Tro dh'iomairt an taghaidh cha robh na pàrtaidhean poileataigeach airson cus a ràdh mu na gearraidhean a tha ri teachd.
Cha robh tòrr fiosrachaidh a bharrachd anns an òraid a ghabh am prìomhaire ann am Milton Keynes.
Chan fhaigh sinn am fiosrachadh as mionaidiche gus am foillsich an seansalair buidseat na h-eiginn air an 22ra den mhìos.
As dèidh sin, bidh sgrùdadh làn air na bhios an riaghaltas a' cosg as t-fhoghar.
Ach, ged nach d' fhuair sinn tòrr fiosrachaidh ùir bho Dhàibhidh Camshron an-diugh, bha blas anns an òraid de na tha ri teachd.
Is follaiseach gur e amanan duilich a tha air fàire.
Càineadh
Chuir Mgr Camshron tòrr ùine seachad a' càineadh an riaghaltais mu dheireadh airson droch staid na h-eaconomaidh.
Bu choltach gun robh Mgr Camshron fhathast na dhùbhlanach, seach na phrìomhaire.
Ach, dh'fhaodadh tu tuigsinn carson a b' fheudar do Mhgr Camshron sin a dhèanamh.
Cha do bhuannaich na Tòraidhean an argamaid air gearraidhean aig an taghadh, agus a' mhòr-chuid de dhaoine a bhòtadh airson phàrtaidhean nach robh airson gearraidhean a dhèanamh am bliadhna-sa.
('S e rud duilich a tha seo airson nan Lib Deamach, a tha air am beachd atharrachadh, thuirt Nick Clegg an-dè, as dèidh dha sùil a thoirt air duilleag-tomhais na dùthcha).
Mar sin dheth, tha dreuchd mhòr don cho-bhanntachd taic fhaighinn airson nan gearraidhean bhon mhòr-sluagh.
Eaconomaidh
Thuirt Mgr Camshron gun robh staid na h-eaconomaidh fiù 's nas miosa na shaoil e.
Agus, gus dèiligeadh rithe, thuirt e gun robh gearraidhean a dhìth a bheireadh buaidh air a h-uile duine ann am Breatainn.
Gu dearbh, thuirt e, bhiodh iad ag atharrachadh ar dòigh-beatha ar fad.
Gu h-àraid, tha Mgr Camshron den bheachd gu bheil an roinn phoblach ro mhòr - 's coltach gu bheil gearraidhean, reòthaidhean pàighidh agus call chosnaidhean air fàire.
Thuirt am prìomhaire gun deidheadh na gearraidhean a dhèanamh ann an dòigh a bha fosgailte, cùramach agus cothromach.
'S ann air sin fhèin a thèid an riaghaltas a bhreithneachadh.
Alba
Ged a tha smachd aig Holyrood air a' mhòr-chuid den roinn phoblaich ann an Alba, bidh gearraidhean mu dheas a' ciallachadh ghearraidhean mu thuath.
Tha Seòras Osborne air a ràdh nach tèid buidseat na h-Alba airson na bliadhna seo atharrachadh.
Ach as dèidh an sgrùdaidh as t-fhoghar bidh fios againn dè thachras do bhuidseat na h-ath-bhliadhna.
Chan eil teagamh gum bi nas lugha aig an riaghaltas ann an Dùn Èideann ri cosg as dèidh an taghaidh Albannaich.
Sin cho fad 's nach eil cumhachdan ùra aig Holyrood cìsean a thogail agus an eaconomaidh a chur am feabhas.
Saoil dè mu dhèidhinn a bhios Ailig Salmond airson bruidhinn nuair a choinnicheas e ri Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, a-nochd?