Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sat 11 Dec 2010 10:55

Clip

Litir 595: Bàrd Loch Abar, Iain Dòmhnallach

Tha Bàrd Loch Abar, Iain Dòmhnallach, am measg nan laoch a chaidh a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba, agus a nochdas air làrach-lìn Thobar an Dualchais. ’S e dìreach a ghuth a chluinneas sibh; chan eil na stòiridhean aige ann an cruth sgrìobhte.

Ach tha mi fhìn air dà naidheachd bheag aige a chur ann an sgrìobhadh. Tha mi a’ dol gan aithris agus faodaidh sibh èisteachd riutha. An uair sin, faodaidh sibh dhol don làraich-lìn airson an cluinntinn aig sàr-Abrach. Seo a’ chiad tè:

Bha triùir dhaoine a’ coiseachd còmhla. Agus bha seòrsa de ghnothaich aig an dithist eile gun robh taibhsearachd aig fear dhiubh. Agus thuirt am fear a bha seo, “Tha sinn a’ dol a bhith ann an cogadh, an triùir againn, agus chan fhada gus an tòisich an cogadh. Agus thèid fear againn a chumail sa chogadh, cha till e dhachaigh, ge b’ e dè fear againn a bhios ann,” thuirt e.

’S ann mar seo a bha e. Thòisich an cogadh anns an naoi ceud deug ’s a ceithir-deug agus chaidh an triùir don chogadh. Agus fhuair esan fòrladh dhachaigh, an dèidh dha a bhith dreis ann. Agus chaidh an dithist eile a-nunn don Tuirc. Agus dh’inns e nuair a thàinig e dhachaigh, “Tha mi duilich airson an fheadhainn a chaidh don Tuirc. ’S e àite cunnartach a th’ ann,” thuirt e, “agus tha mis’ air an taobh shàbhailte fhathast.”

Agus dh’fhalbh e a-nunn an uair sin an dèidh don fòrladh a bhith thairis agus chuir iad don Fhraing e ’s cha robh e fada san Fhraing gus an deach a mharbhadh. Agus ’s e e fhèin am fear den triùir nach do thill agus dh’inns e gun tachradh sin, ach cha d’aithnich e gur e e fhèin a dreigheadh a chumail.

            Seo a-nise naidheachd eile aige mu Raibeart Brus, Rìgh na h-Alba:

Bha am Brusach air a ruaigeadh agus air an allaban mar bu tric a bha e. ’S e sin Rìgh Raibeart. Agus cha robh e ach na dhuine òg nuair a chaochail e. Agus ’s e gnothach duilich a bh’ ann gun do chaochail e cho luath.

Rugadh Brus anns a’ bhliadhna dhà-dheug agus ceithir-deug thar nan trì fichead (1274). Agus chaochail e anns an trì cheud deug agus naoi thar an fhichead (1329). Bha e mar sin leth-cheud bliadhn’ agus a còig. Agus bha e air an allaban glè chruaidh agus bha iad a’ cur teann air. Agus thàinig e gu taigh tuathanaich. Agus dh’iarr e an t-each air an tuathanach. “Gheibh thu sin,” thuirt e, “’s tu a gheibh. Agus thèid mi don cheàrdaich leis cho luath ’s a rinn mi riamh,” thuirt e, “agus cuiridh mi na cruidhean an rathad eile.” ’S e sin a rinn e.

Agus nuair a thàinig an t-sluagh agus iad a’ faicinn nan luirg air an rathad agus air an talamh bha iad a’ leanadh nan luirg agus an dèidh sin ’s e an rathad eile a bha am Brus a’ dol nist gu robh na cruidhean air an tionndainn an cùl ris a’ bheul agus fhuair e teicheadh mar sin. Agus nuair a fhuair e astar fada gu leòr air falbh bhuapa, chuir e na cruidhean mar bu chòir dhaibh air an ainmhidh a thug air falbh gu grad agus gu luath e à làmhan nan nàmhaidean.

Faclan na Litreach

Loch Abar: Lochaber; sàr-Abrach:[hard to translate – it means a top-notch Lochaber man]; fòrladh dhachaigh: home leave; taigh tuathanaich: a farmer’s house. 

Abairtean na Litreach

cruth sgrìobhte: written format; chan fhada gus an tòisich an cogadh: it isn’t long until the war starts; ge b’ e dè fear againn a bhios ann: whichever of us it is; an dèidh dha a bhith dreis ann: after he had been there a while; an fheadhainn a chaidh don Tuirc: the ones who went to Turkey; gus an deach a mharbhadh: until he was killed; am fear den triùir nach do thill: the one of the three who didn’t return; cha d’aithnich e: he didn’t know; bha am Brusach air a ruaigeadh agus air an allaban mar bu tric a bha e: Bruce was being pursued and was without fixed abode as he often was; cha robh e ach na dhuine òg: he was only a young man; bha iad a’ cur teann air: they were closing on him; dh’iarr e an t-each air an tuathanach: he asked the farmer for the horse; thèid mi don cheàrdaich leis cho luath ’s a rinn mi riamh: I’ll go to the smiddy as fast as I ever did; cuiridh mi na cruidhean an rathad eile: I’ll put on the horseshoes the wrong way round; a’ leanadh nan luirg: following the hoofprints; air an tionndainn an cùl ris a’ bheul: turned back to front; a thug air falbh gu grad agus gu luath e à làmhan nan nàmhaidean: who instantly and quickly took him away from the enemies’ grasp [hands].

Puing-chànain na Litreach

I’m hoping that this week’s Litir will encourage you to listen to some of the wonderful material on the new Tobar an Dualchais website. At www.tobarandualchais.co.uk/johnthebard you will be able to hear the same two anecdotes I recorded in the Litir as told by John MacDonald, the Lochaber Bard (1876-1964). I have tried to be as faithful as possible to his dialect. Among things you will notice as different from “standard” usage are: the use of the definite article with years (anns an naoi ceud deug….), dreis for greis, dithist for dithis, a-nunn for a-null, nist for a-nis and tionndainn for tionndadh. Sluagh is feminine rather than masculine and he says gur e e fhèin a dreigheadh a chumail where others might say gur e e fhèin a rachadh/dheigheadh a chumail (“that it was himself who would be retained”, a euphemism meaning he wouldn’t return from the battlefield). Our dialects, like our stories and culture, contain great riches. Enjoy listening to a great Lochaber storyteller!

Gnathas-cainnt na Litreach

gun robh taibhsearachd aig fear dhiubh: that one of them had the second sight.

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 10 Dec 2010 11:55
  • Sat 11 Dec 2010 10:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast