Deasbad nan deasbadan
Car eile an-diugh ann an deasbad nan deasbadan a tha air fàire ann an iomairt an taghaidh.
'S e plana nan craoladairean BBC, ITV agus SKY trì deasbadan a chumail le ceannardan nam pàrtaidhean as motha aig Westminster.
A bharrachd air na deasbadan eadar Gòrdon Brown, Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg, bidh deasbadan fa leth airson Alba, na Cuimrigh agus Èirinn a Tuath.
'S e argamaid nan craoladairean gur iad na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich a-mhàin a bhios a' seasamh ann an gach sgìre ann am Breatainn (ach chan ann an Èirinn a Tuath).
Cha b' urrainn, tha iad ag ràdh, do cheannard pàrtaidh eile a bhith na phrìomhaire as dèidh an taghaidh.
Mar a bhiodh dùil, chan eil a h-uile duine idir riaraichte le sin.
Cothrom na fèinne
As dèidh coinneamh sònraichte aig Westminster an-diugh, dh'aontaich an SNP agus Plaid Cymru sùil ùr a thoirt air na polasaidhean craolaidh aca.
Aig an ìre-sa, tha na nàiseantaich Albannach agus Cuimreach a' cur taic ri cìs an telebhisein - ach an-diugh thuirt iad gu faodadh sin atharrachadh.
Thuirt ceannard Phlaid Cymru aig Westminster, Elfyn Llwyd, nach faigheadh luchd-pàighidh na cìse anns a' Chuimrigh agus an Alba cothrom na fèinne mura cuala iad bho Phlaid agus bhon SNP anns na deasdadan mòra.
Am beachd Aonghais Robasdan, bha na craoladairean, còmhla ris na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich, a' feuchainn ri 'dùthchanan làn' a chumail a-mach às na deasbadan seo.
Air Twitter, tha an SNP a-nis ag ràdh a-rithist gu feum craoladh a bhith fo smachd Holyrood seach Westminster.
Mura tèid aonta a ruighinn leis na nàiseantaich, dh'fhaodadh seo dol don chùirt.