
11/07/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 471
Duration: 05:09
Litir 471: Na Trì Coin Uaine
Thòisich mi an t-seachdain sa chaidh air an sgeulachd “Na Trì Coin Uaine”. Tha mi a’ leantainn le sin an-diugh. Tha mi an dòchas gum mothaich sibh cho tric ’s a tha an aireamh a trì – agus cuideachd a naoi (a thrì uiread de thrì) a’ nochdadh anns an stòiridh – mar a tha gu cumanta ann an seann stòiridhean Gàidhlig.
Thill am prionnsa agus na trì coin, Fios, Luaths agus Trom, don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa air cnoc. Bha fios aig Fios far an robh na fèidh. Rug Luaths orra. Agus thug Trom dhachaigh iad.
Thuirt piuthar a’ phrionnsa ri a bràthair, “Tha mi gad chur fo gheasaibh agus fo chroisean agus naoi buaraichean mhnathan-sìth siubhlach, seachranach mura tèid thu trì uairean às dèidh a chèile don uaimh agus trì glaodhan a thoirt aig an doras.”
Chaidh am prionnsa agus na coin don uaimh am feasgar sin. Thug am prionnsa na trì glaodhan. Thàinig na famhairean a-mach. Mharbh Fios agus Trom fear de na famhairean.
An ath mhadainn chaidh am prionnsa agus na coin don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa air cnoc. Bha fios aig Fios far an robh na fèidh. Rug Luaths orra. Agus thug Trom dhachaigh iad. Air an oidhche sin thill iad don uaimh. Thug am prionnsa trì glaodhan aig an doras. Thàinig na famhairean a-mach. Mharbh na coin fear eile de na famhairean.
An ath mhadainn a-rithist, chaidh am prionnsa agus na coin don bheinn-sheilg. Shuidh am prionnsa air cnoc. Bha fios aig Fios far an robh na fèidh. Rug Luaths orra. Agus thug Trom dhachaigh iad. Air an oidhche sin thill iad don uaimh a-rithist. Ghlaodh am prionnsa trì uairean aig an doras. Thàinig an t-aon fhamhair a bh’ air fhàgail beò a-mach, agus piuthar a’ phrionnsa. Mharbh na coin am famhair agus theich a’ phiuthar dhachaigh. Chaidh am prionnsa agus na coin a-steach don uaimh agus fhuair iad òr is airgead gu leòr.
Nuair a chaidh am prionnsa dhachaigh bha a phiuthar a’ feitheamh ris le deoch phuinnsein. “Siuthad, a ghaoil,” ars ise, “agus òl an deoch mhath seo. Is cinnteach gu bheil thu sgìth às dèidh crìoch a chur air na famhairean.”
Dh’òl e an deoch agus thuit e marbh. Thòisich na coin car tacain air caoineadh agus air donnalaich. An uair sin, dh’fhalbh iad. Ràinig iad tobar. Bha dithis aig an tobar. Bha fear a’ lìonadh soitheach le uisge. Bha am fear eile ag amharc gu dùrachdach air.
“Dè,” arsa Fios, “a tha sibh a’ dèanamh?”
“O,” fhreagair am fear a bha a’ lìonadh an t-soithich, “’s e tobar leigheis a tha seo agus tha mi a’ toirt deur dhen uisge don duine seo.”
“B’ fheàrr leam,” arsa Fios, “gun toireadh tu deur dheth dhòmhsa.”
Fhuair e deur dhen uisge agus thill na coin do thaigh a’ phrionnsa. Dhòirt iad an t-uisge air a’ phrionnsa agus dh’èirich e gu slàn, fallain.
“A-nis,” arsa Fios, “tha mi fhìn agus an dà chù eile a’ falbh.”
“O, gu dearbh, chan fhalbh sibh,” ars am prionnsa. “Is mòr am feum a th’ agam oirbh.” “Ge-tà, feumaidh sinn falbh,” thuirt Fios, agus a-mach ghabh iad. Às an dèidh ghabh am prionnsa. Ach, ann am priobadh na sùla, bha na coin às an t-sealladh. Bha am prionnsa a’ coimhead air an son fad seachdain. Ach cha d’ fhuair e lorg orra. Agus an ath sheachdain chì sinn mar a tha an seann stòiridh seo a’ tighinn gu crìch.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: thug Trom dhachaigh iad: Trom took them home. Note that in traditional usage we usually place an object pronoun in a sentence like this at the end, whereas we would place a noun following the subject. For example we would thug Trom na fèidh dhachaigh but thug Trom dhachaigh iad (rather than thug Trom iad dhachaigh). It’s not strictly wrong to employ a different word order but what I have given is neater and more Gàidhealach. Sometimes you will hear (eg) thug Trom iad dhachaigh but that is probably because the speaker has come under the influence of English word order (“Trom took them home” cf “Trom took home them”). Here’s another example: chunnaic mi Alasdair an-dè but chunnaic mi an-dè e.
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 11 Jul 2008 11:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.