
07/12/2007
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 441
Duration: 05:19
Litir 441: Oireachtas na Samhna
Bha mi ann an Èirinn o chionn beagan is mìos. Fhuair mi cuireadh a dhol ann – airson seisean a ruith ann an Gàidhlig na h-Alba aig an fhèill mhòir Ghàidhealaich aca ris an canar Oireachtas na Samhna. Bha e, mar a bhiodh dùil, aig toiseach na Samhna. Is toigh leam Èirinn gu mòr agus cha b’ e ruith ach leum a bh’ ann dhomh nuair a fhuair mi an cuireadh.
Bha an t-Oireachtas ann an Cathair na Mart ann an Contae Mhaigh Eo air taobh an iar na dùthcha. ’S e baile beag brèagha a th’ ann, agus gu math goireasach airson a leithid de dh’fhèill. Agus bha an t-Oireachtas gu math tlachdmhor. Tha e car coltach ris a’ Mhòd againne ach chan eil e buileach cho foirmeil ris a’ Mhòd agus, gu dearbh, cha mhòr gun cluinnear facal Beurla ann bho thoiseach gu deireadh. Agus cha chluinnear Beurla uair sam bith air an àrd-ùrlar.
Às dèidh an Oireachtais chaidh mi fhìn ’s a’ bhean agam air cuairt bheag airson beagan de Chontae Mhaigh Eo fhaicinn. Oir bha cuideigin ann an àrd-dhreuchd air an sgìre sin a mholadh dhomh mar an t-àite as brèagha ann an Èirinn. Cò? Uill, cò ach Màiri Robinson nuair a bha i na h-Uachtaráin – na Ceann-suidhe – aig Poblachd na h-Èireann. Rinn mi agallamh leatha – ann an Gàidhlig is Gaeilge – o chionn deich bliadhna nuair a bha i ann am Muile, a’ comharrachadh ceithir cheud deug bliadhna o chaochail Calum Cille. Nuair a bha mi a’ tomhas àirde a gutha aig an toiseach, dh’fhaighnich mi a’ cheist sin dhith – “Dè an t-àite as brèagha ann an Èirinn?” Agus fhreagair i gun dàil, “Contae Mhaigh Eo”. Uill, chan ann a h-uile latha a gheibh thu moladh airson do làithean-saora bho cheannard stàite!
Co-dhiù, chaidh mi fhìn ’s a’ bhean agam timcheall pàirtean de Chontae Mhaigh Eo nach fhaca sinn roimhe. Am measg sin bha rathad air an taobh an iar dheth, gu deas air baile ris an canar, ann am Beurla, Louisburgh. Tha mi a’ tuigsinn gun deach ainmeachadh airson fear de na h-uaislean a bha an sàs ann am batail ann an Canada anns an deach daingneach Fhrangach a ghabhail thairis. B’ e ainm na daingnich “Louisburgh”. Ann an Gaeilge, ’s e Cluain Cearbán a th’ air a’ bhaile. Ann an Gàidhlig na h-Alba, chanamaid fhèin Cluain Chearban – no Cluain Bhuidheagan – buttercup meadow. Nach eil sin nas snoige na Louisburgh?!
Co-dhiù, cha do stad sinn anns a’ bhaile. Lean sinn oirnn air an rathad gu deas. Tha an rathad a’ dol ri taobh beinn mhòr ris an canar am Maol Réidh agus ri taobh loch ris an canar an Dubh Loch. ’S e àite garbh, brèagha a th’ ann, car coltach ri pàirtean de thaobh an iar na Gàidhealtachd Albannaich. Dìreach mus do ràinig sinn an Dubh Loch chunnaic sinn carragh-cuimhne ri taobh an rathaid.
Stad sinn airson faicinn dè bh’ ann. Sgrìobhte air an taobh dheth – ann am Beurla – bha seo: To commemorate the hungry poor who walked here in 1849 and walk the third world today. Bha an carragh a’ cuimhneachadh earrann bho eachdraidh dhòrainneach na Gorta Mòire. Air taobh eile dheth bha seo sgrìobhte: “In 1991 we walked AFRI's great famine walk at Doolough and soon afterwards we walked the road to freedom in South Africa”: Archbishop Desmond Tutu.
Chuir mi romham tuilleadh fhaighinn a-mach mu na thachair an sin faisg air an Dubh Loch. Tha e gu math inntinneach – agus truagh. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 7 Dec 2007 11:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 8 Dec 2007 10:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.