Am facal mu dheireadh?
Nuair a chaidh bomaire Locarbaidh a shaoradh ann 2009 bha beachd aig a h-uile duine mu dhèidhinn.
Carson nach biodh? 's i an ionnsaigh ceannairc bu mhiosa air Breatainn a-riamh, anns an do bhàsaich 370 duine.
Ach chum Gòrdan Brown a bheachd am falach agus e ag ràdh gur e cùis do mhinistearan Albannach a bha innte a-mhàin.
Tha dearbhadh againn a-nis ge-tà, gun robh beachd aig Riaghaltas Bhreatainn, fear a bha gu math eadar-dhealaichte bho na dh'fhoillsich an càirdean Làbarach aig Holyrood.
A-rèir aithisg ùir le Rùnaire a' Chaibineit, Gus O'Donnell, bha an riaghaltas mu dheireadh airson 's gun dèidheadh Abdelbasset ali Mohmed al-Megrahi a shaoradh.
Ach aig a' cheart àm, ge-tà, fhuair e nach robh fianais gun do dh'iarr Riaghaltas Ghòrdan Brown air an SNP sin a dhèanamh.
Aire
A dh'aindeoin sin, dh'innis Dàibhidh Camshron do Thaigh nan Cumantan gum bu chòir don riaghaltas mu dheireadh bruidhinn a-mach an aghaidh saoradh Mhegrahi.
Agus, thuirt e nach robh an aire air a' cheist as cudromaiche nuair a bha iad a' smaoineachadh air a' chùis seo.
Sin, am bu chòir dhaibh taic a thoirt do shaoradh an aon duine a dhìteadh airson na h-ionnsaigh ann an Locarbaidh?
Tha na pàipearan a chaidh fhoillseachadh an-diugh a' sealtainn gun robh dragh air Riaghaltas Bhreatainn mu na thacradh nam bàsaicheadh al-Megrahi ann am prìosan Albannach.
Cha robh Dàibhidh Camshron a' stiùireadh an riaghaltais aig an àm seo.
Ach nan robh, am biodh e deònach a chluaisean a dhùnadh ris a' chomhairle sin agus iarraidh air an riaghaltas Albannach Megrahi a chumail an grèim?
Cealgearachd
Thuirt Ailig Salmond gun robh Riaghaltas na h-Alba gu ìre mhath toilichte leis na chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Tha Mgr Salmond agus an SNP air prìs phoileataigeach a phàigheadh airson saoradh Mhegrahi mar-thà agus chì sinn a dh'aithghearr an toir sin buaidh orra aig an taghadh Albannach.
Ach, an-diugh, chuir e air na Làbaraich ann an Alba gun robh iad ri cealgaireachd air a' chùis.
Thug iad slaic mhòr air an SNP airson saoradh Mhegrahi aig an àm - ach an-diugh thàinig an dearbhadh gun robh Riaghaltas Ghòrdan airson a h-uile càil a dhèanamh cinnteach gun tacradh sin.
Anns an eadar-ama, tha bomaire Locarbaidh fhathast beò ann an Tripoli.
Thuirt am prìomhaire nach biodh rannsachadh ùr an-diugh. Ach cha tig am facal mu dheireadh cho fada a mhaireas Megrahi fhèin.