
11/11/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 643
Duration: 05:00
Litir 643: Na h-Amhaisgean - Pàirt 3
Tha mi ag innse na seann sgeulachd Na h-Amhaisgean no Na Trì Saighdearan. Fhuair am boireannach a-mach às a’ chaisteal, air falbh bho na h-Amhaisgean. Chaidh i dhachaigh do a h-athair a bha na Rìgh ann an Rìoghachd na Fuarachd. Gheall i don t-saighdear gun tilleadh i le maighdeannan coimheadach airson a phòsadh.
Dh’fhàg an saighdear an caisteal cuideachd. Chaidh e don taigh a b’ fhaisge air. ’S ann le bean-shìth a bha an taigh. Latha a bha seo, bha e a’ tarraing uisge às an tobar. Chunnaic a’ bhean-shìth an Rìgh, a nighean agus na maighdeannan coimheadach a’ tighinn dhan ionnsaigh. Thàinig i air cùlaibh an t-saighdeir gun fhiosta dha agus chuir i prìne draoidheachd ann an cùl a chinn.
Nuair a ràinig an Rìgh e, bha an saighdear na throm shuain. Mar a bu mhotha a chrathadh an Rìgh e, ’s ann a bu truime a chaidleadh e.
“Chan eil fhios a’m dè an seòrsa duine a tha seo,” ars an Rìgh, “nuair nach gabh e dùsgadh idir.” Dh’fhalbh an Rìgh dhachaigh.
An uair sin, spìon a’ bhean-shìth am prìne draoidheachd agus dhùisg an saighdear. Chaidh e don chaisteal agus lorg e a chompanaich, an dithis shaighdearan eile.
“A bheil sibh a’ tighinn còmhla rium a Rìoghachd na Fuarachd?” thuirt e.
“Chan eil,” ars iadsan, “tha sinn math gu leòr far a bheil sinn.”
Agus leig e an sin iad. Choimhead e timcheall agus lorg e trì cìrean-eich. Thug e na cìrean leis agus dh’fhalbh e air an rathad a dh’ionnsaigh Rìoghachd na Fuarachd. Stad e mu dheireadh aig bothan ri taobh an rathaid. Bha bodach liath ann. Bha e a’ cìreadh fheusaig le badan fraoich.
“Nach garbh a’ chìr a th’ agad!” thuirt an saighdear.
“Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.
“’S cinnteach gu bheil nas fheàrr agam fhìn,” thuirt an saighdear. Agus thug e tè de na cìrean-eich aige don bhodach.
“’S aithne dhomh fàth do thurais,” thuirt am bodach. “Tha thu air tòir do leannain, nighean an Rìgh, ann an Rìoghachd na Fuarachd. Cuiridh tu seachad an oidhche a-nochd cuide rium agus cha mhiste do thuras a-màireach e.”
Rinn e sin agus, an làrna-mhàireach, nuair a bha e a’ dèanamh deiseil airson falbh, thuirt am bodach liath ris, “’S e mo bhràthair as fheàrr a chuireas air do thuras thu. Tha e aig astar latha is bliadhna às a seo, ach bheir mise dhut paidhir bhrògan is bheir iad ann thu ann an aon latha. Nuair a ruigeas tu taigh mo bhràthar, thoirt dhìot na brògan, tionndaidh iad an rathad seo agus bidh iad air ais agam ro dhol-fodha na grèine.”
Dh’fhalbh an saighdear agus, aig ciaradh an fheasgair, chunnaic e bothan ri taobh an rathaid. Thug an saighdear na brògan dheth. Thionndaidh e iad agus dh’fhalbh iad leotha fhèin air an rathad dhachaigh. Nuair a bha iad a-mach à sealladh, chaidh an saighdear a-steach don bhothan. Bha bodach liath ann na shuidhe aig an teine air stoc craoibhe. Bha e a’ cìreadh fheusaig le badan giuthais.
“Nach garbh a’ chìr a th’ agad!” thuirt an saighdear.
“Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.
Feumaidh sinn an stòiridh fhàgail aige sin. Ach cuiridh sinn crìoch air an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
le maighdeannan coimheadach airson a phòsadh: with attendant maids to marry him; bha e a’ tarraing uisge: he was drawing water; air cùlaibh an t-saighdeir gun fhiosta dha: behind the soldier without his knowing; chuir i prìne draoidheachd ann an cùl a chinn: she stuck a magic pin in the back of his head; nuair nach gabh e dùsgadh: when he can’t be woken; lorg e trì cìrean-eich: he found three curry (horse) combs; stad e mu dheireadh aig bothan: he finally stopped at a bothy; a’ cìreadh fheusaig le badan fraoich: combing his beard with a clump of heather; nach garbh a’ chìr a th’ agad!: what a rough comb you have; chan eil nas mìne agam: I have none smoother; ’s aithne dhomh fàth do thurais: I know the purpose of your journey; air tòir do leannain: in pursuit of your sweetheart; cha mhiste do thuras a-màireach e: your journey tomorrow will be none the worse for it; ’s e mo bhràthair as fheàrr a chuireas air do thuras thu: it is my brother who will best put you on your journey [show the way]; astar latha is bliadhna às a seo: a distance of a year and a day from here; ro dhol-fodha na grèine: before sunset; ciaradh an fheasgair: dusk.
Puing-chànain na Litreach
Mar a bu mhotha a chrathadh an Rìgh e, ’s ann a bu truime a chaidleadh e: the more the king shook him, the heavier he slept. When we use the mar as… ’s ann as idiom (a really useful one – practise it!). You will be familiar with an example like mar as motha am bàta, ’s ann as fheàrr (the bigger the boat, the better). In the example in the Litir, the verb is conditional/past habitual (chrathadh actually means “would shake” and chaidleadh means “would sleep”), meaning we must say mar a bu … ’s ann a bu. Here is another example: mar a bu trice a ghearrainn am feur, ’s ann a bu luaithe a dh’fhàsadh e (the more frequently I would cut the grass, the faster it would grow). And a non-conditional one: mar as trice a leughas tu an Litir, ’s ann as fheàrr a dh’fhàsas do chuid Gàidhlig (no sin an dòchas a th’ agam co-dhiù!)
Gnàthas-cainnt na Litreach
bha an saighdear na throm shuain: the soldier was in a heavy slumber.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 11 Nov 2011 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 12 Nov 2011 10:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Nov 2011 14:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.