A' feitheamh air a' ghunna tòiseachaidh...
Tha an dà phàrlamaid - agus am blog seo - nam fosadh.
Ach shaol mi gum bu chòir dhomh beagan a sgrìobhadh mun òraid a bheir Gòrdon Brown seachad ann an Conventry Disathairne.
Tha sinn a' tuigsinn gum foillsich am Orìomhaire na ceithir cuspairean a bhios aig cridhe iomairt a' phàrtaidh Làbaraich san taghadh choitcheann.
'S iad:
- dèanamh cinnteach gun lean am feabhas anns an eaconomaidh
- dìon sheirbheisean bunaiteach
- toirt taic don mhòr-chuid
- dìon chosnaidhean anns an àm ri teachd.
Iomairt
Bidh na roinneagan mòra bhon phàrtaidh an làthair; Alistair Darling, Peter Mandleson agus Alan Johnson nam measg.
Chan eil dùil gun tèid là an taghaidh fhoillseachadh, ach tha e soillear gu bheil Mgr Brown a' cur iomairt nan Làbarach air cois.
Dè seòrsa iomairt a bhios innte ge-tà?
Shaoladh sibh gum biodh gach pàrtaidh a' bruidhinn mun eaconomaidh, seirbheisean agus cosnaidhean.
Ach thoiribh sùil air an treas chuspair.
Ma tha na Làbaraich a' toirt taic don mhòr-chuid dè tha iad ag innse dhuinn mu na Tòraidhean?
Cogadh nan Clasaichean
Tha Mgr Brown air dualchas Dhàibhidh Chamshron a chleachdadh na aghaidh roimhe.
Thuirt e gun deach polasaidhean a' phàrtaidh aige a chruthachadh air roinnean-cluiche Eton.
A bheil na Làbaraich airson 's gur e cogadh nan clasaichean a bhios ann an iomairt an taghaidh?
Cha do dh'obraich sin cho math ann am fo-thaghadh Chrewe agus Nantwich.
Ach dh'fhaoidte gum bi daoine nas deònaiche èisteachd ri seo agus tòrr dhaoine a' fullaing mar thoradh air droch staid na h-eaconomaidh.
Anns an eadar-ama, tha sinn uile dìreach a' feitheamh air a' ghunna tòiseachaidh.