
02/11/2012
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 694
Duration: 05:37
Litir 694: Árainn Mhór - Pàirt 1
An latha eile, chunnaic mi tachartas iongantach ann an sùil mo chuimhne. Bha mi ann an Èirinn ann am meadhan nan naochadan, air Árainn Mhór, eilean beag far costa Thìr Chonaill.
Bha mi fhìn ’s a’ bhean agam agus ar dithis chloinne air làithean-saora campachaich air taobh an iar na h-Èireann. Agus abair samhradh. Bha i teth fad a’ cheala-deug. Bha sinn a’ snàmh a h-uile latha – sa mhuir, ann an lochan agus ann an aibhnichean.
’S iomadh cuimhne mhath a th’ agam dhen chuairt sin. Ach ’s i an oidhche ann an Árainn Mhór an tè as motha a sheasas a-mach. Lorg sinn bàgh le mol. Bha àite math ann airson teanta agus cha robh ach aon taigh nar sealladh. Airson a bhith modhail, chaidh sinn suas bruthach don taigh – fear beag traidiseanta le a bhallachan air an aoladh, agus asal taobh a-muigh an dorais. Bha Gaeilge aig an fhear a bha a’ fuireach ann. Bha e toilichte gu leòr gum biomaid a’ campachadh na h-oidhche air cùl a’ chladaich.
Chuir sinn an teanta an-àirde. Bha tuinn mhòra a’ briseadh air a’ chladach. An dèidh greis, thachair rud iongantach. Thòisich am bàgh air lìonadh le èisg. Agus tha mi a’ ciallachadh ‘lìonadh’!
Bha an fheadhainn bheaga airgid ann an toiseach – milleanan dhiubh. Chanainn gur e garbhagan a bh’ annta. Bha iad ann an sgaothan mòra. Bha feadhainn dhiubh a’ briseadh uachdar na mara mar gun robh èisg na bu mhotha an tòir orra. Agus bha!
Às an dèidh thàinig sgaothan mòra de rionnaich agus saoidheanan. Bha na milleanan dhiubhsan ann cuideachd. Thug sinn na slatan-iasgaich a-mach – oir dhèanadh rionnach no dhà deagh dhinnear. Ach, aig amannan, chuir sinn na slatan an dàrna taobh. Bha e dìreach mìorbhaileach a bhith a’ coimhead na mara. Chunnaic sinn èisg a’ snàmh aig astar ann am bilean nan tonn. Ann an solas grèine an fheasgair, bha na dathan iongantach. Bha Daibhidh Attenborough air a bhith toilichte a bhith nar brògan!
Bha sinn a’ glacadh èisg gu leòr. Rionnaich an toiseach; an uair sin dh’fhalbh iad. Às dèidh nan rionnach, ’s e saoidheanan a bha sinn a’ glacadh. Leis cho teth ’s a bha e, bha fios againn nach cumamaid iad fada. Agus, feumaidh mi aideachadh nach eil mi cus ro dhèidheil air blas an t-saoidhein co-dhiù. ’S fheàrr leam an ìre mhath iasg sam bith eile seach saoidhean!
Cha robh fios agam am bu chòir dhuinn dìreach an tilgeil air ais don mhuir no an cumail airson a’ bhodaich air a’ chnoc. Dh’iarr mi air a’ chloinn, ma-thà, a dhol suas don taigh aige agus innse dhà mun ghnothach. Thuirt mi riutha, ‘Inns dha gu bheil cus èisg gu bhith againn ach gum biomaid toilichte feadhainn a thoirt dha. Inns dha gur e saoidhean a chanas sinn riutha anns a’ Ghàidhlig againn fhèin, gur e saithe a chanas muinntir na h-Alba ann am Beurla, agus gur e coalfish an t-ainm orra anns a’ Bheurla Shasannaich.’ Bha mi an dùil gun tuigeadh am bodach Èireannach fear de na h-ainmean sin. Ach cha do thuig, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
meadhan nan naochadan: the mid nineties; far costa Thìr Chonaill: off the coast of Donegal; làithean-saora campachaich: a camping holiday; abair samhradh: what a summer; fad a’ cheala-deug: for the entire fortnight; an tè as motha a sheasas a-mach: the one that stands out most; bàgh le mol: a bay with a shingle beach; le a bhallachan air an aoladh: with its walls limed; asal taobh a-muigh an dorais: a donkey outside the door; gum biomaid a’ campachadh na h-oidhche air cùl a’ chladaich: that we would be camping the night behind the beach; chuir sinn an teanta an-àirde: we erected the tent; bha tuinn mhòra a’ briseadh air a’ chladach: big waves were breaking on the shore; thòisich am bàgh air lìonadh le èisg: the bay began to fill with fish; a’ briseadh uachdar na mara mar gun robh èisg na bu mhotha an tòir orra: breaking the surface of the sea as if larger fish were chasing them; rionnaich agus saoidheanan: mackerel and saithe; chuir sinn na slatan an dàrna taobh: we put the rods aside; ann am bilean nan tonn: in the crests of the waves; nach cumamaid iad fada: that we wouldn’t keep them long; feumaidh mi aideachadh: I must admit; cus ro dhèidheil air blas an t-saoidhein: too keen on the flavour of the saithe; gum biomaid toilichte feadhainn a thoirt dha: that we’d be pleased to give him some.
Puing-chànain na Litreach
Cha robh fios agam am bu chòir dhuinn dìreach an tilgeil air ais don mhuir no an cumail airson a’ bhodaich air a’ chnoc: I didn’t know if I should just throw them back into the sea or keep them for the old man on the hill. Do you notice the use of the possessive pronoun ‘an’ (third person plural) before the verbal noun in this construction ie an tilgeil and an cumail? Here is an example using the first person singular ‘mo’. Bu chòir dhut mo chur sa chiad àite (you should put me in first place); bu chòir dhi mo chumail anns an sgioba (she should keep me in the team).
Gnàthasan-cainnt na Litreach
chunnaic mi tachartas iongantach ann an sùil mo chuimhne: I saw an amazing event in my memory’s eye. ’S iomadh cuimhne mhath a th’ agam dhen chuairt sin: I have many good memories [it is many good memories I have] of that journey.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 2 Nov 2012 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 3 Nov 2012 10:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Nov 2012 14:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.