Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Trot mu mheud chlasaichean Gàidhlig

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-08-06, 19:45

Dh'èirich trot eile an-diugh mu pholasaidh Riaghaltas na h-Alba air clasaichean sgoile.

Ach an turas-sa, 's ann mu chlasaichean tro mheadhan na Gàidhlig a tha e.

'S e polasaidh an riaghaltais nach bi nas motha na 25 sgoilear anns gach clas anns na ciad trì bliadhnaichean anns a' bhunsgoil.

B' fheudar do sheann Rùnaire an Fhoghlaim, Fiona Hyslop, a dreuchd fhàgail as dèidh uallaich bho na dùbhlanaich mu dheidhinn a' pholasaidh sin.

A-nis, tha iad a' sireadh bheachdan air am bu chòir don àireamh sin a bhith na chrìoch laghail airson na ciad bliadhna.

Agus, tha iad a' faighneachd a bheil crìoch nas lugha - 15 sgoilear anns gach clas - a dhìth airson chlasaichean Gàidhlig.

"Mì-chothromach"

A-rèir labhraiche foghlaim nan Làbarach, Des McNulty, cha bhiodh sin idir cothromach do dhaoine aig nach eil a' Ghàidhlig.

Tha Mgr McNulty ag ràdh gu bheil buidhnean eile aig a bheil feum air taic shònraichte agus nach bu cheart a toirt do chlasaichean Gàidhlig a-mhàin.

Ach tha Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, ag ràdh gu bheil clasaichean nas lugha a dhìth do fhoghlam Gàidhlig.

Na bheachd, tha na thuirt Des McNulty an-diugh dìreach "an aghaidh na Gàidhlig".

Tha na Làbaraich a' dol as àidhcheadh sin.

Tha an sgeulachd air fad air An Là air BBC Alba a-nochd aig 8f.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.