Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 22 Jun 2014 14:55

Clip

Litir 779: Turas a dh’Alba Nuaidh - Pàirt 2

Còrr is còig bliadhn’ deug air ais, anns an dàrna Litir a sgrìobh mi, bha mi a-mach air a’ Ghàidhlig air spider. Bha mi ag innse dhuibh gur e poca-salainn a chanadh mo sheanmhair, seach damhan-allaidh. Ach chan e sin an sgeul gu lèir. Tha faclair Dwelly a’ toirt dhuinn grunn fhaclan eile, leithid breabair, breabair-smògach, cuideag, figheadair, figheadair-fodair agus figheadair-ròmach.

            Agus ainm eile. Cha robh mi air sin a chluinntinn ann an cainnt, ged a tha e ann an Dwelly. Bha sin, co-dhiù, gus an robh mi ann an Alba Nuaidh o chionn ghoirid. Agus tha a h-uile duine le Gàidhlig ga ràdh ann an Alba Nuaidh, fhad ’s a chì mise. Poca-puinnsein. Chuala mi grunn tursan e – poca-puinnsein.

            Tha Dwelly ag innse dhuinn gur e sin an t-ainm airson spider ann am Baile a’ Chaolais is Meudarloch, agus na sgìrean sin. ’S gann gun cluinnear a’ Ghàidhlig an sin an-diugh. Tha an dualchas air a ghleidheadh, ge-tà, ann an Alba Nuaidh.

            Bha mi ann an Alba Nuaidh airson bruidhinn ri daoine mu na ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig agus an àrainneachd, agus mar a ghabhas eòlas nan Gàidheal a chur gu feum ann an turasachd. Bhruidhinn mi ri daoine mu ainmean eun is ainmhidhean ann an Alba agus thug mi daoine a-mach a choimhead air, ged a bha i fhathast car tràth airson mòran fhaicinn, an dèidh geamhradh cruaidh. Agus dh’fheuch mi ri ainmean Gàidhlig na h-Alba Nuaidhe a thogail, nuair a bha rudeigin ann nach eil an seo anns an t-seann dùthaich, mar a chanas iad thall.

            Ach cha do thog mi gu leòr. Air a’ mhadainn mu dheireadh agam nochd mi air telebhisean – beò aig àm bracaist agus chaidh a’ cheist a chur orm, ‘What’s the Gaelic for the blue jay?’ Uill, cha robh càil a dh’fhios agam!

            Nise, tha eun car coltach againn ann an Alba, ged nach fhaca mi fhìn e ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd. ’S e sin an jay, no sgreuchag-choille. Ach chan eil am blue jay Canèidianach againn. Agus b’ fheudar dhomh aideachadh nach robh fios agam. Bhon uair sin fhuair mi a-mach gur e an t-eun gorm ainm Gàidhlig ann an Alba Nuaidh. No an t-eun liath, mar a th’ aig feadhainn air.

            Nuair a bha mi air Eilean Cheap Bhreatainn, chunnaic mi eun car mòr le brù ruadh. ’S e robin a chanar ris, ged a tha e mòran nas motha na ’m brù-dearg againne. Gu dearbh, tha e nas coltaiche ris an smeòrach againn. Agus ’s e sin a th’ aig na Gàidheil air – smeòrach. Tha an t-ainm a’ dèanamh ciall oir tha an t-eun dlùth-chàirdeach don smeòrach againn fhèin. Agus tha brù bhreac air na h-iseanan, mar a th’ air an smeòrach againne. Bidh a’ bhrù a’ dol ruadh nuair a dh’fhàsas an t-isean gu bhith na eun.

            Agus ainm eile a chòrd rium thall – màgan – a’ ciallachadh frog no ma dh’fhaodte toad aig feadhainn. Tha an dà chreutair a’ dol an lùib a chèile mar a tha an seo. Agus chan eil ‘màgan’ cumanta ann an Alba. Ach chunnaic mi ainm brèagha air sanas-baile – Ainslie Glen ann am Beurla, agus Gleann nam Màgan ann an Gàidhlig. Àite fuaimneach, is cinnteach!

Faclan na Litreach

poca-puinnsein: spider; Baile a’ Chaolais: Ballachulish; Meudarloch: Benderloch; Eilean Cheap Bhreatainn: Cape Breton Island.

Abairtean na Litreach

gur e X a chanadh mo sheanmhair, seach Y: that it was X my grandmother said, rather than Y; chan e sin an sgeul gu lèir: that’s not the entire story; grunn fhaclan eile: several other words; ’s gann gun cluinnear a’ Ghàidhlig: Gaelic is hardly heard; tha an dualchas air a ghleidheadh: the heritage is preserved; mu na ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig agus an àrainneachd: about the links between Gaelic and the environment; mar a ghabhas eòlas nan Gàidheal a chur gu feum ann an turasachd: how the knowledge of the Gaels can be put to use in tourism; bha i fhathast car tràth airson mòran fhaicinn, an dèidh geamhradh cruaidh: it was still a bit early to see much, after a hard winter; nuair a bha rudeigin ann nach eil an seo anns an t-seann dùthaich, mar a chanas iad thall: when there was something that isn’t here in the old country, as they say over there; beò aig àm bracaist: live at breakfast time; cha robh càil a dh’fhios agam: I had no idea; b’ fheudar dhomh aideachadh nach robh fios agam: I had to admit I didn’t know; tha e mòran nas motha na ’m brù-dearg againne: it’s much bigger than our robin; tha e nas coltaiche ris an smeòrach againn: it’s more like our thrush; dlùth-chàirdeach do: closely related to; tha an dà chreutair a’ dol an lùib a chèile: the two creatures get mixed up; Gleann nam Màgan: lit. the glen of the frogs; àite fuaimneach, is cinnteach: a noisy place, no doubt.

Puing-chànain na Litreach

There are many names for a spider, including breabair, breabair-smògach, cuideag, figheadair, figheadair-fodair and figheadair-ròmach. Breabair is here employed in its meaning of ‘weaver’, rather than ‘kicker’ (breabadair is the most common form applying to humans) because it weaves webs. Smògach (or smàgach) refers to its habit of creeping on all four legs. Figheadair also means ‘weaver’ (we commonly use the verb fighe for ‘weave’ or ‘knit’). Fodair ‘of fodder, hay’ probably refers to its preference for dry places such as barns, and ròmach means ‘rough with hair’. Cuideag would appear to refer to its diminutive size.

Gnàthas-cainnt na Litreach

fhad ’s a chì mise: as far as I can see.

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 20 Jun 2014 11:55
  • Sat 21 Jun 2014 10:55
  • Sun 22 Jun 2014 14:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast