Slighe air adhart airson deasbadan?
Tha ceannardan an SNP air a bhith glachte ann an coinneamhan leis a' BhBC agus STV mu dheasbadan telebhisein an taghaidh.
Sgrìobh mi roimhe gun robh na Nàiseantaich mì-thoilichte le plana nan craoladairean - am BBC, ITV agus SKY - deasbadan a chumail às an aonais.
B' e plana nan craoladairean deasbadan a chumail eadar Gòrdon Brown, Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg, le deasbadan fa leth airson Alba, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath.
As dèidh coinneamh leotha an-diugh, tha am BBC ag ràdh gun toir iad sùil air molaidhean an SNP, an dà chuid mu na deasbadan mòra agus mun deasbad Albannach.
Thuirt comhairliche phoileataigeach a' BhBC, Ric Bailey, gun robh na coinneamhan feumail.
Tha e coimhead coltach gu bheil an dà thaobh a' lorg aonta agus gu faodadh slighe air adhart a bhith ann.
Molaidhean
Ach dè dìreach a tha anns na molaidhean sin?
Tha an SNP a' moladh deasbad a bharrachd far am biodh Mgr Salmond agus ceannard Phlaid Cymru Ieuan Wyn Jones a' deasbad le Mgr Brown, Mgr Camshron agus Mgr Clegg.
Bhiodh aca ri deasbad a chumail air cùisean Albannach agus Cuimreach.
Sin an àite na bha na craoladairean a' moladh, far am biodh Mgr Salmond aig a' bhòrd le ceannardan Albannach nam pàrtaidhean eile.
Thuirt Mgr Salmond gun robh e a' feitheamh airson freagairt bhon BhBC.
Chì sinn a dh'aithgheàrr an e slighe air adhart a tha seo.
BeachdanFàg beachd
Is there an English translation for any of this?
Is there an English translation to this page?