
28/10/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 641
Duration: 05:00
Litir 641: Na h-Amhaisgean - Pàirt 1
Chan eil fhios a’m a bheil sibh eòlach air an fhacal amhaisg – A-M-H-A-I-S-G. No -U-I-S-G anns na seann leabhraichean. Tha e air eadar-theangachadh mar as trice anns na seann teacsaichean mar “dwarf” no “pigmy” ach chan eil e a’ seasamh airson dìreach duine a tha beag no an treubh Afraganach ris an canar “pigmies”. Tha e a’ ciallachadh duine beag aig a bheil droch rùn. Bidh e a’ nochdadh ann am Beurla mar awisk – A-W-I-S-K. Co-dhiù, seo agaibh fìor sheann stòiridh à dualchas nan Gàidheal air a bheil Na h-Amhaisgean no Na Trì Saighdearan.
Uair a bh’ ann, bha trì saighdearan a theich bhon arm. Dh’fhàg iad am baile agus choisich iad a-muigh air an dùthaich airson dà latha. Am beagan bìdh a bh’ aca, bha e air a chaitheamh. Shuidh an triùir ri taobh cnoc, a’ leigeil dhiubh an sgìths. Cha robh iad fad’ an sin nuair a chunnaic iad cù mòr ruadh a’ tighinn far an robh iad. Thuirt iad ri chèile nach robh taigh fada bhuapa.
Dh’èirich fear dhiubh agus dh’fhalbh e an dèidh a’ choin. Cha deach e astar mòr nuair a chunnaic e caisteal brèagha. Ghabh e roimhe dha ionnsaigh. Ach cha robh doras ri fhaicinn air. Bha an saighdear a’ dol mun cuairt a’ chaisteil nuair a chunnaic e boireannach dreachmhor aig uinneag. Ghlaodh am boireannach ris a dhol a dh’ionnsaigh doras cùil. Rinn e sin agus chaidh e a-steach. Dh’fhàiltich am boireannach e agus thug i do sheòmar brèagha e.
Chaidh biadh a chur air a bheulaibh. Bha leth de mhulachag càise am measg a’ bhìdh. Bha ciaradh ann agus chaidh solas a lasadh. Nuair a shuidh an saighdear airson biadh a ghabhail, thog am boireannach an solas agus dh’fhàg i an saighdear ann an dorchadas. Chuimhnich esan air na caraidean acrach aige agus chuir e an leth-mhulachaig na mhàileid airson a thoirt dhaibh.
An ceann greis, thill am boireannach leis an t-solas. “Bu neònach e gun tug thu an solas air falbh,” thuirt an saighdear rithe.
“Is neònach an duine nach amaiseadh air a bheul co-dhiù bhiodh e dorch no soilleir,” fhreagair i. “Chan fhaod e a bhith gun do dh’ith an coigreach beag a’ mhulachag mhòr.”
Dh’iarr i a’ mhulachag suas is sìos. Mu dheireadh, lorg i na mhàileid i. Bha i mì-thoilichte. Dh’iarr i gum biodh an saighdear air a thilgeil am measg nan con mòra. Cha d’ fhuair e ri ithe an sin ach cnàmhan.
Air an làrna-mhàireach, chunnaic an dithis shaighdearan eile an cù ruadh a-rithist. Chaidh fear dhiubh às a dhèidh. Cha deach e fada nuair a chunnaic e an caisteal. Bha e a’ dol timcheall a’ chaisteil nuair a chunnaic e am boireannach dreachmhor aig an uinneig. Smèid i air a dhol don doras chùil. Dh’fhàiltich i a-steach e. Chaidh biadh a chur air a bheulaibh anns an t-seòmar bhrèagha. Am measg a’ bhìdh bha ceathramh muilt.
Nuair a shuidh an saighdear a ghabhail a’ bhìdh, thug am boireannach an solas air falbh. Bha an saighdear san dorchadas. Chuimhnich e air a’ chompanach agus chuir e an ceathramh muilt na mhàileid. An ceann greis thill am boireannach leis an t-solas. Agus … leanaidh an stòiridh an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Tha e air eadar-theangachadh mar as trice anns na seann teacsaichean: it is usually translated in the old texts; duine beag aig a bheil droch rùn: a wee guy of evil intentions; fìor sheann stòiridh à dualchas nan Gàidheal: a really old story from the tradition of the Gaels; a theich bhon arm: who fled from the army; am beagan bìdh a bh’ aca, bha e air a chaitheamh: the little food they had, it was used up; ri taobh cnoc, a’ leigeil dhiubh an sgìths: beside a hill, relieving their weariness; nach robh taigh fada bhuapa: that a house wasn’t far from them; dh’fhalbh e an dèidh a’ choin: he went after the dog; ghabh e roimhe dha ionnsaigh: he set out towards it; ghlaodh am boireannach ris a dhol a dh’ionnsaigh doras cùil: the woman called on him to go to a back door; dh’fhàiltich am boireannach e: the woman welcomed him; air a bheulaibh: in front of him; bha ciaradh ann agus chaidh solas a lasadh: it was getting dark and a light was lit; dh’fhàg i an saighdear ann an dorchadas: she left the soldier in darkness; chuimhnich esan air na caraidean acrach aige: he remembered his hungry friends; bu neònach e gun tug thu an solas air falbh: it was strange that you took the light away; is neònach an duine nach amaiseadh air a bheul co-dhiù bhiodh e dorch no soilleir: strange is the man who couldn’t find his mouth whether it’s dark or light; am measg nan con mòra: amongst the big dogs; ceathramh muilt: a quarter of mutton.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
Chan fhaod e a bhith gun do dh’ith an coigreach beag a’ mhulachag mhòr: it cannot be that the small stranger ate the big cheese.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 28 Oct 2011 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 29 Oct 2011 10:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Oct 2011 14:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.