Cur na ceist
Tha fios againn a-nis dè a' cheist a tha Ailig Salmond airson a chur ri muinntir na h-Alba anns an referendum.
A rèir an riaghaltais, 's e seo dreach Gàidhlig dhith:
A bheil thu ag aontachadh gum bu chòir Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?
Chan eil fhios againn fhathast an tèid a' cheist a chur anns a' Ghàidhlig.
Tha mi tuigsinn nach do chuir Riaghaltas na h-Alba sin romhpa fhathast.
Ach, bidh cothrom aig daoine argamaid a dhèanamh airson ceist Gàidhlig anns a' cho-chomhairleachadh a thòisicheas an-diugh.
Taic
'S dòcha gun cuir cuid dhuibh beachdan air adhart air seo.
Ach tha aire an SNP air rudan eile.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' sireadh bheachdan, mar eisimpleir, ach cò a bu chòir bhòtadh agus iad airson an cothrom a thoirt do dhaoine a tha 16 agus 17 bliadhna dh'aois.
Ach 's e an rud as cudromaiche dhaibh taic fhaighinn bhon t-sluagh airson dàrna ceist air tuilleadh chumhachdan taobh a-staigh an Aonaidh.
Mar sin, cha tòisich an còmhradh ceart eadar an dà riaghaltas ro dheireadh a' cho-chomhairleachaidh, anns a' Chèitean.
Ach ghabh Mgr Salmond ceum mòr adhart an-diugh, a dh'ionnsaigh na bhòt as cudromaiche na bheatha.