
15/03/2013
Bidh Ruairidh MacIlleathain ag innse tuilleadh mun t-soitheach, an Annie Jane. Roddy MacLean tells us more about the vessel, the Annie Jane.
Bha Ruairidh MacIlleathain ag innse dhuibh mun t-soitheach an Annie Jane a bha a' dèanamh air Quebec anns a' bhliadhna ochd ceud deug, caogad 's a trì (1853). Bha i air a milleadh gu mòr ann an stoirm. Bha an sgiobair, an Caiptean Mason, air a chur roimhe a cur air tìr anns a' Bhàgh Siar ann am Bhatarsaigh. Bha e an dòchas gum faigheadh daoine gu sàbhailteachd an sin. Cluinnidh sinn tuilleadh ann an litir na seachdain-sa.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 713
Duration: 05:00
Litir 713: An Annie Jane
Bha mi ag innse dhuibh mun t-soitheach an Annie Jane a bha a’ dèanamh air Quebec anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, caogad ’s a trì (1853). Bha i air a milleadh gu mòr ann an stoirm. Bha an sgiobair, an Caiptean Mason, air a chur roimhe a cur air tìr anns a’ Bhàgh Siar ann am Bhatarsaigh. Bha e an dòchas gum faigheadh daoine gu sàbhailteachd an sin.
Chaidh an soitheach air a’ ghainmhich, ceart gu leòr. Ach bhuail tonnan innte agus chuir sin timcheall i, le a cliathaich an aghaidh na gaoithe. Chaidh tonnan mòra thairis oirre. Chaidh mòran de na daoine a bh’ air bòrd a bhàthadh. Cha robh àite innte a bha sàbhailte.
Bha an Annie Jane a-nise ann an trì pìosan. Bha a toiseach air na creagan aig beul a’ bhàigh. Bha feadhainn dhen chriudha a’ cumail grèim air a’ phìos sin. Bha a tileadh – sin am ‘poop’ – no na bh’ air fhàgail dheth co-dhiù, na b’ fhaisge air a’ chladach. Bha faisg air ceud neach a’ cumail grèim air. Bha an treas pìos dhen t-soitheach air a dhol fodha.
Shocraich a’ ghaoth mu dhà uair sa mhadainn. Bha fios aig an fheadhainn a bha beò fhathast gum biodh aca ri feitheamh chun na camhanaich agus a bhith an dòchas gun tigeadh cobhair.
Bha a’ mhadainn air Didòmhnaich 29 Sultain brèagha, le muir chiùin agus gaoth lag. Mu sheachd uairean, thàinig cuid de mhuinntir Bhatarsaigh don tràigh. Chunnaic iad na daoine ann an èiginn. Ghrunnaich iad a-mach a dh’ionnsaigh na luing-bhrisidh. Chuir fear de chriudha an Annie Jane ròpa timcheall a mheadhain. Shnàmh e a dh’ionnsaigh a’ chladaich. Choinnich fir Bhatarsaigh ris agus cheangail iad an ròpa ris an tìr. Fhuair na daoine dheth. B’ e an Caiptean Mason am fear mu dheireadh a dh’fhàg an long-bhriseadh.
Mhair ceud ’s a h-aon duine beò tron tubaist. Bha sin a’ fàgail gun do chaochail co-dhiù trì cheud, trithead ’s a trì daoine. Bha amharas ann gun robh feadhainn a bharrachd air bòrd nach robh clàraichte.
Mar a chunnaic sinn o chionn ghoirid, bha an t-uachdaran air mòran de na daoine fhuadach à Barraigh, Bhatarsaigh is na h-eileanan mu thimcheall orra. Bha sin a’ fàgail nach robh ach ochd taighean ann am Bhatarsaigh anns an robh daoine a’ fuireach. B’ e fear dhiubh an taigh-mòr leis an oighreachd. Na seachd eile, ’s e taighean-tughaidh a bh’ annta.
Uile-gu-lèir bha seasgad ’s a ceithir daoine a’ fuireach anns an eilean. Bha iad bochd. Agus, gu h-obann, bha còrr is ceud duine a bharrachd air nochdadh nam measg. Cha robh biadh gu leòr aca airson sluagh mar sin a bhiathadh, agus bha cuid dhen fheadhainn a thàinig beò tron tubaist a’ gearain nach d’ fhuair iad biadh gu leòr fhad ’s a bha iad ann am Bhatarsaigh.
Tha e coltach gun deach mu dhà cheud corp a sguabadh gu tìr leis an tìde-mhara. Bha iad air an tiodhlacadh ri taobh na traghad anns a’ Bhàgh Siar. Chaidh carragh-cuimhne a chur suas timcheall air ochd ceud deug ’s ochdad (1880). Tha e ann fhathast. Ann an àite cho brèagha, tha e a’ cur nar cuimhne mar a dh’èirich àmhghar do mhuinntir an Annie Jane o chionn ochd fichead bliadhna.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
a’ dèanamh air Quebec: making for Quebec; air a milleadh gu mòr: badly damaged; air a chur roimhe a cur air tìr: had decided to beach her; gu sàbhailteachd: to safety; chaidh an soitheach air a’ ghainmhich: the vessel went on the sand; bhuail tonnan innte agus chuir sin timcheall i: waves broke on her and that pushed her around; a cliathaich an aghaidh na gaoithe: her side against the wind; chaidh X a bhàthadh: X were drowned; bha a toiseach air na creagan aig beul a’ bhàigh: her bow was on the rocks at the mouth of the bay; bha a tileadh, no na bh’ air fhàgail dheth co-dhiù, na b’ fhaisge air a’ chladach: her poop, or what was left of it, at least, was closer to the shore; a’ cumail grèim air: holding on to it; air a dhol fodha: had gone under; gum biodh aca ri feitheamh chun na camhanaich: that they would have to wait until dawn; gun tigeadh cobhair: that assistance would come; ann an èiginn: in an emergency situation; a dh’ionnsaigh na luing-bhrisidh: towards the shipwreck; timcheall a mheadhain: around his waist; shnàmh e a dh’ionnsaigh a’ chladaich: he swam towards the shore; bha amharas ann gun robh feadhainn a bharrachd air bòrd nach robh clàraichte: it was suspected that there were some others on board who were not registered; air mòran de na daoine fhuadach: had cleared many of the people; an taigh-mòr leis an oighreachd: the big house owned by the estate; airson sluagh mar sin a bhiathadh: to feed a large number of people like that; nach d’ fhuair iad biadh gu leòr: that they didn’t get enough food; gun deach mu dhà cheud corp a sguabadh gu tìr leis an tìde-mhara: that about two hundred bodies were swept ashore with the tide; ri taobh na traghad: next to the beach; mar a dh’èirich àmhghar do X: how X suffered a terrible affliction.
Puing-chànain na Litreach
Cha robh àite innte a bha sàbhailte: there was no place in her that was safe. Do you notice that boats and ships are given a feminine gender (at least when they’re at sea). We use the feminine singular pronoun ‘i’ when referring to a ship and we employ verbal forms and prepositional pronouns (eg innte, oirre) which are specific to feminine objects.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Shocraich a’ ghaoth: the wind subsided.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 15 Mar 2013 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 16 Mar 2013 10:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.