Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.

5 minutes

Last on

Sat 23 Feb 2008 10:55

Clip

Litir 451: Lochan nan Damh

Gu siar air Loch Tatha ann an Siorrachd Pheairt, tha lochan anns a’ mhonadh air a bheil Lochan nan Damh. Ma tha sibh ag iarraidh a lorg, tha e eadar Gleann Lòchaidh agus Gleann Dochard air talamh àrd. O chionn fhada, bha muinntir an àite ag ràdh gun robh taibhse a’ fuireach faisg air an lochan.

Bha eagal air a’ mhòr-shluagh ron taibhse. Cha bhiodh i a’ nochdadh a-mhàin air an oidhche, ach tron latha cuideachd. A latha no a dh’oidhche bhiodh daoine a’ seachnadh an locha.

Aig an àm ud bha fear treun a’ fuireach faisg air Cill Fhinn ann an Gleann Lòchaidh. ’S e an t-ainm a bh’ air Donnchadh Mòr Ruadh na Feusaig. Thathar ag ràdh gur e Caimbeulach a bh’ ann – Donnchadh Caimbeul – ach bha daoine eòlach air mar Dhonnchadh Mòr Ruadh na Feusaig. Cha leig mi leas innse dhuibh mar a fhuair e am far-ainm sin.

Bha Donnchadh sgileil le claidheamh. Agus cha ghabhadh e eagal ro rud sam bith. Chuir e roimhe cur às don taibhse agus feasgar a bha seo dh’fhalbh e a-mach leis fhèin a dh’ionnsaigh an lochain. Thachair fear a b’ aithne dha ris air an rathad. Dh’fhaighnich e de Dhonnchadh cà’ robh e a’ dol. “Airson an taibhse a chur aig fois,” fhreagair fear na feusaig. Thug am fear eile comhairle dha gun a dhol ann leis fhèin ach lean Donnchadh air chun an lochain. Thachair e ris an taibhse agus cha do nochd an taibhse timcheall Lochan nan Damh tuilleadh.

Nuair a bha Donnchadh na bhodach, bha daoine faisg air Calasraid, ann an àite ris an canar an Tiobairt, a’ gearain mu thaibhse. Bha i a’ nochdadh far an do thachair murt. Bha Donnchadh dhen bheachd, nan toireadh e air an taibhse bruidhinn ris, gum faigheadh e cuidhteas i. Latha a bha seo bha e a’ dèanamh deiseil. Dh’fhaighnich a’ bhean aige carson a bha e a’ toirt claidheamh leis. Mhìnich e gun robh e a’ dol a chur às don taibhse. Dh’iarr a bhean air fuireach aig an taigh, ach dhiùlt e.

Ach leis gur e bodach a bh’ ann, cha robh e cho luath air a chasan. Dh’iarr a’ bhean aige air fear òg anns a’ bhaile ruith a Chill Fhinn air taobh eile a’ ghlinne, gus nach fhaiceadh Donnchadh e. Nuair a ruigeadh e Cill Fhinn bha aige ri dhol a chèilidh air seann charaid aig Donnchadh airson innse dha na bha fa-near do Dhonnchadh.

Gu fortanach bha an seann charaid a-staigh. Nuair a chuala e an naidheachd, dh’fhalbh e a-mach air an rathad eadar Cill Fhinn is taigh Dhonnchaidh mar gun robh e dìreach a’ gabhail cuairt air a shocair. Cha b’ fhada gus an do nochd Donnchadh.

“Cà’il thu a’ dol a Dhonnchaidh?” thuirt a charaid ris.

“Tha mi a’ cluinntinn,” fhreagair Donnchadh, “gu bheil taibhse aig an Tiobairt a tha a’ cur dragh air gach neach a tha a’ gabhail an rathaid sin an dèidh beul na h-oidhche agus ’s e mo rùn toirt oirre bruidhinn agus a cur gu fois gu bràth.”

“Tut, a dhuine!” thuirt a charaid, “’s e taibhse Ghallta a th’ innte. Chan eil Gàidhlig aicese agus chan eil Beurla agadsa agus chan urrainn dhuibh a chèile a thuigsinn.”

Mheòraich Donnchadh air sin tiotan agus thuirt e, “Tha thu ceart. Cha do smuainich mi air sin.” Thill e dhachaigh sa mhionaid agus fhad ’s as fiosrach mise, cha deach Donnchadh Mòr Ruadh na Feusaig an tòir air taibhsean a-chaoidh tuilleadh.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Loch Tatha: Loch Tay; Siorrachd Pheairt: Perthshire; Gleann Lòchaidh: Glen Lochay, Gleann Dochard: Glen Dochart; Cill Fhinn: Killin; Calasraid: Callander; Tiobairt: Tibbert; a’ gearain: complaining; dhiùlt e: he refused.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Bha eagal air a’ mhòr-shluagh ron taibhse: the population was scared of the ghost; cha bhiodh i a’ nochdadh a-mhàin air an oidhche: she wouldn’t appear just at night; Donnchadh Mòr Ruadh na Feusaig: big red-haired Duncan of the beard: cha leig mi leas innse dhuibh mar a fhuair e am far-ainm sin: I don’t need to tell you how he got that nickname; sgileil le claidheamh: skilful with a sword; chuir e roimhe cur às don taibhse: he decided to get rid of the ghost; a dh’ionnsaigh an lochain: towards the lochan; gun a dhol ann leis fhèin: not to go there by himself; bha X dhen bheachd: X reckoned; nan toireadh e air an taibhse bruidhinn ris, gum faigheadh e cuidhteas i: if he forced the ghost to speak to him, that he would get rid of her; leis gur e bodach a bh’ ann: because he was an old man; air taobh eile a’ ghlinne, gus nach fhaiceadh X e: on the other side of the glen, so that X wouldn’t see him; bha aige ri dhol a chèilidh air seann charaid aig X: he had to go and visit an old friend of X; airson innse dha na bha fa-near do X: to tell him of X’s intentions; mar gun robh e dìreach a’ gabhail cuairt air a shocair: as if he were just taking a leisurely walk; cha b’ fhada gus an do nochd X: it wasn’t long until X appeared; an dèidh beul na h-oidhche: after nightfall; ’s e mo rùn toirt oirre bruidhinn agus a cur gu fois gu bràth: it is my desire to make her speak and put her to rest for ever; ’s e taibhse Ghallta a th’ innte: she is a non-Gaelic ghost; chan urrainn dhuibh a chèile a thuigsinn: you can’t understand each other: mheòraich X air sin tiotan: X contemplated that for a moment; fhad ’s as fiosrach mise: as far as I know; cha deach X an tòir air taibhsean a-chaoidh tuilleadh: X never went in pursuit of ghosts again.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Dh’fhaighnich e de Dhonnchadh cà’ robh e a’ dol: he asked Duncan where he was going. Cà’ robh is a shortened form of Càite an robh and you will hear it very commonly in speech. Cà’ robh Alasdair a-raoir? [where was Alasdair last night?] Cà’ bheil is the present tense form and is also very common in speech: Cà’ bheil thu? [where are you?]. It is sometimes abbreviated even further [as in the Litir] to Cà’ il as in Cà’ il thu a’ dol? [where are you going?]

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: A latha no a dh’oidhche: by day or by night.

Broadcasts

  • Fri 22 Feb 2008 11:55
  • Sat 23 Feb 2008 10:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast