoine eòlach air cainnt mar sin, gum bi iad a’ tionndadh gu Beurla, cànan a tha làn de a leithid. Ge brith dè ar beachd moralta, bidh daoine ag iarraidh droch fhaclan is droch abairtean a bhith aca anns a’ chànan a chleachdas iad gu làitheil. Sin mar a tha e. Ach tuigidh sibh gum bi mi car faiceallach mu na h-eisimpleirean a bheir mi dhuibh air an rèidio!
Anns a’ chaibideil mu bhith a’ cur mallachd, tha Mìcheal Newton a’ dèanamh na puing gu bheil a leithid co-cheangailte ri bàs, fulangas agus dìteadh sìorraidh ann an Gàidhlig, agus chan ann ri feise. Seo eisimpleirean: bàs gun sagart ort!; bàs an fhithich ort! (bhathar a’ creidsinn gun robh fithich òga a’ marbhadh na seann fheadhainn); b’ fheàrr leam gun robh thu ann an Hiort!; gun toir am Fear Mòr leis thu! Seo eisimpleirean bhon chaibideil mu mhionnachadh: A mhic an Riabhaich!; A mhic Ifrinn!; ’s e plàigh a th’ annad!
Tha caibideil cuideachd mu thombaca anns a bheil an t-ùghdar ag innse dhuinn gun robh muinntir Bharraigh cho dèidheil air smocadh ’s gun do dh’fheuch iad ri tombaca fhàs anns an eilean! Agus tha sinn a’ faighinn dàn à Ontario a chaidh a sgrìobhadh anns an naoidheamh linn deug:
Chan eil cailleach, chan eil bodach,
Ged bha fiamh is fraoch gu trod orr’
Nach tionndadh gu sìth bhon chogadh
Nuair gheibheadh iad toit dhen phìob.
Cha do ràinig sinn òl no feise fhathast. Ach ruigidh – an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
You’ll note that I haven’t included pòg mo thòn ‘kiss my posterior’ in the list of curses – it’s too well known already, even among those who don’t speak Gaelic (for some strange reason!) It’s really interesting when you look through the list of Gaelic curses that there are virtually none which relate to sexual adequacy or the identity of one’s father. In that respect, it’s completely different to English. Perhaps a sociolinguist will have an explanation (and it’s far too simplistic to blame Highland Presbyterianism – the examples were collected in various religious communities, in Nova Scotia in addition to Scotland).
Gnàthas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 3 Oct 2014 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Oct 2014 14:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.