
25/01/2013
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 706
Duration: 05:00
Litir 706: Beathaichean, a chaidh à bith, air mapaichean na h-Alba - Pàirt 4
An-uiridh, dh’fhoillsich luchd-rannsachaidh eun pàipear air an fhianais ann an ainmean-àite air eachdraidh is sgaoileadh iolairean ann am Breatainn agus Èirinn. Tha trì seòrsaichean iolaire ann – an iolaire-bhuidhe, an iolaire-mhara agus an iolair-uisge. Tha an iolaire-bhuidhe air a bhith ann bho shean. Chaidh an iolaire-mhara agus an iolair-uisge à bith ann an Alba. Thàinig an iolair-uisge air ais le a toil fhèin. Ach ’s e mac-an-duine a thug an iolaire-mhara air ais.
Choimhead an luchd-rannsachaidh air ainmean mar iolaire is fìor-eun ann an Gàidhlig, eryr ann an Cuimris, er ann an Còrnais, erne ann am Beurla is Albais, ørn ann an Lochlannais agus eagle ann am Beurla. Ach feumar a bhith faiceallach. Tha a leithid Eaglesfield a’ tighinn bho eglwys no eccles, faclan ann an Cuimris agus san t-Seann Bheurla airson ‘eaglais’. Agus chan eil Gleneagles co-cheangailte idir ri iolairean – tha e a’ tighinn bhon Ghàidhlig Gleann Eagas.
Bha an luchd-rannsachaidh a’ coimhead a-mhàin air an iolaire-mhara is iolaire-bhuidhe. Ach, mas e dìreach eagle no erne no iolaire a th’ anns an ainm, ciamar a bhios fios againn dè an seòrsa a bhathar a’ ciallachadh? Sin far an robh na h-eag-eòlaichean a’ cuideachadh. Bidh iolairean-mara a’ neadachadh nas fhaisge air a’ chladach air talamh nas ìsle nan tèile.
Rinn iad co-dhùnadh mar seo: Nam biodh an t-ainm aig àirde os cionn na mara na b’ ìsle na dà cheud meatair, taobh a-staigh deich cilemeatair bho uisge, ’s e an iolaire-mhara a bha e ag ainmeachadh. Nam biodh an t-àite còrr is ceud gu leth meatair os cionn na mara, le talamh àrd faisg air làimh, ’s e iolaire-bhuidhe a bhiodh ann – coma gun robh uisge faisg no nach robh. Eadar ceud gu leth is dà cheud meatair, cha robh e soilleir dè an seòrsa a bh’ ann.
Lorgadh còrr is seachd ceud ainm. B’ e a’ Ghàidhlig an cànan a bu mhotha san robh iad – aig dà cheud, seachdad ’s a sia (276). Ann an Gàidhlig bha an iolaire-bhuidhe na bu phailte sna h-ainmean, le còrr is an dà thrian dhiubh. Ach nuair a bha a h-uile cànan air a thoirt a-steach, bha an iolaire-mhara beagan na bu phailte na ’n iolaire-bhuidhe.
Leis an fhiosrachadh gu lèir mu na h-eòin, rinn an luchd-rannsachaidh tomhas air an àireimh de gach seòrsa ann am Breatainn is Èirinn anns a’ bhliadhna còig ceud AC – eadar mìle is mìle gu leth paidhir dhen iolaire-bhuidhe agus eadar ochd ceud is mìle ’s ceithir cheud dhen iolaire-mhara. Bha iad mòran na bu phailte an uair sin na tha iad a-nise.
Gheall mi an t-seachdain sa chaidh gun cuirinn iongnadh oirbh le ainm-àite anns a bheil beathach, a chaidh à bith, air ainmeachadh. Agus seo e. Ann an ceann a deas Eilean Bhòid, tha àite ann air a bheil Beaver Wood. Seadh, Beaver. ’S e an t-aon àite as aithne dhòmhsa ann an Alba far a bheil am bìobhair air ainmeachadh air a’ mhapa.
An robh bìobhairean uaireigin beò ann? Bha! Ach … bha iad air an toirt a-steach le Marcuis Bhòid anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug. Bha iad soirbheachail airson co-dhiù co-dhiù deich bliadhna agus an uair sin chaidh iad à bith. Chan eil e soilleir idir dè thachair dhaibh. Ach tha an gnothach air a chuimhneachadh air mapa Eilean Bhòid chun an latha an-diugh.
Faclan na Litreach
an-uiridh: last year; iolaire-bhuidhe: golden eagle; iolaire-mhara: [white-tailed] sea eagle; iolair-uisge: osprey; Eilean Bhòid: Isle of Bute.
Abairtean na Litreach
dh’fhoillsich luchd-rannsachaidh eun pàipear : ornithological researchers published a paper; fianais ann an ainmean-àite air eachdraidh is sgaoileadh iolairean: evidence in place names on the history and spread of eagles; air ais le a toil fhèin: back under its own devices; feumar a bhith faiceallach: one must be careful; a’ coimhead a-mhàin: only looking at; dè an seòrsa a bhathar a’ ciallachadh?: what type was meant?; sin far an robh na h-eag-eòlaichean a’ cuideachadh: that’s where the ecologists helped; a’ neadachadh nas fhaisge air a’ chladach: nesting closer to the shore; air talamh nas ìsle nan tèile: on lower ground than the other one; na b’ ìsle na dà cheud meatair: lower than 200 metres; le talamh àrd faisg air làimh: with high ground close by; lorgadh seachd ceud ainm: 700 names were found; còrr is an dà thrian dhiubh: more than two-thirds of them; eadar mìle is mìle gu leth paidhir dhen iolaire-bhuidhe: between 1,000 and 1,500 pairs of golden eagles; mòran na bu phailte an uair sin: much more numerous then; gheall mi gun cuirinn iongnadh oirbh: I promised that I would surprise you; an t-aon àite as aithne dhòmhsa far a bheil am bìobhair air ainmeachadh: the one place I know where the beaver is named; air an toirt a-steach le Marcuis Bhòid: introduced by the Marquis of Bute; soirbheachail airson co-dhiù co-dhiù deich bliadhna: successful for a decade at the very least; chan eil e soilleir idir dè thachair dhaibh: it’s not at all clear what happened to them.
Puing-chànain na Litreach
coma gun robh uisge faisg no nach robh: regardless of whether water was close by or not. Coma is a great word – it can mean ‘unconcerned, indifferent, uncaring’ and is used in a variety of idiomatic constructions. Tha mi coma – I couldn’t care less. Tha e coma dè thachras – he doesn’t care what happens. Tha i coma dheth – she doesn’t like it. Coma leat – don’t worry about it, never mind. Is coma leinn – it makes no odds to us. In the example in the Litir the assertive verb ‘is’ is understood but not expressed. Being strictly grammatical, I might have said bu choma gun robh uisge faisg no nach robh but I was being idiomatic (and slightly lazy!)
Gnàthas-cainnt na Litreach
rinn an luchd-rannsachaidh tomhas air an àireimh de gach seòrsa ann am Breatainn is Èirinn: the researchers estimated the number of each type in Britain and Ireland.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 25 Jan 2013 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 26 Jan 2013 10:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Jan 2013 14:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.