
28/02/2014
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 763
Duration: 05:00
Litir 763: Tubaist-mhara aig Uilleam Mac an t-Sagairt
Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun mheas a th’ agam air obair an neach-ealain ainmeil, Uilleam Mac an t-Sagairt. Bha Uilleam, a bhuineadh do Cheann Tìre, am measg ginealach de pheantairean Albannach a bha cianail tàlantach. ’S iad na seallaidhean mara aige as motha a tha a’ còrdadh rium.
Bhiodh Uilleam a’ tilleadh a Cheann Tìre gu tric. Bhiodh e uaireannan a’ falbh a-mach ann an eathar – an seòrsa, tha mi cinnteach, a chithear anns na dealbhan aige. Aon turas, anns an Lùnastal ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889), bha e ann an cunnart a bheatha a chall.
Bha Uilleam agus a bhean Marsaili ag iasgach ann an eathar ann an Loch Chille Chiarain. Cuide riutha, bha an dithis mhac agus caraid dhaibh, Tòmas Young. ’S e latha brèagha brèagha a bh’ ann. Ged nach robh e ag obair, tha mi an dùil gun robh Uilleam a’ cuimhneachadh gach nì le sùil an neach-ealain.
Thàinig bàta-smùide a-mach à cala Cheann Locha – mar a chanadh na Gàidheil ri Ceann Loch Chille Chiarain. ’S e am Meteor an t-ainm a bh’ oirre. Bhuineadh i do Lìte. Bha eathar Mhic an t-Sagairt air acair faisg air beul an locha agus bha bàt’-iasgaich meadhanach faisg oirre. Ach bha pailteas rùim ann airson a’ Mheteor a bhith a’ faighinn seachad oirre.
Bha Uilleam agus a chompanaich air an dòigh ’s air an socair, ag iasgach. Ach mhothaich iad gun robh am Meteor a’ dèanamh gu dìreach orra agus nach do dh’atharraich i a cùrsa. Nuair a bha i mu shia fichead slat bhuapa, sheas Uilleam agus Tòmas an-àirde. Smèid iad agus dh’èigh iad gu h-àrd. Chunnaic iad dithis fhear air bòrd a’ Mheteor. Bha iad ag obair aig a’ bheul-mhòr. Bha Mac an t-Sagairt cinnteach mar sin gun robh cuideigin air bòrd a’ Mheteor air am faicinn.
Ach fhathast lean am bàta-smùide air a cùrsa. Bha a-nise an t-eagal air Uilleam agus a chompanaich. Chunnaic iad treas fear air bòrd a’ Mheteor. Bha iad ag èigheachd ach cha do rinn e diofar sam bith. Bhuail am Meteor gu cruaidh anns an eathar, ga sgàineadh ann an dà leth. Thuit a h-uile duine air an eathar don mhuir, agus lean am Meteor thairis orra.
’S ann an uair sin a chunnaic sgioba a’ Mheteor gun robh rudeigin ceàrr. Stad iad am bàta agus chunnaic iad còignear anns an uisge. Chuir iad geòla thar a’ chliathaich agus thog iad a h-uile duine gu sgiobalta. Gu fortanach cha robh duine aca air a ghoirteachadh. Bha iad fliuch, fuar is rudeigin feargach, ach cha robh cùisean na bu mhiosa na sin.
‘Carson fon ghrèin a rinn thu sin?’ dh’fhaighnich Mac an t-Sagairt dhen sgiobair, Gilleasbaig Grassam. Dh’aidich Grassam nach robh neach-faire air a bhith aige.
Thàinig a’ chùis gu cùirt as t-Sultain. Bha na h-iasgairean a bha faisg air làimh air a h-uile càil fhaicinn. Thug iad fianais seachad gun robh sgioba a’ Mheteor air an soitheach a làimhseachadh ann an dòigh chunnartach. Fhuair Gilleasbaig Grassam trì mìosan sa phrìosan agus fhuair a mheit dà mhìos. Agus, gu fortanach, bha Uilleam Mac an t-Sagairt beò airson còrr is fichead bliadhna eile airson leantainn leis an obair a tha ga fhàgail am measg nam peantairean Gàidhealach a b’ ainmeile a bh’ ann riamh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
mun mheas a th’ agam air obair an neach-ealain ainmeil: about the admiration I have for the work of the well-known artist; a bhuineadh do Cheann Tìre: who belonged to Kintyre; am measg ginealach de pheantairean Albannach a bha cianail tàlantach: among a generation of Scottish painters who were incredibly talented; ’s iad na seallaidhean mara aige as motha a tha a’ còrdadh rium: I like his seascapes the best; ann an cunnart a bheatha a chall: in danger of losing his life; bha bàt’-iasgaich meadhanach faisg oirre: a fishing boat was in reasonable proximity to them; bha pailteas rùim ann airson X a bhith a’ faighinn seachad oirre: there was plenty of room for X to get past her; air an dòigh ’s air an socair, ag iasgach: fishing in a happy and relaxed manner; nach do dh’atharraich i a cùrsa: she didn’t change her course; smèid iad agus dh’èigh iad gu h-àrd: they waved and shouted loudly; ag obair aig a’ bheul-mhòr: working at the gunwale; gun robh cuideigin air am faicinn: that somebody had seen them; bhuail X gu cruaidh anns an eathar, ga sgàineadh ann an dà leth: X hit the boat hard, cutting it in two; chuir iad geòla thar a’ chliathaich agus thog iad a h-uile duine gu sgiobalta: they put a dinghy over the side and they quickly picked up everybody; dh’aidich X nach robh neach-faire air a bhith aige: X admitted he hadn’t had anybody on lookout; bha na h-iasgairean air a h-uile càil fhaicinn: the fishermen had seen everything; gun robh X air an soitheach a làimhseachadh ann an dòigh chunnartach: that X had handled the vessel in a dangerous manner; fhuair a mheit dà mhìos: his mate received two months.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
lean am bàta-smùide air a cùrsa: the steamship continued on its [her] course.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 28 Feb 2014 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 1 Mar 2014 10:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 2 Mar 2014 14:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.