Plana Nàiseanta 2012-2017
Thàinig Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, gu Bunsgoil Stenhouse ann an Dùn Èideann an-diugh airson Plana Nàiseanta Cànain Gàidhlig fhoillseachadh airson nam bliadhnaichean 2012 gu 2017.
Cha tèid mi tro gach puing dhe, ach gabhaidh a leughadh uile an seo.
A-rithist, tha e a' cur cuideam air foghlam.
Tha Bòrd na Gàidhlig airson an àireamh de sgoilearan a thòiseachas foghlam Gàidhlig gach bliadhna a dhùblachadh gu 800.
Cuideachd, tha iad airson 's gum bi 3000 inbheach a' togail na Gàidhlig - suas bho mu 2000 an-dràsta.
A bharrachd air a sin, tha am plana ag ràdh gum bu chòir barrachd sheirbhisean a thoirt seachad anns a' Ghàidhlig ann an sgìrean far a bheil co-dhiù 20% dhen t-sluagh ga bruidhinn.
Crìonadh
Tha Riaghaltas na h-Alba airson stad a chur air crìonadh luchd-labhairt na Gàidhlig ro 2021.
An-diugh, thuirt cathraiche a' Bhuird, Ealasaid Nic an t-Saoir gun robh an dà chuid 'spàirn' agus 'stòras' a dhìth.
Dh'fhaighnich mi do mhinistear na Gàidhlig, Alasdair Allan, cò às a thigeadh an t-airgead sin aig àm nuair a bha uallach mòr air an sporan phoblach.
Gabhaidh èisteachd ris an agallamh air fad an seo.
Ach am bi seo gu leòr?
'S e ur beachd fhèin an rud as cudromaiche.
PS.
'S e seo an là mu dheireadh aig a' Phàrlamaid airson an t-samhraidh.
Bidh am blog seo a' gabhail fois cuideachd - deagh shaor-làithean dhuibh uile.