
05/10/2007
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 431
Duration: 05:39
Litir 431: Innis Caillich
O chionn ghoirid chuir mi seachad beagan ùine taobh Loch Laomainn. Bha mi an sàs ann am pròiseact fo stiùir Dualchas Nàdair na h-Alba – no SNH mar as fheàrr a dh’aithnichear e. Bha mi fhìn is feadhainn eile a’ toirt clann aig an robh Gàidhlig a-mach a choimhead air fear de na h-eileanan a tha an-diugh le SNH.
Ann am Beurla ’s e Inchcailloch a chanas iad ris an eilean. Tha mi a’ dèanamh dheth gur e sin Innis Chailleach no ’s dòcha Innis Caillich. Agus cò i a’ chailleach, no cò iad na cailleachan, a tha co-cheangailte ris an eilean? Uill, cailleachan eaglaise, a rèir choltais, oir bha cailleachan dubha a’ fuireach ann. Agus b’ i an Naomh Centigerna an tè a b’ ainmeile dhiubh. A rèir beul-aithris, chaochail i anns an eilean ann an seachd ceud, trithead ’s a ceithir (734).
Tha seann dualchas eaglaiseil làidir aig Loch Laomainn. A bharrachd air Centigerna, bha an Naomh Mearain co-cheangailte ris. Bha, agus an Naomh Ceasag a thog manachainn air eilean eile, air a bheil Inchtavannach ann am Beurla – no Innis Taigh a’ Mhanaich. Agus ’s e ainm a’ bhaile bhig air cladach Loch Laomainn, faisg air Innis Caillich, Baile MoThatha. Tha an t-ainm a’ cuimhneachadh Naomh MoThatha.
Tha Innis Caillich uabhasach fhèin brèagha. Bha sluagh ann fad ceudan bhliadhnaichean agus bha eaglais is cladh ann. Tha an cladh agus tobhta na h-eaglaise fhathast ann. Ged a dh’fhalbh an sluagh aig deireadh an ochdamh linn deug, bhathar a’ cleachdadh a’ chladha fad ùine mhòr às dèidh sin – gu goirid às dèidh an Dàrna Cogaidh.
Chanainn gu bheil an t-eilean meadhanach torrach agus ’s e obair fearainn a bh’ aig na daoine a bha a’ fuireach ann. Ach, aig deireadh an ochdamh linn deug, bha an t-uachdaran ag iarraidh rudeigin eile fhàs ann, seach feur. Craobhan-daraich. Chaidh na mìltean dhiubh a chur. Carson? Uill, aig an àm sin, bhathar a’ cleachdadh leathar airson criosan no bealtaichean tionnsgalach a dhèanamh. Bha factaraidhean ann an àiteachan mar Ghlaschu feumach air tòrr de a leithid. Agus ’s e rùsg nan darach a bhathar a’ cleachdadh airson cartadh a dhèanamh air an leathar. ’S e cartadh am pròiseas anns am bi leathar air a dhèanamh sùbailte. Bha na stuthan cartaidh no “tannins” a’ tighinn bho rùsg na craoibhe-daraich.
Mar sin, tron naoidheamh linn deug, bha Innis Caillich air a còmhdachadh le coille daraich. Agus tha fhathast. Tha a’ choille air a dhol rudeigin nàdarrach bhon uair sin agus an-diugh tha i gu math brèagha. As t-earrach tha bròg na cuthaig – no am fuath-mhuc – uabhasach fhèin pailt. Ma chromas tu sìos air latha brèagha earraich, mus nochd an raineach, agus bròg na cuthaig fo bhlàth, chan eil dad nas brèagha ann. Tha e mar gun robh ceò purpaidh air a sgaoileadh air ùrlar na coille.
Thàinig an teaghlach agam cuide rium don eilean air an deireadh-sheachdain, às dèidh gun robh m’ obair seachad. Fhad ’s a bha mise a’ cumail sùil air a’ bhàta, chaidh iadsan air
chuairt air feadh an eilein. Cha tuirt mi guth ro làimh mu bheathach sònraichte a tha a’ fuireach ann. Uill, nach tàinig iad air ais thugam le sgeul mu dheidhinn.
“Chunnaic sinn rudeigin mòr bàn. Bha e coltach ri gobhar,” thuirt iad.
“Seadh,” fhreagair mi, “Bha mi an dùil gum faiceadh, ach chan e gobhar a bh’ ann.”
“Dè bh’ ann ma-thà?”
Innsidh mi dhuibh uile an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Sat 6 Oct 2007 10:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.