Beachdan RET: Fuaim
Seo dìreach cuid dhe na beachdan a tha air nochdadh mar-thà mu cho-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba sgeama RET do na h-Eileanan Siar, Tiriodh agus Colla a chumail a' dol gu 2012.
An toiseach bhon SNP, seo Alasdair Allan (Gàidhlig), BPA nan Eilean Siar. Chuir e fàilte air an naidheachd, ann an agallamh le Iain Mac IllEathain.
Chan eil a h-uile duine toilichte, ge-tà. Seo BPA Arcaibh, an Lib Deamach Liam McArthur (Beurla), ag innse do Radio Arcaibh gum bu chòir do Mhinistear na Còmhdhail, Stewart Stevenson, a dhreuchd a leigeal seachad.
Agus, seo Lib Deamach eile, Robin Currie (Gàidhlig), Comhairliche Chinn Tìre, Ìle 's Diùraidh. Tha esan feargach nach tèid an sgeama a leudachadh air feadh Earra-Ghàidheal. Bha esan a' bruidhinn ri Eileen Nic Dhòmhnaill.
Dè na bheachdan agaibh fhèin, ge-tà?
Tuilleadh tron là.