Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 12 Jan 2014 14:55

Clip

Litir 756: Famhairean an Dùin Deirg

A bheil sibh eòlach air an Taobh Sear ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich? Gu deas air Stafainn, faisg air Bhaltos, tha seann dùn ann air a bheil an Dùn Dearg mar ainm. Bhiodh na Gàidheil gu math tric a’ dèanamh ceangal eadar na seann làraich a tha seo agus caractaran à beul-aithris, leithid na Fèinne no famhairean no gaisgich eile.

            Tha stòiridh ann a tha a’ buntainn ris an Dùn Dearg. Dè cho fìor ’s a tha e … uill … fàgaidh mi sin agaibh fhèin. Ach seo e co-dhiù – stòiridh ris an canar ‘Famhairean an Dùin Deirg’.

            Uair a bh’ ann bha famhairean a’ fuireach anns an Dùn Dearg. Gu math tric, bhiodh iad a’ sabaid le chèile. Bhiodh iad a’ tarraing chraobhan a-mach agus a’ briseadh chlachan agus a’ dèanamh sgrios air an dùthaich nuair a bhiodh iad a’ sabaid. Bhiodh iad ag ithe tòrr bìdh cuideachd – mairt is fiadh is caora airson aon diathaid. No barrachd na sin.

            Cha robh aca eatarra, ge-tà, ach aon bhò-bhainne. Bha Glas Ghoillean oirre mar ainm. ’S dòcha gu bheil sin a’ ciallachadh ‘a’ bhò ghlas air an robh aghaidh mhòr ghrànda’, no rudeigin mar sin. Co-dhiù, b’ ise an tè mu dheireadh dhen chrodh iongantach mòr a bha uaireigin a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach. Nuair a bha i na laighe, chanadh na daoine, bha a h-adhaircean a’ ruigsinn nan speuran. Agus, nuair a bha i na seasamh, uill…

            Bhiodh Glas Ghoillean a’ feurachadh a-mhàin ann an ceithir glinn anns an eilean – Gleann Hionasdail is Gleann Romasdail ann an Tròndairnis, Gleann Scaladail ann am Minginis agus Gleann Dail ann an Diùranais. Às na h-àiteachan sin, far an robh feur math a’ fàs agus far an robh uisge fìor-ghlan ri òl, chluinneadh a’ bhò gairm famhair às an Dùn Dearg.

            Nuair a thigeadh na famhairean cruinn còmhla, cha robh rùm gu leòr dhaibh uile anns an Dùn. Agus cha robh taighean eile anns an Eilean Sgitheanach a bha mòr gu leòr dhaibh. Mar sin, bhiodh iad gu tric a’ fuireach air a’ bhlàr a-muigh.

            Bha dithis fhamhairean òga anns an Dùn Dearg air an robh Eachain agus Achan. Latha a bha seo, dh’fhalbh Eachain agus Achan a-mach air chuairt. Cha robh taigh anns an eilean a bha mòr gu leòr dhaibh agus, mar sin, dh’fhuirich iad air a’ bhlàr a-muigh. Bha iad a’ còcaireachd a-muigh cuideachd. Agus tha colbhan cloiche ann an Sniothasort far an do chuir iad an coire, le teine fodha, nuair a bha iad a’ còcaireachd. Tha na colbhan seo aithnichte mar ‘Sorchain Coire Fhinn’. Tha sin a’ ciallachadh nan colbhan a bha a’ cumail a’ choire aig Fionn os cionn an teine.

            Bha muinntir an àite mì-thoilichte leis na famhairean. Bha iad a’ glacadh cus èisg agus a’ sealg cus fhiadh. Chuir an sluagh romhpa na famhairean a mharbhadh le bhith a’ sadail chlachan orra. Air sgàth sin, theich Eachain agus Achan.

            Chaidh iad gu caolas eadar an t-eilean agus tìr-mòr. Bha a’ mhuir na bu doimhne na bha dùil. Agus bha iad air am bàthadh. Thug iad na h-ainmean aca don chaolas sin – Caol Acain – an t-ainm a th’ air fhathast.

Faclan na Litreach

Stafainn: Staffin; Bhaltos: Valtos; famhair: giant; a’ feurachadh: grazing; fìor-ghlan: pure; a’ còcaireachd: cooking; Sorchain Coire Fhinn: the support pillars of Fionn’s cauldron.

Abairtean na Litreach

A bheil sibh eòlach air an Taobh Sear?: do you know the eastern side of Trotternish?; a’ dèanamh ceangal eadar na seann làraich a tha seo agus caractaran à beul-aithris: making links between these old sites and characters from oral tradition; leithid na Fèinne: such as the Fenians/Fingalians; bhiodh iad a’ sabaid le chèile: they would be fighting with each other; a’ tarraing chraobhan a-mach: pulling trees out; ag ithe tòrr bìdh cuideachd – mairt is fiadh is caora airson aon diathaid: eating a lot of food as well – a cow, a deer and a sheep for one meal; cha robh aca eatarra, ge-tà, ach aon bhò-bhainne: they only had between them, however, one milking cow; b’ ise an tè mu dheireadh dhen chrodh iongantach mòr: she was the last of the gigantic cattle; bha a h-adhaircean a’ ruigsinn nan speuran: her horns were reaching the skies; chluinneadh a’ bhò gairm famhair: the cow would hear a giant’s call; a-mach air chuairt: out on a walk; far an do chuir iad an coire, le teine fodha: where they put a cauldron, with a fire under it; a’ glacadh cus èisg agus a’ sealg cus fhiadh: catching too many fish and hunting too many deer; chuir an sluagh romhpa na famhairean a mharbhadh le bhith a’ sadail chlachan orra: the people decided to kill the giants by throwing stones at them; chaidh iad gu caolas eadar an t-eilean agus tìr-mòr: they went to narrows between the island and the mainland; bha a’ mhuir na bu doimhne na bha dùil: the sea was deeper than expected; bha iad air am bàthadh: they were drowned; thug iad na h-ainmean aca don chaolas sin: they gave their names to that kyle.

Puing-chànain na Litreach

air a’ bhlàr a-muigh: in the outdoors. This is the phrase used to mean ‘out of doors’ or ‘the great outdoors’. Bidh e ag obair air a’ bhlàr a-muigh as t-samhradh ‘he works outdoors in the summer’. At first glance it might seem a strange choice as blàr generally refers to a flat area (plain, field) and much of Scotland is not in that category – but that’s the idiom!

Gnàthas-cainnt na Litreach

fàgaidh mi sin agaibh fhèin: I’ll let you decide (lit. I’ll leave that to you).

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 10 Jan 2014 11:55
  • Sat 11 Jan 2014 10:55
  • Sun 12 Jan 2014 14:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast