
07/06/2013
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain le cunntas beatha naoimh Albannaich. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
ProducerMaggie MacKinnon.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 725
Duration: 05:00
Litir 725: Naomh Brìde
Bha mi ag innse dhuibh mu Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain, agus na cunntasan ann de naoimh co-cheangailte ri Alba. Thàinig iris ùr dhen leabhar a-mach an-uiridh, air a dheasachadh le Ailean MacGuaire, agus air fhoillseachadh le Four Courts Press ann am Baile Atha Cliath. Bha an leabhar air a sgrìobhadh ann an Laideann, ach tha eadar-theangachadh Beurla ann cuideachd.
Tha grunn stòiridhean ann mu bheatha is mìorbhailean Naomh Brìde – tè a bha air leth cudromach do na Gàidheil. Seo eisimpleirean dhiubh. Bha a pàrantan ag iarraidh oirre pòsadh. Ach bha i fhèin airson fuireach na h-òigh. Ghuidh i air an Tighearna gun tigeadh mì-chumadh oirre agus, mar sin, nach biodh nòisean aig na fir-uaisle dhi. An uair sin, spreadh tè de na sùilean aice.
Nuair a bha i na bean-chràbhaidh, rinn i grunn mhìorbhailean. Thàinig boireannach thuice, a bha a’ fulang leis an luibhre. Bha i a’ sireadh bainne. Cha robh bainne aig Brìde ann, ach thug i uisge fuar don bhoireannach. Thàinig leigheas oirre air a’ bhoireannach às dèidh dhi an t-uisge òl.
Turas eile, bha i a’ siubhal ann an cairt le eich, nuair a chunnaic i fear bochd le theaghlach a’ giùlain fiodh. Bha an obair spàirneil. Ghabh Brìde truas riutha. Thug i a cuid each don teaghlach agus shuidh i fhèin is a maighdeanan ri taobh an rathaid. Bha am pathadh orra. ‘Tog an sgrath sin,’ thuirt Brìde. Cho luath ’ s a bha an sgrath air a togail, ’s ann a nochd fuaran uisge. An dèidh sin, bha commandair airm a’ dol seachad agus thug esan dà each do Bhrìde.
Latha eile, bha i ann an cabhaig agus thuit i aig àth nuair a bha i a’ dol tarsainn abhainn. Bhuail i a ceann. Bha fuil a’ sruthadh às. Bha dithis bhoireannach balbh an làthair. Shuathadh fuil Brìde orra agus thill comas labhairt thuca.
Bha i ann an coitheanal mòr turas nuair a chuir boireannach casaid às leth easbaig gum b’ esan athair a’ phàiste aice. Thug Brìde air a’ phàiste bruidhinn. ‘Cò d’ athair?’ dh’fhaighnich i. Agus fhreagair e, ‘Chan e an t-easbaig m’ athair, ach cuideigin olc air iomall a’ choitheanail.’ An turas sin, ’s iongantach mura robh àrd-urrachan na h-Eaglaise gu math toilichte le Brìde.
Ach cò bh’ innte? Tha i air a h-ainmeachadh ann an àiteachan ann an Alba mar Cille Brìde agus Lann Brìde. Tha i co-cheangailte gu làidir ri Cill Dara ann an Èirinn agus tha droch theans ann, eucoltach ri Calum Cille, mar eisimpleir, gun robh i riamh ann an Alba. Tha i coltach ri Naomh Anndra anns an dòigh sin.
Tha Ailean MacGuaire a’ sgrìobhadh, ‘as a historical figure, Brigit is very elusive.’ Gu dearbh fhèin. Tha esan dhen bheachd gun deach cliù seann ban-dia phàganach, air an robh ‘Brìde’, a ghabhail thairis leis an Eaglais. Bha a’ bhan-dia, no ’s dòcha triùir dhiubh a bha nam peathraichean leis an aon ainm, air a comharrachadh air a’ chiad fhèill-chairteil dhen bhliadhna. B’ e sin Imbolg aig toiseach a’ Ghearrain, letheach-slighe eadar toiseach na Samhna agus Latha Buidhe Bealltainn. Uill, ’s e Imbolg a chanadh na h-Èireannaich phàganach ris ach cha chuala mi fhìn dad ann an Alba ach Fèill-Brìde. ’S e a bh’ ann fèill a bha an dà chuid pàganach agus Crìosdail – mar a bha Brìde fhèin.
Faclan na Litreach
Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain: The Aberdeen Breviary; Baile Atha Cliath: Dublin; eadar-theangachadh: translation; spàirneil: requiring a great effort; commandair airm: military commander; balbh: without the power of speech; Cille Brìde: Kilbride; Lann Brìde: Lhanbryde; Cill Dara: Kildare.
Abairtean na Litreach
naoimh co-cheangailte ri Alba: saints connected to Scotland; air a dheasachadh le Ailean MacGuaire: edited by Alan MacQuarrie; mu bheatha is mìorbhailean Naomh Brìde: about the life and miracles of St Brigit (Bride); ghuidh i air an Tighearna gun tigeadh mì-chumadh oirre: she beseeched the Lord that she be given a deformity; nach biodh nòisean aig na fir-uaisle dhi: so that the noblemen would no longer pay her attention; spreadh tè de na sùilean aice: one of her eyes burst; nuair a bha i na bean-chràbhaidh: when she was a nun; a’ fulang leis an luibhre: suffering from leprosy; thàinig leigheas oirre air a’ bhoireannach dèidh dhi an t-uisge òl: the woman became cured after she drank the water; fear bochd le theaghlach a’ giùlain fiodh: a poor man with his family carrying wood; ghabh Brìde truas riutha: Brigit felt pity for them; tog an sgrath sin: lift that sod; ’s ann a nochd fuaran uisge: a freshwater spring appeared; ann an cabhaig: in a hurry; thuit i aig àth: she fell at a ford; bha fuil a’ sruthadh às: blood was gushing from it; shuathadh fuil Brìde orra agus thill comas labhairt thuca: Brigit’s blood was smeared on them and the ability to speak returned to them; chuir boireannach casaid às leth easbaig gum b’ esan athair a’ phàiste aice: a woman accused a bishop of being the father of her child; thug Brìde air a’ phàiste bruidhinn: Brigit made the child speak; tha droch theans ann gun robh i riamh ann an Alba: there is little likelihood of her ever being in Scotland; gun deach cliù seann ban-dia phàganach a ghabhail thairis: that the cult of an old pagan goddess was adopted; letheach-slighe eadar toiseach na Samhna agus Latha Buidhe Bealltainn: halfway between the start of Samhain and Beltane Day; fèill a bha an dà chuid pàganach agus Crìosdail: a feast that was both pagan and Christian.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
bha i fhèin airson fuireach na h-òigh: she herself wanted to remain a virgin.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 7 Jun 2013 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 8 Jun 2013 10:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Jun 2013 14:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.