
11/02/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 604
Duration: 05:00
Litir 604: Balgam Mòr
Bha mi ag innse dhuibh na seann sgeulachd Balgam Mòr. Chuir am mac a b’ òige aig a’ bhanntraich crìoch air an t-soitheach a sheòladh air muir agus tìr. Bha e an dòchas nighean Rìgh Eilean nam Ban a phòsadh.
Bha an soitheach math air seòladh, co-dhiù bha i air muir no tìr. Bha Mac na Banntraich na sgiobair oirr’. Chaidh e a choimhead airson sgioba. Bha e a’ seòladh ri taobh coille nuair a ruith fiadh a-mach aiste na dheann. Cha deach am fiadh fada nuair a thàinig fear na dhèidh. Rug e air an fhiadh.
“Is math a ruitheas tu,” thuirt an sgiobair ris.
“Seadh,” ars am fear eile.
“Dè an t-ainm a th’ ort?” dh’fhaighnich an sgiobair.
“Is mise Lurga Luath,” thuirt am fear eile.
“An tig thu leam san t-soitheach seo?” dh’fhaighnich an sgiobair. Chaidh Lurga Luath air bòrd.
Cha deach iad fada nuair a chunnaic iad fear eile. Bha aghaidh ris an talamh mar gun robh e ag èisteachd ri rudeigin. Dh’fhaighnich an sgiobair dheth gu dè bha e a’ dèanamh.
“Tha mi ag èisteachd an fheòir a’ tighinn tron talamh,” thuirt e.
“Is fheàrr dhut tighinn leam fhèin san t-soitheach seo,” ars an sgiobair.
“Nì mi sin,” fhreagair an duine eile.
“Dè an t-ainm a th’ ort?” dh’fhaighnich an sgiobair.
“Is mise Claisneachd Mhath,” fhreagair am fear aig an robh claisneachd mhath.
Cha deach iad fada nuair a chunnaic iad fear eile. Bha esan a’ sgealbadh na creige le a thòin. Dh’fhaighnich an sgiobair dheth gu dè bha e a’ dèanamh.
“Tha mi a’ cur seachad an latha mar seo,” fhreagair e.
“Is fheàrr dhut tighinn leam fhèin san t-soitheach seo,” ars an sgiobair.
“Nì mi sin,” ars am fear eile.
“Dè an t-ainm a th’ ort?” dh’fhaighnich an sgiobair.
“Is mise Tòn Chruaidh,” fhreagair am fear aig an robh tòn chruaidh.
Cha deach iad fada nuair a chunnaic iad fear eile, agus gunna ri a shùil. Dh’fhaighnich iad dheth gu dè bha e a’ dèanamh.
“Tha mi a’ dèanamh cuimse air eun thall ann an Èirinn,” thuirt e. Tuigidh sibh gun robh seo a’ tachairt ann an Alba!
“Is fheàrr dhut tighinn leam fhèin san t-soitheach seo,” ars an sgiobair.
“Nì mi sin,” thuirt am fear eile
“Dè an t-ainm a th’ ort?” dh’fhaighnich an sgiobair.
“Is mise Cuimse Dhìreach,” fhreagair am fear aig an robh cuimse dhìreach.
An dèidh seo, chunnaic iad fear eile. Bha esan a’ srùbadh lochan is a’ spùtadh an uisge a-mach a-rithist. “Is fheàrr dhut do chuid spùtaidh a leigeil dhìot, agus tighinnn leam fhèin san t-soitheach seo,” thuirt an sgiobair.
“Nì mi sin,” ars am fear eile.
“Dè an t-ainm a th’ ort?” dh’fhaighnich an sgiobair.
“ ‘Balgam Mòr’ a chanas iad rium,” thuirt am fear eile.
Bha an sgioba a-nise làn. Chùm iad orra gus an do ràinig iad taigh an Rìgh. Ach chunnaic an Rìgh an soitheach a’ tighinn. Agus cha robh e uabhasach deònach a nighean a thoirt do Mhac na Banntraich. Mar sin, dh’iarr e air uaislean a’ bhaile mhòir gu lèir thighinn cruinn còmhla. Bha e ag iarraidh comhairle nan uaislean air a’ chùis. Bha a’ chuid a bu mhotha de na h-uaislean dhen bheachd gun robh còir aig Mac na Banntraich air nighean an Rìgh. Ach chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
chuir am mac a b’ òige aig a’ bhanntraich crìoch air an t-soitheach: the widow’s youngest son finished the vessel; a sheòladh air muir agus tìr: that would sail on sea and land; bha e an dòchas X a phòsadh: he hoped to marry X; co-dhiù bha i air muir no tìr: whether she was on sea or land; ri taobh coille: beside a wood; rug e air an fhiadh: he caught the deer; is math a ruitheas tu: you run well; an tig thu leam san t-soitheach seo?: will you come with me in this vessel?; bha aghaidh ris an talamh mar gun robh e ag èisteachd ri rudeigin: his face was to the ground as if he were listening to something; ag èisteachd an fheòir a’ tighinn tron talamh: listening to the grass coming through the ground; nì mi sin: I’ll do that; a’ sgealbadh na creige le a thòin: splintering the rock[s] with his haunches; tha mi a’ cur seachad an latha mar seo: I’m passing the day in this manner; agus gunna ri a shùil: with a gun to his eye; a’ dèanamh cuimse air eun thall ann an Èirinn: aiming at a bird over yonder in Ireland; gun robh seo a’ tachairt ann an Alba: that this was happening in Scotland; a’ srùbadh lochan is a’ spùtadh an uisge a-mach a-rithist: sucking up a small loch and spouting the water out again; is fheàrr dhut do chuid spùtaidh a leigeil dhìot: you’d better give up your spouting; comhairle nan uaislean: the advice of the nobles; gun robh còir aig X air Y: that X had a right to Y.
Puing-chànain na Litreach
Bha Mac na Banntraich na sgiobair oirr’. Chaidh e a choimhead airson sgioba: the widow’s son was the skipper on her. He went to look for a crew. The apparent similarity between sgiobair and sgioba betrays a common origin in Germanic forms (many words starting with sg- are loanwords from Germanic languages, particularly Old Norse, eg sgeir, sgillinn, sgòd, sgreamh). The origin of sgiobair might be the Scots skippare or English skipper but the Old Norse skipari meant a seaman or mariner, being derived from skip, a ship. Sgioba also derives from skip and originally meant a ship’s crew or complement. Nowadays, the meaning of sgioba has extended to include any band of workers or a team involved in a business, competitive or sporting pursuit.
Gnathas-cainnt na Litreach
nuair a ruith fiadh a-mach aiste na dheann: when the deer ran out of it [fem] at full speed.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 11 Feb 2011 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 12 Feb 2011 10:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.