Sgìrean targaid: Na h-Eileanan an Iar
Ged a tha e fad air falbh, bheir na co-dhùnaidhean a thèid a dhèanamh ann an Taigh nan Cumantan buaidh mhòr air coimhearsnachdan nan Eilean Siar.
An turas-sa, b' urrainn do thoradh an taghaidh anns na h-Eileanan buaidh a thoirt air Westminster cuideachd.
Ghabh Aonghas Brianan MacNeil an seat seo ann an 2005.
Ach tha a' bheàrn eadar an SNP agus na Làbaraich nas lugha na 1500 bhòt.
Chaidh còrr is 1000 bhòt don a' phàrtaidh Chrìosdail aig an taghadh mu dheireadh.
Ach an turas-sa, bidh cùisean airgid co-dhiù cho cudromach 's a bhios cùisean spioradail.
Connadh
Anns a' phàrlamaid mu dheireadh dh'fhàs Mgr MacNeil ainmeal airson aire a thoirt do sgainneal nan urraman. Ach chan ann mu dheidhinn sin a tha e a' bruidhinn aig an taghadh seo.
Chàin Mgr MacNeil am pàrtaidh Làbarach mu phrìs àrd a' chonnaidh, ag ràdh gun do thuig daoine gun robh cìsean connaidh fo smachd an riaghaltais aig Westminster.
Tha na Lib Deamaich airson cìsean connaidh a chur suas - ach a-rèir tagraiche a' phàrtaidh, Jean Davis, tha coimhearsnachdan iomalach leithid nan Eileanan Siar ann an suidheachadh eadar-dhealaichte.
'S e an dòchas a tha aicese gun toir muinntir nan Eilean taic ri polasaidh a' phàrtaidh prìsean a chumail sìos ann an àiteachan far nach gabh carbadan a sheachnadh.
Tha draghan mu dheidhinn chosnaidhean aig cridhe an taghaidh anns na h-Eileanan - ach ciamar a ghabhas eaconomaidh na sgìre a bhrosnachadh?
A-rèir tagraiche nan Làbarach, Dòmhnall Iain MacSuain, is esan an duine leis a' phlana as fheàrr airson sin dhèanamh.
Cliù
Ach a bheil daoine a' creidsinn gu bheil comas aig tagraiche sam bith cùisean a dhèanamh nas fheàrr?
Thuit cliù luchd-poileataigs gu mòr ri linn sgaineal nan cosgaisean - rud a chuireadh na Tòraidhean ceart, a-rèir tagraiche a' phàrtaidh Sheena Norquay.
Ach, b' urrainn do fhearg le buill-pàrlamaid cothroman a thoirt do thagraichean eile.
Tha an neo-eisimileach, Murchadh Moireach - a sheas roimhe airson a' phàrtaidh Chrìosdail - den bheachd gu bheil sinn ann an suidheachadh sònraichte an turas-sa.
Ann an dòigh, tha poileataigs nan Eilean Siar eadar-dhealaichte bhon chòir den dùthaich.
Ach, ann an dòigh eile, tha i gu math coltach ri poileataigs na h-Alba air fad - dà phàrtaidh a' sabaid airson làmh-an-uachdair, ach dh'fhaoidte gur e a' bhòt airson nan daoine eile a nì an diofar eatorra.
Bidh aithris shònraichte às na h-Eileanan an Iar air An Là, air BBC Alba a-nochd aig 8f. Bidh an treas aithris - à Inbhir Nis - air a' phrògram a-màireach.