
30/04/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 563
Duration: 05:04
Litir 563: Faclan à seann fhaclairean Gàidhlig
Tha dùbhlan agam dhuibh aig toiseach na Litreach. Seo faclan à seann fhaclairean Gàidhlig agus tha iad uile a’ ciallachadh an aon rud: ailp, ailpe, boir, borr agus fil. Chan eil sibh eòlach orra? Na gabhaibh dragh – cha robh no mise. Tha iad uile a’ seasamh airson beathach fìor mhòr. Seo feadhainn eile a tha a’ ciallachadh an aon rud: oileabhan, oilleabhaint, albhan dubh, elebhean agus elephant. Tuigidh sibh a-nise gu bheil iad uile a’ ciallachadh ailbhean. Nach iongantach na th’ againn de dh’fhaclan Gàidhlig airson a’ chreutair seo!
Tha am facal Beurla elephant a’ tighinn bhon Laidinn elephantus a tha e fhèin a’ tighinn bhon Ghreugais elephas. Ach tha cuid de na faclan co-cheangailte ri ailbheanan ann am Beurla a’ tighinn bho Hindi. Mar eisimpleir mahout – fear a bhios na shuidhe air cùl ceann ailbhein agus ga stiùireadh. ’S ann bhon aon chànan a tha howdah a’ tighinn; ’s e sin an suidheachan mòr air muin ailbhein.
Uill, chuir mi seachad dà uair a thìde gu leth aig toiseach na bliadhna ann an howdah air muin ailbhein. Bha sin fada gu leòr! Bha mi ann an ceann a deas Neapail agus bha mi fhìn is triùir eile anns a’ choille mhòir no jungle (facal Hindi eile) air muin ailbhein. ’S e sin an dòigh as fheàrr airson beathaichean fiadhaich fhaicinn oir leigidh iadsan le ailbhean a dhol gu math faisg orra. Tha e an ìre mhath sàbhailte cuideachd oir cha bhi beathaichean eile, mar as trice, a’ toirt ionnsaigh air ailbhean – ach a-mhàin tìgear corra uair. Tha tìgearan gu leòr ann far an robh mi, agus sròn-adharcaich, mathain is crògallan, agus mar sin bha mi toilichte a bhith gu h-àrd air muin ailbhein, eadhon ged nach robh e uabhasach cofhurtail.
Leis na th’ againn de dh’fhaclan Gàidhlig airson ailbhean, bha mi a’ meòrachadh air cho eòlach ’s a bha na seann Cheiltich air na creutairean sin. Agus an latha eile, thàinig mi tarsainn air seann phàipear ann am Fraingis air an robh Les Celtes et Les Éléphants le H Gaidoz, Àrd-ollamh a’ Chruinn-eòlais agus Sluagh-eòlais anns an École des Sciences Politiques ann am Paris. Chaidh a sgrìobhadh ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a trì (1873).
Tha am Proif. Gaidoz dhen bheachd gur e a’ chiad turas a chunnaic mòran Cheilteach ailbheanan nuair a nochd an ceannard Carthaginianach, Hannibal, le arm ann an ceann a deas na Gaille. Bha sin anns a’ bhliadhna dà cheud is ochd-deug (218) RC. Dh’fheuch na Ceiltich ri stad a chur air Hannibal aig Abhainn Rhône ach dh’fhailnich orra. A bharrachd air leth-cheud mìle saighdear, bha faisg air ceathrad ailbhean-cogaidh aig Hannibal. Tha dùil gun do chuir e an sàs iad anns a’ chath an aghaidh nan Ceilteach. Bidh sibh eòlach air a’ chòrr de dh’eachdraidh Hannibal is mar a thug e arm thar nan Ailpean gu ruige tìr na Ròimhe.
Chan iad na treubhan anns a’ Ghaill an aon fheadhainn Cheilteach a fhuair eòlas air an ailbhean air sàillibh Hannibal. Bha Ceiltich eile a’ fuireach anns na beanntan, agus air taobh thall nam beann gu tuath air an Ròimh – far a bheil ceann a tuath na h-Eadailt an-diugh. Tha e inntinneach gur e ailp fear de na seann fhaclan Gàidhlig airson ailbhean; tha e a’ ciallachadh protuberance, any gross lump, mountain agus elephant. Bha na h-ailpean anns na h-Ailpean, gu dearbh.
Faclan na Litreach
co-cheangailte ri: linked to; triùir: three people; sàbhailte: safe; Ceilteach: Celt; ailbhean-cogaidh: war-elephant; air sàillibh: because of.
Abairtean na Litreach
Tha dùbhlan agam dhuibh: I have a challenge for you; a’ seasamh airson beathach fìor mhòr: standing for a really big animal; nach iongantach na th’ againn de dh’fhaclan Gàidhlig airson a’ chreutair seo: isn’t it amazing how many Gaelic words we have for this creature; a bhios na shuidhe air cùl ceann ailbhein agus ga stiùireadh: who sits behind an elephant’s head and controls it; an suidheachan mòr air muin ailbhein: the big seat on the back of an elephant; an dòigh as fheàrr airson beathaichean fiadhaich fhaicinn: the best way to see wild elephants; cha bhi beathaichean eile, mar as trice, a’ toirt ionnsaigh air: other animals won’t normally attack; ach a-mhàin tìgear corra uair: except for a tiger occasionally; sròn-adharcaich, mathain is crògallan: rhinoceroses, beers and crocodiles; eadhon ged nach robh e uabhasach cofhurtail: even though it was not very comfortable; Àrd-ollamh a’ Chruinn-eòlais agus Sluagh-eòlais: Professor of Geography and Ethnology; Dh’fheuch na Ceiltich ri stad a chur air: the Celts tried to stop; dh’fhailnich orra: they failed; mar a thug e arm thar nan Ailpean gu ruige tìr na Ròimhe: how he took an army across the Alps to the territory of Rome; air taobh thall nam beann: on the far side of the mountains.
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Na gabhaibh dragh – cha robh no mise: don’t be upset – I wasn’t either.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 30 Apr 2010 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 1 May 2010 10:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.