
09/08/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 476
Duration: 05:40
Litir 476: Seanfhacal
Tha seanfhacal againn a tha ag ràdh, Is minig a dh’èirich muir gharbh à plumanaich. Tha Alasdair MacNeacail ag innse dhuinn gu bheil an seanfhacal a’ ciallachadh rough sea has often followed noise of surge. Is minig a dh’èirich muir gharbh à plumanaich. Tha e ag ràdh, A muffled roar from the sea at night in calm weather often precedes a storm. A muffled roar – plumanaich. Tha Dwelly ga chomharrachadh mar continued noise, as of stones falling into water.
Bha mi ann an gheat ann an cala Stromness ann an Arcaibh. Bha sinn a’ feitheamh ri sìde a bhiodh freagarrach airson seòladh. Bha e tràth sa mhadainn. Dhùisg mi. Chuala mi plumanaich. Cha robh sin uabhasach fàbharach. Ach bha sinn anns a’ chala. Am biomaid a’ cluinntinn plumanaich an sin?
Stob mi mo cheann a-mach air a haidse. Bha soitheach mòr mòr a’ dèanamh air a’ chala. Soitheach Gearmailteach làn luchd-turais. Bha mi a’ cluinntinn a h-einnseanan. Co-dhiù cha b’ e plumanaich na mara a bh’ ann!
An latha roimhe bha a’ ghaoth air a bhith aig ìre gèile. Bha i ro gharbh airson seòladh. Anns a’ mhadainn a sheòl sinn a-mach mu dheireadh thall, bha astar na gaoithe air tuiteam gu ìre a sia no mar sin. Ach bha a’ mhuir fhathast garbh, bagarrach. Bha am bàta a’ tulgadh gu dona. Bha mi aig an stiùir airson greis, agus an einnsean air.
An uair sin thàinig an t-òrdugh bhon sgiobair. Togaibh an seòl-cinn! Cuiribh stad air an einnsean! ’S e an seòl-cinn an jib – seòl aig toiseach a’ gheat, air thoiseach air a’ chrann. Mar as trice bithear a’ seòladh gheat dhen t-seòrsa san robh mi le seòl-cinn agus seòl-mòr air an togail. Ach air an latha sin, bha a’ ghaoth cho làidir ’s nach robh feum againn air an t-seòl mhòr.
“Cha b’ urrainn na b’ fheàrr,” bha mi a’ smaoineachadh rium fhìn. “Tha mi ann am bàta èasgaidh, a’ dol aig astar aig muir, gun fhuaim bho einnsean. Tha i ag aomadh gu snog agus tha sinn a’ dèanamh air taobh an iar-thuath na Gàidhealtachd.” Bha sinn cruaidh air a’ ghaoith ach nam fanadh i mar sin, ’s gann gum biodh feum againn air tacadh.
’S iomadh rud a th’ agam ri ionnsachadh mu sheòladh agus gnothaichean na mara. Ach air an latha sin, dh’ionnsaich mi rudeigin nach do dh’ionnsaich mi riamh roimhe. Agus saoilidh mi, ged nach do chòrd e rium aig an àm, gun robh e gu math feumail dhomh. Airson a’ chiad turas riamh, bha cur na mara orm. Tha mi air a bhith a’ dol ann am bàtaichean de gach seòrsa fad mo bheatha is cha robh riamh cur na mara orm. Uill, cha robh chun an latha sin.
Chan urrainn dhomh a ràdh dè dh’adhbharaich e. Ceart gu leòr, bha a’ mhuir garbh. Bha suaile throm ann. Bha muir mholach ann. Bha sguailean dona ann. Bha sinn a’ tulgadh gu mòr. Ach cha robh eagal sam bith oirnn. Bha bàta math againn.
Ach, òbh òbh. Mean air mhean, dh’àtharraich m’ aigne. “Tarraing air sgòd an t-siùil-chinn!” thàinig an t-òrdugh. “Làmhan air an unndais!”
“Gabhaibh mo leisgeul ach chan urrainn dhomh,” fhreagair mi mus do chuir mi mo cheann thar cliathaich a’ bhàta. Agus nuair a thàinig mi thuige mu dheireadh thall, chuir mi romham nach bithinn a-chaoidh tuilleadh mì-bhàidheil no mì-fhoighidneach le daoine a tha a’ fulang le tinneas na fairge.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Seanfhacal na Litreach
Broadcast
- Sat 9 Aug 2008 10:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.