Bho bhàrdachd gu rosg
B' e Mario Cuomo, riaghladair New York bho 1983 gu 1994, a thuirt gum bi luchd-poileataigs ag iomairt ann am bàrdachd, ach a' riaghladh ann an rosg.
An-diugh, chaidh iarraidh air a' phrìomh mhinistear gluasad bho bhàrdachd na h-iomairt gu rosg na pàrlamaid ùir.
Thàinig Ailig Salmond gu Holyrood an-diugh gus lèirsinn an riaghaltais fhoillseachadh airson na bliadhnaichean a tha romhainn.
Cha d' fhuair sinn clàr reachdais an-diugh - bidh againn ri feitheamh gu ruige an fhoghair airson sin.
An àite sin, dh'fheuch Mgr Salmond ri feallsanachd an riaghaltais ùir a dhleabhachadh, gus na h-amasan a bhios gan stiùireadh a chur fa chomhair na pàrlamaid.
Dh'fheuch e cuideachd ris an deasbad air neo-eisimileachd a chur taobh a-staigh na feallsanachd sin.
Slighe eile
A-rèir Mhgr Salmond, cha robh neo-eisimileachd na h-amas air a son fhèin, ach na h-inneil airson coimhearsnachd na b' fheàrr a chruthachadh.
An àite na coimhearsnachd mòire aig Dàibhidh Camshron, bhruidhinn Ailig Salmond mu dheidhinn coimhearsnachd cothromaiche, le cùmhnant sòisealta ùr eadar muinntir na h-Alba agus an fheadhainn a bha gan riaghladh.
Dh'fheuch e ri slighe eile a dhealbhachadh, slighe Albannach a bha eadar-dhealaichte bhon tè a bha a' cho-bhanntachd a leantainn mu dheas.
Fon chùmhnant sin eadar pobal agus pàrlamaid, dheidheadh taic a chur ri daoine tro sheirbhisean - leithid foghlaim agus slàinte - a bhiodh saor an asgaidh don a h-uile duine.
Gus pàigheadh airson sin, dheidheadh reòthadh a chur air tuarasdail na roinne poblaiche, agus sàbhalaidhean a bharrachd a lorg gach bliadhna.
An uair sin, bha Mgr Salmond an dòchas, nach deidheadh daoine a chur far an dreuchdan an aghaidh an toil fhèin.
Gearradh
'S i a' cheist am bi sin gu leòr airson na seirbhisean seo a mhaoineachadh gun toirt air daoine pàigheadh air an son.
Thuirt ceannard nan Làbarach, Iain Gray, gun robh reòthadh thuarasdal na ghearradh as dèidh na h-atmhorachd agus nach b' urrainn do luchd-obrach na roinne poblaiche an t-uallach sin uile a ghiùlan leotha fhèin.
Anns an fhreagairt aicese, chuir ceannard nan Tòraidhean Annabel Goldie, an t-uallach air an roinn phrìbhitiche gus cosnaidhean ùra a chruthachadh agus eaconomaidh na h-Alba a chur am feabhas.
Ach tha na dùbhlanaich uile teagmach gum bi gu leòr anns an sporan nuair a bhuaileas na gearraidhean do bhuidseat na h-Alba oirrn.
'S e freagairt Ailig Salmond gu bheil cumhachdan iomhais ùra a dhìth gus a' bheàrn seo a lìonadh.
Ged a bu choltach a-raoir gun cuireadh Vince Cable taic ri barrachd chumhachdan, tha an còrr dhen riaghaltas aig Westminster a' coimhead fada nas teagmaiche.
Referendum
Air neo-eisimileachd fhèin, dh'iarr Iain Gray agus Annabel Goldie air Mgr Salmond barrachd innse dhuinn mun referendum.
Cùine a bhitheas e? Cia mheud ceist? Dè bhios annta?
Tha Mgr Salmond air a ràdh mar-thà gun tèid an referendum a chumail anns an dàrna phàirt dhen phàrlamaid seo as dèidh don riaghaltas cothrom fhaighinn Bile na h-Alba a neartachadh.
Dh'fhaodadh sin fàgail sin gun deidheadh ceist (no ceistean) a chur air muinntir na h-Alba ann an 2014 no 2015.
Anns an eadar-ama, tha aig an SNP ri sealltainn gur urrainn dhaibh riaghladh leis na cumhachdan a tha aca agus a' mhòrchuid a thugadh dhaibh aig an taghadh.
Is fheàrr leam fhìn bàrdachd na rosg - ach uaireanan, 's e an rosg an rud as duilghe.