
26/11/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 593
Duration: 05:00
Litir 593: Bilidh
Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh thraidiseanta, Bilidh, a chaidh a chruinneachadh ann am Barraigh anns an naoidheamh linn deug. Tha cuid de na faclan anns an stòiridh rud beag seann-fhasanta. Bha am fear òg seo, Bilidh, uabhasach measail air mèirle. Bha e air stuth a ghoid air an duine uasal a bha a’ fuireach faisg air. Dh’iarr an duine uasal air a dhol a dh’ionnsachadh na mèirle gu ceart. Feumaidh gun robh plana aige airson Bilidh.
Co-dhiù, bha Bilidh air mèirle ionnsachadh, ceart gu leòr, ach bha an duine uasal airson aon deuchainn a bharrachd a chur air.
“Bidh claidheamh agam air a’ bhòrd,” thuirt e, “agus daga làn urchair. Mura toir thu leat an lìon anart – no siota – fo dhruim mo mhnà, cha bhi tuilleadh saoghail agad.”
“Gu dearbh,” arsa Bilidh, “tha e a cheart cho math dhuibh mo mharbhadh far a bheil sinn.”
“Mura dèan thu siud,” thuirt an duine uasal a-rithist, “cha bhi mòran saoghail agad.”
“’S e seo an rud a bu dorra a chaidh mu mo choinneimh riamh,” arsa Bilidh. Ach dh’fhalbh e air an oidhche sin fhèin agus chaidh e don chladh. Thog e corp a bh’ air ùr-thiodhlacadh ann is chuir e aodach air. Thug e an corp leis. Bha ròp aige. Ràinig e taigh an duine uasail is chaidh e suas air a’ mhullach. Leig e an corp sìos an similear air an ròp.
Dh’fhairich an duine uasal fuaim. Dh’èirich e agus las e solas. Chunnaic e casan a’ tighinn sìos an similear.
“Mac an fhir ud!” smaoinich e (bha e dhen bheachd gur e Bilidh a bh’ ann). “Bheir mise air nach bi tuilleadh saoghail aige. Cha loisg mi air a chasan. Ach nuair a nochdas a chorp ’s ann an uair sin a loisgeas mi air.”
Nuair a thàinig an corp a-nuas, loisg an duine uasal air. “Sin e!” thuirt e. “Fàgaidh mi an sin e gus an tig an latha.”
“Air gaol Dhè, na fàg!” ars a bhean. “Thalla leis agus tiodhlaic e, mus adhbharaich e do bhàs fhèin.”
Chuir an duine uasal an corp air a ghualainn. Ghabh e a-mach leis. Nuair a mhothaich Bilidh gun robh an duine uasal air falbh leis a’ chorp, a-staigh a ghabh e. Anns an dorchadas thug e a chreidsinn do bhean an duine uasail gum b’ esan an duine aice. “Tha e cho trom,” thuirt e ann an guth uasal, “’s nach urrainn dhomh falbh leis an-dràsta.”
Agus chaidh Bilidh don leabaidh le bean an duine uasail. Beag air bheag, dh’obraich e an lìon anart don taobh aigesan. Nuair a bha e aige, dh’èirich e is dh’fhalbh e a-mach.
Thàinig an duine uasal às dèidh dha an corp a thiodhlacadh. “Tha mi sgìth agus air mo shàrachadh,” thuirt e.
“Dè, a ghràidh, a dh’fhàgadh sgìth thu?” dh’fhaighnich a bhean. “Chan eil dà mhionaid on a dh’fhàg thu mi anns an leabaidh.”
Sheall an duine uasal air an leabaidh. Mhothaich e gun robh an lìon anart a dhìth. Bha Bilidh air a’ chùis a dhèanamh air. “Biodh e fhèin agad cuideachd,” thuirt an duine uasal ri a bhean. Dh’fhalbh an duine uasal agus bha an taigh agus bean aige aig Bilidh. Tha mi cinnteach nach robh dragh air Bilidh tuilleadh mu bhith ri mèirle.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Mac an fhir ud!: that fiend! [lit. the son of that man].
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 26 Nov 2010 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 27 Nov 2010 10:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.