Co-labhairt nan Lib Deamach: Nick Clegg
Bu choltach gun robh na bha an làthair gu ìre mhath toilichte leis na chuala iad bho Nick Clegg agus e a' gabhail òraid ro cho-labhairt nan Lib Deamach mar cheannard agus mar leas-phrìomhaire.
Tha na Lib Deamaich a-nis ann an cumhachd aig Westminster airson a' chaid uair riamh, agus an treas pàrtaidh anns an riaghaltas airson a' chiad uair on dàrna chogadh.
Ach tha feadhainn dhiubh fhathast draghail mun cho-bhanntachd leis na Tòraidhean agus eagal air cuid gun tèid am peanasachadh gu mòr air a shon nuair a thèid an luchd-bhòtaidh air ais do na bogsaichean-baileit.
Chan fhada gus an tachair sin leis na taghaidhean Albanach agus Cuimreach, agus taghaidhean ionadail ann an Sasainn air fàire an ath-bhliadhna.
B' fheudar do Mhgr Clegg mìneachadh carson a chuir e roimhe riaghaltas a chruthachadh leis na Tòraidhean anns a' chiad dol a-mach.
Agus b' fheudar dha adhbhar a thoirt don phàrtaidh aige cumail a' dol leis.
Duais
Dh'innis Mgr Clegg nach robh roghainn eile aca.
Cha robh na h-àireamhan ceart airson aonta leis na Làbaraich, fiù 's nan robh iad aonaichte agus deònach aonta a ruighinn.
Agus nan diùltadh iad an cothrom a ghabhail gus riaghaltas a chruthachadh, thuirt e, cha bhiodh cliù sam bith aca leis an luchd-bhòtaidh.
Dh'aidich Mgr Clegg gun robh bliadhnaichean duilich ron phàrtaidh agus ron dùthaich, le gearraidhean mòra air fàire do na bhios an riaghaltas a' cosg.
Ach thuirt e gun robh duais mhòr ann dhaibh - dùthaich nas fheàrr agus nas libearalaich.
'S i a' cheist an tachair sin, agus an tèid taing a thoirt do na Lib Deamaich ma thachras.