
24/01/2014
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 758
Duration: 05:00
Litir 758: An Dèirceach Abrach - Pairt 1
Bha mi ag innse dhuibh mu na comasan iongantach a bh’ aig Calum Cille ann a bhith a’ fosgladh dhorsan a bha glaiste na aghaidh. Bha e ann an Èirinn turas agus thugadh cuireadh dha a dhol a chèilidh air na manaich ann am manachainn aig Tìr Dà Ghlas (‘fearann an dà allt’) ann am meadhan na dùthcha. Nuair a chaidh e ann, bha an iuchair a dh’fhosgladh an caibeal air chall. Bha na manaich gu math mì-thoilichte mu dheidhinn call na h-iuchrach.
Chaidh Calum Cille gu doras a’ chaibeil. Thuirt e, ‘Is urrainn don Tighearna, às aonais iuchair, doras a thaigh fhèin fhosgladh do a shearbhantan.’ Cho luath ’s a bha na faclan sin a-mach às a bheul, dh’fhuasgladh glasan an dorais le neart, agus dh’fhosgail an doras leis fhèin.
Tha an stòiridh sin a’ nochdadh ann an Vita Columbae, eachdraidh Chaluim Chille a chaidh a sgrìobhadh le Adomnan. Agus a’ chaibideil a leanas air sin anns a’ Vita, tha i co-cheangailte ri dèirceach bochd à Loch Abar agus an t-slat bhiorach a rinn Calum Cille dha. Seo agaibh an stòiridh.
Latha a bha seo thàinig an dèirceach Abrach a Chalum Cille, ag ràdh nach robh gu leòr aige a chumadh a theaghlach a dol. Thug Calum Cille dha na b’ urrainn dha de dhèirc. An uair sin thuirt e, ‘A dhuine bhochd, faigh slat bhon choille a tha faisg oirnn agus thoir i dhomh gu sgiobalta.’ Chaidh an duine bochd don choille, fhuair e slat agus thug e do Chalum Cille i.
Nuair a fhuair e an t-slat, rinn Calum Cille aon cheann dhith biorach agus bheannaich e i. ‘Glèidh an t-slat seo le cùram,’ thuirt e. ‘Ma nì thu sin, tha mi a’ creidsinn nach dèan i cron air daoine no crodh, ach gun dèan i cron a-mhàin air fiadh-bheatha agus èisg. Cho fad ’s a ghleidheas tu an t-slat seo, cha bhi gainnead de shitheann anns an taigh agad.’
Mar a bhiodh dùil, bha an dèirceach toilichte. Cha bhiodh gainnead feòla anns an taigh aige tuilleadh. Dh’fhalbh e dhachaigh, ann an deagh shunnd, a Loch Abar. Chuir e an t-slat bhiorach mar stob anns a’ choille ann an àite iomallach. Bha aon cheann dhith anns an talamh agus an ceann eile – an ceann biorach – a’ stobadh an-àirde. Dh’fhàg an duine bochd i mar sin fad na h-oidhche. An ath mhadainn, thill e don àite. Agus, mar a bha Calum Cille air innse, ’s ann a bha damh mòr air tuiteam air an stob. Bha e marbh. Saoilidh mi gun robh an t-slat air a dhol tro chridhe an daimh. Co-dhiù, bha feòil gu leòr aig a theaghlach an latha sin.
A rèir beul-aithris, ’s ann mar sin a lean gnothaichean fad ùine mhòr. Cha d’ rachadh latha seachad air nach biodh beathach air choreigin – damh no eilid no earba – marbh air ceann biorach an stuib. Nuair a bha a theaghlach sàsaichte leis na bh’ aca de dh’fheòil, bhiodh am fear bochd a’ reic na bh’ air fhàgail do a choimhearsnaich. Feumaidh nach robh e uile-gu-lèir bochd tuilleadh.
’S e Calum Cille a bu choireach ris a’ phiseach a thàinig air a bheatha. Ach, gu mì-fhortanach, cha robh cùisean gu bhith a’ leantainn mar sin gu sìorraidh. Innsidh mi dhuibh dè thachair don dèirceach Abrach an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Tìr Dà Ghlas (Tirdaglas, now Terryglas, Co. Tipperary) has an ancient church history. What is also interesting is the name, which translates as ‘land of two streams’. Glas ‘stream’ is to be found in both Irish and Welsh dictionaries but appears to have become obsolete at a reasonably early stage in Scottish Gaelic and is not in our dictionaries. Nevertheless it is present in place names. Loch Glass and Glen Glass in Easter Ross likely derive their names from the original name of the stream that drains the loch. Strathglass, named from the River Glass, takes its name from an old Gaelic form, and Inveruglas Water (Loch Lomond) is originally Dubh Ghlas ‘dark stream’, the settlement at its mouth being Inbhir Dhubh Ghlais, anglicised Inveruglas. The personal name Dùghlas/Dùbhghlas (Douglas) appears to have the same origin, and there are other place names like Finglas/Finlas ‘fair stream’, Fo-ghlas/Fowlis ‘sub-stream’ in a number of localities. While the anglicised forms are based on the Gaelic names, river names are very conservative and one cannot rule out the possibility that the Gaelic forms were themselves built on earlier P-Celtic forms.
Gnàthas-cainnt na Litreach
cha bhi gainnead de shitheann anns an taigh agad: there will be no shortage of venison in your house.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 24 Jan 2014 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 25 Jan 2014 10:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Jan 2014 14:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.