Geall Chamshroin
Chan fhurasta a bhith nad Thòraidh ann an Alba anns an là an-diugh.
Anns an òraid aige ro cho-labhairt Albannach a' phàrtaidh air a' mhadainn, dh'aidich Dàibhidh Camshron sin.
Cha do chuir Alba ach aon bhall-pàrlamaid Tòraidheach gu Westminster ann an 2011 agus chunnaic iad an toradh Albannach a bu mhiosa a-riamh an-uiridh.
A dh'aindeoin sin, thàinig dòchas gu leòr bhon phrìomhaire nuair a bhruidhinn e ri a chàirdean Albannach anns an Truthail.
Tha Mgr Camshron dòchasach gum buannaich taobh an Aonaidh an referendum air neo-eisimeileachd.
Agus, as dèidh sin, tha e an dòchas gu bheil cothrom aig a' phàrtaidh aige fàs ann an Alba a-rithist.
Misneachd
As aonais Alba, bhiodh e na b' fhasa dha mòrchuid Thòraidheach fhaighinn ann an Taigh nan Cumantan.
Gu dearbh, b' urrainn a ràdh gur e fàiligeadh nan Tòraidhean Albannach cur ris na bha aca de sheataichean a thug air Mgr Camshron taic Nick Clegg iarraidh gus faighinn tro dhoras dubh Àireamh a Deich.
Ach 's e fear-taic an Aonaidh a tha ann - na chridhe agus na cheann.
Chan eil Mgr Camshron airson àite a choisinn dha fhèin anns na leabhraichean-eachdraidh mar phrìomhaire mu dheireadh Rìoghachd Aonaichte anns an robh Alba.
Tha misneachd gu leòr aig Mgr Camshron gun gabh an referendum a bhuannachadh.
Ach, tha fios aige nach bi sin gu leòr.
Moraltachd
Fhad 's tha cothrom aig pàrtaidh an Rìoghachd Aonaichte a' riaghladh gun thaic na h-Alba, thig ceist neo-eisimeileachd gu bàrr.
Tha sin a' fàgail gu bheil ceangal eadar slàinte a' phàrtaidh Thòraidhiche ann an Alba agus neart an Aonaidh eadar Alba agus Sasainn.
Tha Mgr Camshron a' tuigsinn sin.
Mar sin, tron òraid aige an-diugh dh'fheuch e ri ceangal a dhèanamh eadar feallsanachd nan Tòraidhean agus cultar, fiù 's moraltachd na h-Alba.
Thuirt e gun robh prionnsabail Tòraidheach - leithid stuaim, cathranais agus gnìomhachais - nam prionnsabail Albannach cuideachd.
B' e an dùbhlan toirt air daoine gabhail ri sin, agus dachaigh fhaighinn leis a' phàrtaidh aigesan.
Geall
Nuair a bhios Mgr Camshron a' coimhead air na cunntasan-bheachd, chì e nach eil neo-eisimeileachd a' faighinn taic bho mhòrchuid de dh'Albannaich.
Mura gluais iad - agus tha Ailig Salmond a' creidsinn gun gluais - tha duais mhòr air fàire dha:
Bhiodh esan na phrìomhaire a shabhail an Rìoghachd Aonaichte fhèin.
Chan eil e a' creidsinn gu feum pasgan soilleir de chumhachdan a thabhainn do dh'Albannaich gus toirt orra an duais sin a thoirt dha, agus e ag ràdh an-diugh gun robh sin na cheist airson na h-ùine as dèidh an referendum.
Ach tha Mgr Camshron a' cur geall mòr air a mhisneachd gu bheil e ceart.
Agus tha an nàmhaid aige anns an t-sabaid seo gu math measail air na h-eich cuideachd.