
17/01/2014
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 757
Duration: 05:00
Litir 757: Clann an Oistir
Tha mi cinnteach gu bheil sibh gu math eòlach air an fhacal Ghàidhlig clann. ’S e sin tùs an fhacail Bheurla clan. A bharrachd air clann bheaga is clann mhòra is a leithid, canaidh sinn Clann Mhuirich, Clann an Tòisich, Clann Dòmhnaill is mar sin.
Ach an cuala sibh riamh mu Chlann an Oistir? ’S e fine bheag a bh’ annta a bha a’ fuireach ann an Eilean Ì. Clann an Oistir. Chan e ainm duine a th’ ann an Oistir, ge-tà. B’ e ostuarii a bh’ annta ann an Laidinn – an fheadhainn a bha a’ cumail faire aig doras.
Ma rinn sibh bith-eòlas aig àrd-ìre, bidh sibh eòlach air an fhacal Laidinn ostium. Tha e diofraichte bhon fhacal osteon ann an Seann Ghreugais, a tha a’ ciallachadh ‘cnàimh’, agus a tha a’ toirt dhuinn fhaclan Beurla mar osteoblast agus osteoporosis. Tha ostium a’ ciallachadh ‘doras, fosgladh, beul’. Ann am bith-eòlas, thathar a’ cleachdadh an fhacail airson nam pòraichean ann an spongan far am bi uisge a’ faighinn a-mach ’s a-steach, agus airson nam fosglaidhean ann an cridheachan mheanbh-chreutairean.
Tha ostium cuideachd a’ ciallachadh beul aibhne. Nise, tha am facal òs againn ann an Gàidhlig airson beul aibhne. Ged a thathar a’ smaoineachadh gun tàinig òs bhon t-Seann Lochlannais, ’s iongantach mura h-eil ceangal ann eadar òs agus ostium.
Buinidh Clann an Oistir do bheul-aithris mu Eilean Ì. Thathar ag ràdh gum b’ e dorsairean don mhanachainn anns an eilean sin a bh’ annta. Thàinig tùsaire na fine a-nall à Èirinn cuide ri Calum Cille fhèin agus chùm e faire air doras na manachainn don naomh ainmeil. Ach rinn e rudeigin airson an naomh a mhì-thoileachadh. Rinn Calum Cille mallachd air, ag ràdh nach bu chòir barrachd na còignear de a sheòrsa a bhith beò aig an aon àm.
Leis a sin, nuair a rugadh siathamh duine don teaghlach sin, bha aig fear no tè dhen chòignear eile ri bàs fhaighinn. Chan eilear ag ràdh ciamar a thachair sin. Mu dheireadh thall, thàinig an fhine gu ceann. Thathar ag ràdh gun robh an tè mu dheireadh le buntanas teaghlaich do Chlann an Oistir beò anns an ochdamh linn deug – fhathast ann an Eilean Ì.
’S iomadh stòiridh a th’ ann mu Chalum Cille agus dorsan. Bha comas thar chàich aige ann a bhith a’ fosgladh dhorsan a bha glaiste na aghaidh. Thathar ag innse mun turas ainmeil a rinn e a dh’Inbhir Nis airson tadhal air Brùid, Rìgh nan Cruithneach anns a’ cheann a tuath. Ràinig Calum Cille agus a chompanaich lùchairt an Rìgh. Bha Brùid àrdanach, ge-tà (oir ’s e rìgh cumhachdach a bh’ ann) agus chan fhosgladh e doras a lùchairt don fhear naomh.
Nuair a chunnaic Calum Cille seo, rinn e comharra de chrois an Tighearna. An uair sin, ghnog e an doras mòr agus chuir e a làmh air. Gu h-obann dh’fhuasgladh na glasan le neart agus dh’fhosgail an doras air a’ chlab mar gun robh làmh mhòr air a phutadh gu cruaidh. Chaidh Calum Cille agus a chompanaich tron doras fhosgailte. Nuair a chuala e mar a thachair, thàinig Brùid gu h-iriosal a choinneachadh ris an naomh. Bhon latha sin a-mach ghabh Brùid ri Calum Cille mar fhear urramach, ionnsaichte, beannaichte.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Broadcasts
- Fri 17 Jan 2014 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 18 Jan 2014 10:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Jan 2014 14:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.