
30/07/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 576
Duration: 05:00
Litir 576: Am facal Seachd
Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu Sheachd Cadalaichean an t-Saoghail no The Seven Sleepers of the Earth – creutairean a bhathar a’ smaoineachadh a chuireadh seachad an geamhradh ann an Alba, seach a bhith a’ falbh a dhùthaich chèin. Tha fhios gun robh Gàidheil na h-Alba eòlach orra ach cha d’ fhuair mi liosta dhiubh ann an Gàidhlig. Ge-tà, fhuair ann an cànan a tha gu math dlùth ris an tè againn fhèin – Gaelg no Gàidhlig Eilean Mhanainn. Ach, mar a chì sibh, tha barrachd na seachd ann oir, ged a bha daoine ag aontachadh nach robh ann ach seachd, cha robh iad ag aontachadh dè bh’ annta!
Seo na Seachd Cadalaichean ann am beul-aithris Mhanainneach (ged a tha mi a’ cur ainmean Albannach orra): an ialtag, a’ chuthag, an clacharan, an gobhlan-gaoithe, an t-seilcheag, an dallag, an dealan-dè, an seillean agus an dearc-luachrach. Tha mi an dòchas gun do thuig sibh na h-ainmean sin uile: an ialtag (no bat), a’ chuthag (no cuckoo), an clacharan (no stonechat), an gobhlan-gaoithe (no swallow), an t-seilcheag (no snail), an dallag (no dormouse), an dealan-dè (no butterfly), an seillean (no bee) agus an dearc-luachrach (no lizard).
’S e sin liosta gu math inntinneach, nach e – ged a tha eagal orm gun robh na seann daoine ceàrr mun chuthaig, clacharan is gobhlan-gaoithe. Bidh iadsan a’ falbh air sgèith don leth-chruinne mu dheas anns a’ gheamhradh. Thèid iad à fianais ach cha tèid iad a chadal. Agus tha cearcall-beatha aig an dealan-dè a tha a’ fàgail nach bi a leithid a’ nochdadh anns a’ gheamhradh.
Ann an cànanan Eòrpach eile, thathar a’ dèanamh ceangal eadar an àireamh seachd agus cadal. Mar eisimpleir ann an Suaineis tha sjusovare (“seachd-cadalaiche”) a’ ciallachadh cuideigin a tha a’ faighinn cadal trom airson ùine ro mhòr. Tha faclan coltach ri sin ann an Gearmailtis is Ungairis cuideachd. Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig sin bhon traidisean Chrìosdail co-cheangailte ri Seachd Cadalaichean Ephesus a dh’ainmich mi an t-seachdain sa chaidh.
Mus fhàg mi an àireamh seachd, an cuala sibh riamh an abairt Sìde nan Seachd Sian? Tha sin a’ ciallachadh sìde no aimsir a tha fìor dhona. Nise, tha am facal sian a’ ciallachadh “stoirm”. Ach chan eil mi an dùil gu bheil an abairt seo a’ ciallachadh the weather of the seven storms. Tha sian cuideachd a’ ciallachadh element. Tha mi an dùil gu bheil Sìde nan Seachd Sian a’ ciallachadh the weather of the seven elements – a h-uile seòrsa aimsir a dh’fhaodadh a bhith ann, còmhla.
Ach dè tha anns na seachd siantan no dè bh’ annta anns an t-seann aimsir? Uill, a rèir Dwelly, seo iad: teine, èadhar, talamh, uisge, deigh, gaoth agus dealanaich. Teine, èadhar, talamh, uisge, deigh, gaoth agus dealanaich. Na seachd siantan, co-dhiù ann am beachd nan seann Ghàidheal.
Agus a rèir choltais chanadh neach ri neach eile, nam biodh e a’ dèanamh mallachd air: “Deireadh nan Seachd Sian Ort!” Tha mi an dùil gum biodh sin a’ ciallachadh gun tigeadh beatha an duine eile gu crìch ann an dòigh uabhasach.
Bheir sinn sùil a bharrachd air an àireamh seachd an ath-sheachdain ach tha mi airson tòimhseachan a thoirt dhuibh an-dràsta. Dè th’ ann an Oidhche nan Seachd Suipearan. Oidhche nan Seachd Suipearan. Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Perhaps not all cadalagan or cadalain are cadalaichean ie hibernators. In Archibald Cregeen’s Manx Dictionary “Fockleyr ny Gaelgey” a cadlag is given as “a sleeper, a sluggard, such as sleep a long time, as the bat, butterfly etc”. However, Dwelly gives cadalag as a Gaelic equivalent of “slug” ie a little slumbering one – not meaning that it hibernates, but that it has a “sluggardly” demeanour. The English dialect on Man has borrowed cadlag from Gaelg and it can mean a small lazy fish; this must be the same as our cadalan-tràghad (Dwelly p 145) “a semi-dormant fish found on the shore. When any person was extremely slow at work, he was compared to the cadalan-tràghad.” Do any of you know the English (or Latin) for cadalan-tràghad?
Gnathasan-cainnt na Litreach
Sìde nan Seachd Sian: terrible weather [lit. the weather of the seven elements]; Deireadh nan Seachd Sian Ort!: an imprecation which is really untranslatable but which wishes no favours on the object!
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 30 Jul 2010 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 31 Jul 2010 10:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.